An Siorram Alasdair MacNeacail. ‘The excellent likeness prefixed to this volume is from a photograph taken by his friend, Mr. A. P. Henderson, Glasgow.’ Alexander Nicolson; Walter Smith, Verses, with Memoir (Dùn Èideann: David Douglas, 1893), td. 22; Duilleag-thiotail a’ chiad eagrain de chruinneachadh sheanfhaclan Alasdair MhicNeacail, A Collection of Gaelic Proverbs and Familiar Phrases … Leugh an corr An Siorram Alasdair MacNeacail agus na Croitearan Sgitheanach (1882)
Category: Rosg
‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa
An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa
A’ Phalastain ann an ‘Life and Work’ (1917–1946)
‘Gasa’ (1917) anns na Duilleagan Gàidhlig, Life and Work; Sgioba Ghunnairean Lewis anns an 7mh Cath-bhuidheann, Na h-Albannaich Rìoghail, dìreach ro Threas Blàr Baile Ghàsa, 1 Samhain 1917. Tùs na deilbh an seo. Chruthaich iad ‘ifrinn air thalamh’. ‘Bha an gnìomharan cho borb agus gu bheil iad duilich an creidsinn. Tha e do-chreidsinn do dhaoine … Leugh an corr A’ Phalastain ann an ‘Life and Work’ (1917–1946)
‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)
Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920). Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha na colbhan seo leis an Dr Gavin Brown Clark (1846–1930), gun … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)
Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)
Tha mi air a bhith a’ leughadh tro na colbhan aig Ceiteag M. NicGhriogair (a shiubhail ann an 2011), ‘Naidheachdan o’n Chroit’ a nochd ann an Gairm eadar na 1960an agus 1970an. Tha iomadach rud ùidhmhor a’ togail ceann anns na sgrìobhaidhean aig NicGhriogair, agus i gu tric a-mach air beatha làitheil na croitearachd, atharrachaidhean … Leugh an corr Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)
Gàidheal ann an Gaza, 1945–47
Saighdearan Roinn-fheachd Adhair 6 (6th Airborne Division) ann am Mandat Breatannach na Palastaine a’ dearbhadh cairtean-aithne dhaoine air sràid ann an Tel Aviv às dèidh aimhreit a thachair 14 Samhain 1945. (An dealbh san àrainn phoblaich: Taigh-tasgaidh Ìmpireil a’ Chogaidh). Chan eil mi air cur ris a’ bhloga seo airson ùine mhòr. Tha mi cho … Leugh an corr Gàidheal ann an Gaza, 1945–47
‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)
Máirtín Ó Cadhain (1906–1907). An ìomhaigh bhon seo. Air an latha seo, 18 Dàmhair 1970, shiubhail fear de na sgrìobhadairean Gaeilge a bu chudromaiche dhen 20mh linn, Máirtin Ó Cadhain. Às an Spidéal ann an Conamara, 's e Poblachdach daingeann a bh' anns a' Chadhnach. Chuir e seachad bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh ann an campa-prìosain … Leugh an corr ‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)
“Buaidh le Mi-Riaghailt” (Samhain 1887)
Gràbhalachd ainmeil 'The Anarchists of Chicago' le Walter Crane (1845–1915), a' sealltainn an ochdnair anargach a bh' air an dìteadh ann an 1886. Tùs na h-ìomhaigh an seo. Air an latha seo, 11 Samhain 1887, chrochadh ceathrar anargach ann an Chicago: George Engel, Adolph Fischer, Albert Parsons, agus August Spies. Chaidh na fir seo agus … Leugh an corr “Buaidh le Mi-Riaghailt” (Samhain 1887)
‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)
A rèir coltais, seo dealbh de bhriseadairean-stailce ann an Glaschu a' cur bus air ais air an rathad às dèidh buaireadh ri linn na Stailc Choitchinn ann an 1926. Bu mhath leam barrachd fianais mun sgeulachd, ge-tà.Tùs na deilbh an seo. Tha e doirbh cunntasan Gàidhlig a lorg air cuid de thachartasan, fiù ’s tachartasan … Leugh an corr ‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)
‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)
Camshronaich anns an t-Sudàin mu àm Blàr Atbara, 8 Giblean 1898.Tùs na deilbh an seo. Seo tè dhe na h-òraidean anmoch aig Iain MacMhuirich ann an Gàidhlig. Sgrìobh e i ann an 1898 agus chaidh a lìbhrigeadh ann an Céilidh nan Gàidheal ann an Glaschu, 12 Samhain 1898. Cha robh e fhèin an làthair, air … Leugh an corr ‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)










