Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

  Sgrìobh mi na bu tràithe mu na ‘Yahie miners’ ann an Ceap Breatainn. Ann am beagan fhaclan, ’s e mèinneadairean sealach no ràitheil a bha annta; Gàidheil à sgìrean dùthchail san eilean, nach robh stèidhichte sna bailtean-mèinneadaireachd agus a bha, mar sin, buailteach stailcean a bhriseadh. Bhruidhneadh iad mu bhith a’ tilleadh dhachaigh, agus … Leugh an corr Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

‘Òran nan Councillors’, le Sìne NicDhòmhnaill (Mu Dheireadh an 19mh Linn no Toiseach an 20mh Linn)

  Bardachd O Lamh-Sgriobhaidhean Cyril Dieckhoff Air a deasachadh le ANNA NICCOINNICH (Obar-Dheadhain) Rinneadh an t-òran a leanas le Sìne Nic Dhòmhnaill, seann bhean aig nach robh sgoil no Beurla. Rugadh i am Bràigh Uachdarath, agus an uair a bha i ceithir fichead bliadhna ’s a sia thainig a còir air a gabhail-fearainn gu ceann … Leugh an corr ‘Òran nan Councillors’, le Sìne NicDhòmhnaill (Mu Dheireadh an 19mh Linn no Toiseach an 20mh Linn)

‘Na Figheadairean Sileiseach’ (1844) le Heinrich Heine, Eadar-theang. le Niall B. MacFhionghain

  Die Schlesischen Weber / Na Figheadairean Sileseach Le Heinrich Heine (1797-1856), Eadar-theangaichte bho Ghearmailtis le Niall B. MacFhionghain (1925- ) Is doilleir na sùilean aca gun deòir, Tha iad ’nan suidhe aig a’ bheairt, am fiaclan nochta, A Ghearmailt tha sinn a’ figheadh do mharbhfhaisg, Tha sinn a’ figheadh a-steach innte a’ mhallachd thrì-fillte, … Leugh an corr ‘Na Figheadairean Sileiseach’ (1844) le Heinrich Heine, Eadar-theang. le Niall B. MacFhionghain

Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

Rinn am Bàrd an t-òran a leanas nuair a bha an “Land League” aig àirde anns a’ Ghaidhealtachd Air fonn: “Gun chrodh gun aighean.” Séisd: Ged tha sinn gun chrodh gun aighean Gun chrodh-laoigh gun chaoraich againn, Ged tha sinn gun chrodh gun aighean, Gheibh sinn fhathast croitean grinn. Gheibh sinn fhathast beagan chaorach, Beagan … Leugh an corr Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill

  Bho àm gu àm do’n bhaile mhór Bha na fir òg’ a’ triall, ’Nan dùthaich féin bha iad gun chòir Le miannan bha gun chiall. An clobhsaichean dubh, salach, fuar’ Bha iomadh aon diubh tàmh, Ma dh’ fhaoidte, shuas air staidhrichean, Le mosaiche a’ cnàmh. Am baile mór — an saoghal mór — Bha … Leugh an corr ‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill

‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil

  Thàinig saighdear spaideil don sgoil an-dè le dheise, ’s le bhutain ’s le bhonaid — gille gasda. Tharraing e dealbh dhomh air tursan do thìrean cèin, ciùirtean air mo chorraig ’s dòigh-beatha eireachdail — dealbh cho soilleir ris a’ ghrèin. Ach cha tug e diog fhathast air marbhadh, air peilear chuireadh às do ghillean … Leugh an corr ‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil

‘Dà Dhàn le Brecht’, Eadar-theangaichte le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan (1979)

  Carragh-cuimhne Saighdear Neo-aithnichte an Revolution (Das Grabmal des Unbekannten Soldaten der Revolution, le Bertolt Brecht. Eadar-th. le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan.) Tha saighdear neo-aithnichte an revolution air tuiteam. Chunnaic mi a charragh-cuimhne ann an aisling. Bha i air mòintich. Bha i ’na dà chnap cloiche Bha i gun sgrìobhadh oirre. Ach thòisich aon chlach … Leugh an corr ‘Dà Dhàn le Brecht’, Eadar-theangaichte le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan (1979)

‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

  bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno — Krakatoa poilitigeach chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii; sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg ach chuir do mhórchumhachd fo’n … Leugh an corr ‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

  Le dìchioll math o là gu là, Ag obair tràth is anamoch ’S a’ cur ma seach gach peighinn bhàn, An àithn’ a dh’fhàg mo sheanamhair; An uair bhiodh càch a’ pasgadh làmh, ’S a’ cànran taobh a’ ghealbhain, Bha mise dèanadach a ghnàth; Is shàbhail mi suim airgid. An uair bhiodh geòcairean ri … Leugh an corr ‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)