Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bhar mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil

  Thàinig saighdear spaideil don sgoil an-dè le dheise, ’s le bhutain ’s le bhonaid — gille gasda. Tharraing e dealbh dhomh air tursan do thìrean cèin, ciùirtean air mo chorraig ’s dòigh-beatha eireachdail — dealbh cho soilleir ris a’ ghrèin. Ach cha tug e diog fhathast air marbhadh, air peilear chuireadh às do ghillean … Leugh an corr ‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil