Naidheachd

Teileagram a chuir Comhairle-chiùird Inbhir Nis chun an TUC ri linn Stailc Choitcheann 1926: ‘Highlands solid hurrah for the highlands’, .i. bha an luchd-obrach a’ cur taic ris an stailc. Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

6.3.2024 — Tha mi ag atharrachadh corra rud air a’ bhloga. An rud as motha a tha air m’ inntinn ’s e a bhith a’ cuimseachadh air sgrìobhaidhean Aonghais MhicEanraig. An lùib a bhith a’ rannsachadh a chuid obrach, cuiridh mi tòrr a bharrachd thar-sgrìobhaidhean dhe na h-aistean is eile aige air duilleag fa leth.