‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

Anns a' phost mu dheireadh, 'An t-Ar-am-mach Rùiseach' a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b' ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a' cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar … Leugh an corr ‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)

Mar is fhaide a mhaireas an cogadh is ann is soilleire tha e fàs gur e an t-Ar-am-mach Rùiseach an t-aon nì tha sruthadh am mach bhuaithe sin as am faodamaid uaill a thoirt, agus anns am faodamaid móran earbsa a chur. Aig an là an diugh, se an gniomh mór ud (an t-Ar-am-mach Rùiseach), … Leugh an corr ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)

‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

  bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno — Krakatoa poilitigeach chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii; sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg ach chuir do mhórchumhachd fo’n … Leugh an corr ‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

  Le dìchioll math o là gu là, Ag obair tràth is anamoch ’S a’ cur ma seach gach peighinn bhàn, An àithn’ a dh’fhàg mo sheanamhair; An uair bhiodh càch a’ pasgadh làmh, ’S a’ cànran taobh a’ ghealbhain, Bha mise dèanadach a ghnàth; Is shàbhail mi suim airgid. An uair bhiodh geòcairean ri … Leugh an corr ‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)