‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920); Dealbh-camara an ùghdair ann an 1895. Tùs na deilbh an seo. Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)

A rèir coltais, seo dealbh de bhriseadairean-stailce ann an Glaschu a' cur bus air ais air an rathad às dèidh buaireadh ri linn na Stailc Choitchinn ann an 1926. Bu mhath leam barrachd fianais mun sgeulachd, ge-tà.Tùs na deilbh an seo. Tha e doirbh cunntasan Gàidhlig a lorg air cuid de thachartasan, fiù ’s tachartasan … Leugh an corr ‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)

‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

Anns a' phost mu dheireadh, 'An t-Ar-am-mach Rùiseach' a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b' ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a' cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar … Leugh an corr ‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)

Mar is fhaide a mhaireas an cogadh is ann is soilleire tha e fàs gur e an t-Ar-am-mach Rùiseach an t-aon nì tha sruthadh am mach bhuaithe sin as am faodamaid uaill a thoirt, agus anns am faodamaid móran earbsa a chur. Aig an là an diugh, se an gniomh mór ud (an t-Ar-am-mach Rùiseach), … Leugh an corr ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)

‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

  bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno — Krakatoa poilitigeach chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii; sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg ach chuir do mhórchumhachd fo’n … Leugh an corr ‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

  Le dìchioll math o là gu là, Ag obair tràth is anamoch ’S a’ cur ma seach gach peighinn bhàn, An àithn’ a dh’fhàg mo sheanamhair; An uair bhiodh càch a’ pasgadh làmh, ’S a’ cànran taobh a’ ghealbhain, Bha mise dèanadach a ghnàth; Is shàbhail mi suim airgid. An uair bhiodh geòcairean ri … Leugh an corr ‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)

‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)