‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920); Dealbh-camara an ùghdair ann an 1895. Tùs na deilbh an seo. Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

Saighdearan Roinn-fheachd Adhair 6 (6th Airborne Division) ann am Mandat Breatannach na Palastaine a’ dearbhadh cairtean-aithne dhaoine air sràid ann an Tel Aviv às dèidh aimhreit a thachair 14 Samhain 1945. (An dealbh san àrainn phoblaich: Taigh-tasgaidh Ìmpireil a’ Chogaidh). Chan eil mi air cur ris a’ bhloga seo airson ùine mhòr. Tha mi cho … Leugh an corr Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)

Sgeadachadh sràide airson Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria, Cúil Raithin, Contae Dhoire, 1897. Tùs na deilbh an seo. An-diugh, agus na meadhanan nam boil le smodal mun teaghlach rìoghail, fhuair mi beagan de dh'fhaochadh ag obair air an teacsa seo le Séamas Ó Conghaile. Bidh Ó Conghaile gu tric air a shìmpleachadh, nach bi? Ach, … Leugh an corr ‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)

Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bhar mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

    Sa bhrath-bhloga mu dheireadh, sgrìobh mi gun robh alt sa phàipear-naidheachd Alba a-mach air saighdearan Albannach rè Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e eisimpleir eile a tha ann den cholbh ‘Sgeula à Èirinn’, agus nochd e anns a’ chiad àireamh de dh’Alba nuair a chaidh a chur air chois às ùr san Fhaoilleach … Leugh an corr Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig