‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

A’ Phalastain ann an ‘Life and Work’ (1917–1946)

‘Gasa’ (1917) anns na Duilleagan Gàidhlig, Life and Work; Sgioba Ghunnairean Lewis anns an 7mh Cath-bhuidheann, Na h-Albannaich Rìoghail, dìreach ro Threas Blàr Baile Ghàsa, 1 Samhain 1917. Tùs na deilbh an seo. Chruthaich iad ‘ifrinn air thalamh’. ‘Bha an gnìomharan cho borb agus gu bheil iad duilich an creidsinn. Tha e do-chreidsinn do dhaoine … Leugh an corr A’ Phalastain ann an ‘Life and Work’ (1917–1946)

Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

Piogaid nam mèinneadairean ann an Gleann Bilston/Bilston Glen, Meadhan Lodainn, a' toirt aghaidh air a' phoileas, 1984. #AirAnLathaSeo 6 Màrt 1984 thòisich Stailc nam Mèinneadairean a chuir Aonadh Nàiseanta nam Mèinneadairean (NUM) an aghaidh Bòrd Nàiseanta a’ Ghuail (NCB), cho math ri riaghaltas Thatcher. B’ e an aimhreit gnìomhachais a bu mhotha agus a b’ … Leugh an corr Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920); Dealbh-camara an ùghdair ann an 1895. Tùs na deilbh an seo. Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)

Tha mi air a bhith a’ leughadh tro na colbhan aig Ceiteag M. NicGhriogair (a shiubhail ann an 2011), ‘Naidheachdan o’n Chroit’ a nochd ann an Gairm eadar na 1960an agus 1970an. Tha iomadach rud ùidhmhor a’ togail ceann anns na sgrìobhaidhean aig NicGhriogair, agus i gu tric a-mach air beatha làitheil na croitearachd, atharrachaidhean … Leugh an corr Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)

Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24

Bhruidhinn mi ri BBC Naidheachdan an t-seachdain sa chaidh air beatha Iain Mhòir MhicGillEathain (1879–1923). Rinneadh an aithris naidheachd air thoiseach air cuirm mhòr aig Celtic Connections, ann an Glaschu, a' comharrachadh 100 bliadhna bho shiubhail an Leathanach air 30 Samhain 1923. Thuirt mi gun robh daoine 'a' sìor-fheuchainn ri MacGillEathan a thìodhlacadh, mar gum … Leugh an corr Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24

Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

Saighdearan Roinn-fheachd Adhair 6 (6th Airborne Division) ann am Mandat Breatannach na Palastaine a’ dearbhadh cairtean-aithne dhaoine air sràid ann an Tel Aviv às dèidh aimhreit a thachair 14 Samhain 1945. (An dealbh san àrainn phoblaich: Taigh-tasgaidh Ìmpireil a’ Chogaidh). Chan eil mi air cur ris a’ bhloga seo airson ùine mhòr. Tha mi cho … Leugh an corr Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)

Máirtín Ó Cadhain (1906–1907). An ìomhaigh bhon seo. Air an latha seo, 18 Dàmhair 1970, shiubhail fear de na sgrìobhadairean Gaeilge a bu chudromaiche dhen 20mh linn, Máirtin Ó Cadhain. Às an Spidéal ann an Conamara, 's e Poblachdach daingeann a bh' anns a' Chadhnach. Chuir e seachad bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh ann an campa-prìosain … Leugh an corr ‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)

‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)

Sgeadachadh sràide airson Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria, Cúil Raithin, Contae Dhoire, 1897. Tùs na deilbh an seo. An-diugh, agus na meadhanan nam boil le smodal mun teaghlach rìoghail, fhuair mi beagan de dh'fhaochadh ag obair air an teacsa seo le Séamas Ó Conghaile. Bidh Ó Conghaile gu tric air a shìmpleachadh, nach bi? Ach, … Leugh an corr ‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)