‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24

Bhruidhinn mi ri BBC Naidheachdan an t-seachdain sa chaidh air beatha Iain Mhòir MhicGillEathain (1879–1923). Rinneadh an aithris naidheachd air thoiseach air cuirm mhòr aig Celtic Connections, ann an Glaschu, a' comharrachadh 100 bliadhna bho shiubhail an Leathanach air 30 Samhain 1923. Thuirt mi gun robh daoine 'a' sìor-fheuchainn ri MacGillEathan a thìodhlacadh, mar gum … Leugh an corr Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24

Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail! ’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha … Leugh an corr Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)

Mar a nochd gairm MhicGillEathain ann am pàipear a’ Phàrtaidh Phoblachdaich Shòisealaich mu 1985. Tùs na deilbh: Cruinneachadh John Frew ann an Tasglann Spirit of Revolt. Beachdan air ‘All Hail, the Scottish Workers’ Republic!’ (1920/22) le Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean), agus tionndadh ùr Gàidhlig dheth. Air sgàth a’ choròna-bhìorais, tha na sràidean an ìre … Leugh an corr ‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)

Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)

Tha dà chunntas againn an seo, bho sheallaidhean gu tur eadar-dhealaichte, air an òraid a thug Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean, 1879-1923) seachad ann an Steòrnabhagh – ceud bliadhna air ais an-diugh, 4 Lùnastal 1920. Dh’fhaodadh nach eil fios aig mòran gun do thadhail an sòisealach Albannach a b’ ainmeile air an eilean no air … Leugh an corr Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)