Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Air 23 Cèitean 1794, chuir Eanraig Dundas (‘An t-Aintighearna Mòr’, 1742-1811), Rùnaire na Stàite airson Cogadh, litir gu Tighearna an t-Seula Dhìomhair, Marquess Stafford (1721-1803). Na broinn, thug e seachad am fiosrachadh as ùire bho Alba mu na bha na h-ùghdarrasan air faighinn a-mach mu ghnìomhan radaigeach. Tha e a’ bruidhinn mu Charaidean nan Daoine, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

  Chòrdadh e rium glan ‘Còirichean an Duine’ no Rights of Man (1791/1792), le Tòmas Paine (1737-1809), a leughadh ann an Gàidhlig. No, gu dearbh, sìon sam bith leis an t-sàr rèabhlaideach dheamocratach seo. B’ fhada bho chuala mi gun deach Gàidhlig a chur air Rights of Man – no, aig a’ char as lugha, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh tòrr mu na ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Aramach 1820 air Galltachd na h-Alba ri Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd. Mar as àbhaist, air sgàth gainnead de dh’fhianais agus ro-bheachdan mun sgaradh bhunaiteach eadar an dà àite, tha e ri thuigse san litreachas nach robh cuid no gnothach … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)