‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920); Dealbh-camara an ùghdair ann an 1895. Tùs na deilbh an seo. Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)

Camshronaich anns an t-Sudàin mu àm Blàr Atbara, 8 Giblean 1898.Tùs na deilbh an seo. Seo tè dhe na h-òraidean anmoch aig Iain MacMhuirich ann an Gàidhlig. Sgrìobh e i ann an 1898 agus chaidh a lìbhrigeadh ann an Céilidh nan Gàidheal ann an Glaschu, 12 Samhain 1898. Cha robh e fhèin an làthair, air … Leugh an corr ‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)

Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bhar mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)

(Clì) Talla na h-Àithne (an t-Athenaeum) mar a tha e an-diugh ann an Àite Nelson Mandela. Tùs na deilbh: Lost Glasgow. (Deas) Ceithir de na deich riaghailtean a bha aig Céilidh nan Gàidheal. A' sealltainn an àite-coinneachaidh aca ann an Talla na h-Àithne, agus cho cudromach 's a bha labhairt na Gàidhlig sna coinneamhan. Bho … Leugh an corr Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)

Aramach 1820: An Dà-cheudamh Ceann-bliadhna

Mura b’ e an coròna-bhìoras, bhithinn fhìn coltach ri iomadh duine eile airson dol gu tachartasan a’ comharrachadh Aramach 1820, agus tadhal air cuid de na h-àitichean faisg orm co-cheangailte ris. Faodaidh sinn, ge-tà, leughadh mu na thachair dà cheud bliadhna air ais. A bharrachd air an eachdraidh ainmeil aig Peter Berresford Ellis agus Seumas … Leugh an corr Aramach 1820: An Dà-cheudamh Ceann-bliadhna

Aimhreit-arain Ghlaschu, 6 Màrt 1848

Am-bliadhna, tha sinn a' comharrachadh a' cheudamh ceann-bliadhna de 'Bhlàr Cheàrnag Sheòrais' (31 Faoilleach 1919). Tha an tachartas sin, agus mar a chaidh a cheannsachadh le saighdearan agus tancaichean, a-nis a' samhlachadh 'Shrath Chluaidh Dearg' agus air a dhol na phàirt bhunaitich de sgeulachd na làimh-chlì ann an Alba. Ach tha tachartasan eile den aon … Leugh an corr Aimhreit-arain Ghlaschu, 6 Màrt 1848

‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill

  Bho àm gu àm do’n bhaile mhór Bha na fir òg’ a’ triall, ’Nan dùthaich féin bha iad gun chòir Le miannan bha gun chiall. An clobhsaichean dubh, salach, fuar’ Bha iomadh aon diubh tàmh, Ma dh’ fhaoidte, shuas air staidhrichean, Le mosaiche a’ cnàmh. Am baile mór — an saoghal mór — Bha … Leugh an corr ‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)