Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

Saighdearan Roinn-fheachd Adhair 6 (6th Airborne Division) ann am Mandat Breatannach na Palastaine a’ dearbhadh cairtean-aithne dhaoine air sràid ann an Tel Aviv às dèidh aimhreit a thachair 14 Samhain 1945. (An dealbh san àrainn phoblaich: Taigh-tasgaidh Ìmpireil a’ Chogaidh).

Chan eil mi air cur ris a’ bhloga seo airson ùine mhòr. Tha mi cho trang a’ sgrìobhadh rudan eile. Ach tha iarrtas agam fhathast rudan a phostadh a dhèanadh ceanglaichean eadar fianais sgrìobhte na Gàidhlig agus poileataigs an t-saoghail. Agus chan eil gnothach nas motha an-ceartuair na na tha a’ tachairt anns a’ Phalastain.

Tha na naidheachdan ’s na h-ìomhaighean a tha a’ sìor-thighinn a-mach à Stiall Ghaza, agus às a’ Bhruaich an Iar, dha-rìribh air mo bhualadh. Mar phàrant, chan urrainn dhomh gun smaoineachadh air mo chuid chloinne fhìn nuair a chì mi pàistean Palastaineach a’ fulang, air an leòn ’s air am murt. Tha e do-chreidsinneach gun tachradh na h-eucoirean seo, latha às dèidh latha, agus sinne a’ cumail a’ dol le ar beatha àbhaisteach.

Saoilidh mi gu bheil rudeigin air atharrachadh ann an tuigse mhòrain air an t-saoghal air a sgàth. Tha na tha stàit Iosrael air dèanamh cho fada seachad air sìon a chunnaic sinn roimhe. Tha cealg luchd-riaghlaidh nan Stàitean, na Rìoghachd Aonaichte, agus an Aonaidh Eòrpaich air a bhith cho garbh fhèin follaiseach. Tha e a’ soilleireachadh chùisean.

Tha a h-uile duine, sean is òg, anns a’ Phalastain airidh air beatha shàbhailte, saorsa agus ceartas.  Tha adhbhar na Palastaine a’ samhlachadh dì-cholonachd ann an seagh nas fharsainge, tha e a’ seasamh airson adhbhar na daonnachd. (Agus, gu dearbh, tha an daonnachd ud a’ gabhail a-steach muinntir Iosrael. Chan iarramaid gun rachadh sìobhaltach Iosraelach sam bith a ghoirteachadh.) Tha dleastanas oirnn, ma-thà, cumail oirnn gun sgur a chaismeachd, a thogail airgead, a bhacadh chompanaidhean-armachd – mas urrainn dhuinn – agus a ghabhail pàirt anns a’ ghluasad airson boycott, dì-bheisteadh agus smachd-bhannan (BDS). Na dìochuimhicheamaid a-chaoidh na thuirt ’s na rinn luchd-poileataigs agus na mòr-mheadhanan ri linn a’ mharbhaidh. Nuair a thig e gu h-aon ’s dhà, ge-tà, ’s beag feum a tha sinn a’ dèanamh gus an toir sinn air na h-urracha mòra fois-fòirneirt mhaireannach a ghairm.

Agus an uair sin? Dèanamaid iomairt mhòr eadar-nàiseanta airson saorsa don Phalastain.

~ ~ ~

Tha Air Druim an Eich Sgiathaich (1987) le Pòl Mac a’ Bhreatannaich (Paul Galbraith, 1928–2011), à Barraigh, am measg an deannain bhig de bheatha-aisneisean cogaidh a tha againn ann an Gàidhlig. Chan e leabhar fada a th’ ann, chan eil ann ach 64 taobhan-duilleige, ach tha sgeulachd Mhic a’ Bhreatannaich drùidhteach, làn dràma, agus e ag innse mun ùine aige mar phara-thrùpair anns an Dàrna Cogadh. ’S urrainn dhuinn èisteachd ris, fiù ’s, fo agallamh mun leabhar agus e a’ leughadh phìosan a-mach às an seo.

Anns a’ mhòr-chuid dhen bheatha-aisneis, tha e a-mach air an t-sabaid an aghaidh arm na Gearmailt san Roinn Eòrpa. Bha Mac a’ Bhreatannaich garbh fhèin fortanach tighinn às beò aig diofar amannan – aig fìor thoiseach gnothaich, chaidh an t-itealan san robh e a bhualadh os cionn na Normandaidh agus b’ ann air èiginn a fhuair e air leum a-mach. Tha an sgeulachd a’ leantainn na chunnaic e san strì fhuiltich ris na Nàsaich anns an Fhraing, anns an Òlaind, agus mu dheireadh anns a’ Ghearmailt fhèin. Am measg nam feachdan a chuir ruaig air na Gearmailtich, tha seanchas smaoineachail fhèin aig Mac a’ Bhreatannaich mu làithean deireannach a’ chogaidh. Mun àm sin, bha e ann an jeep còmhla ri ceannard agus chaidh an sgaradh bhon chòrr dhen rèiseamaid aca am measg nan gràisgean de dh’fhògarraich is fiù ’s de shaighdearan Gearmailteach a bha air sgur a shabaid. Air an rathad chunnaic e:

[C]reutairean truagha a fhuair mo sgaoil as na campaichean oillteil san robh iad air an sgiùrsadh. Cha robh iadsan ach còmhdaichte ann an luideagan, ’s gun bhrògan air cuid mhòr dhiu, agus iad uile goirid dhan bhàs le cion bidh. Bha iad a’ tagradh biadh bhuainn nach robh againne dhaibh. (td. 46)

Tha a h-uile coltas ann gu bheil e a-mach air Iùdhaich an seo – agus tha seo gu sònraichte tiamhaidh nuair a leughas sinn na chunnaic e na b’ anmoiche – ach dh’fhaodadh gun robh buidhnean eile ann a bha air maireachdainn beò anns na campaichean-bàis.[1]

Chunnaic Pòl Mac a’ Bhreatannaich deireadh a’ chogaidh san Roinn Eòrpa ach, an àite a bhith air a leigeil ma sgaoil, chaidh an fheachd san robh e – Roinn-fheachd Adhair 6 (an 6th Airborne Division)– a dheisealachadh airson sabaid an aghaidh nan Iapanach ann am Mailèia. Nuair a ghèill Iapan às dèidh Hiroshima, ge-tà, dh’atharraicheadh cùisean gu tur agus chaidh a cur don Phalastain. ’S e tiotal na caibideil mu dheireadh na bheatha-aisneis, gu dearbh, ‘Palestine – Mì-chinnt is Riasladh’.

Dè bha arm Bhreatainn a’ dèanamh anns a’ Phalastain às dèidh an Dàrna Cogaidh?

Seo geàrr-chunntas air a’ cho-theacsa eachdraidheil.[2] Thòisich Breatann a bhith a’ riaghladh anns a’ Phalastain, am measg àitichean eile san Ear-Mheadhanach, às dèidh dhi buaidh fhaighinn air Ìmpireachd nan Otomanach sa Chogadh Mhòr. Bha a’ Phalastain fo smachd Bhreatainn bho mu 1917 gu 1948. Chan e gnàth-cholonaidh a bha anns an dùthaich, ge-tà. Ann an 1917 chuir Riaghaltas Bhreatainn an cèill a taic, ann am Foirgheall Bhalfour, airson dachaigh a thoirt do dh’Iùdhaich anns a’ Phalastain. Bho mu 1920, thugadh Mandat do Bhreatann le Lìog nan Nàiseanan airson riaghladh anns an dùthaich, agus dhaingnich siud an dleastanas a bh’ oirre dachaigh nàiseanta a stèidheachadh do na h-Iùdhaich. B’ ann air adhbharan gèo-poileataigeach a bha Breatann anns a’ Phalastain (cho math ri Tras-Iòrdan). Bha an gluasad Sionach (Zionist) feumail san t-seagh gum biodh iad a’ colonachadh na dùthcha, a’ co-obrachadh leis an rianachd Bhreatannaich an aghaidh nam Palaistaineach, agus a’ cur taic ris a’ Mhandat Bhreatannach san fharsaingeachd. Eadar 1917 agus 1939, ma-thà, bha an dà bhuidheann làmh air làimh air a chèile. Rinn Breatann gach cuideachadh le a bhith a’ ceadachadh in-imrich nan Iùdhach Sionach, ag aithneachadh na buidhne a bha gan riochdachadh, agus a’ dìon mar a ghabhadh iad seilbh air fearann mean air mhean, agus mar a chruthaich iad eaconamaidh fa leth. Thug Breatann còirichean do na h-Iùdhaich Shionach nach tug iad idir do na Palastainich, a bha nam mòr-mòr-chuid anns an dùthaich. Chan e a-mhàin sin, ach thug na Breatannaich trèanadh armailteach agus armachd fhèin do na Sionaich airson cuideachadh gus Aramach mòr nam Palaisteanach, eadar 1936 gu 1939, a mhùchadh, agus a-rithist anns an Dàrna Cogadh.

Bha na Palastainich mar sin air an colonachadh an dà chuid le Ìmpireachd Bhreatainn, aig an robh a’ chumhachd, agus le gluasad dìorrasach de luchd-tuineachadh Sionach a bha ag amas air an dùthaich gu lèir a thoirt air falbh bhuapa. Dh’aithnich na Sionaich bhon toiseach gum feumadh iad fòirneart airson an stàit Iùdhach a thoirt a-mach – an toiseach fo dhìon cumhachd mhòir leithid Bhreatainn. Dh’aithnich iad cuideachd gum feumadh iad cuidhteas fhaighinn a’ mhòr-chuid de ‘na h-Arabaich’ air dòigh air choireigin nam biodh fearann, goireasan, agus cumhachd na dùthcha gu bhith nan làmhan fhèin.

Ach cha robh na Sionaich agus am Mandat Breatannach an-còmhnaidh air an aon ràmh. B’ fheudar do Bhreatann am poileasaidh aca air in-imrich Iùdhach atharrachadh ann an 1939, agus na h-àireamhan a thigeadh a dh’fhuireach san dùthaich a lùghdachadh gu mòr. Rinn iad sin airson sìth a chumail leis na Palastainich às dèidh an Aramach, agus air sgàth ’s gun robh iad air ghleus cogaidh. Thuig riaghaltas Bhreatainn gum biodh taic nan Arabach san Ear-Mheadhanach, cho math ri Muslamaich san Ìmpireachd, a dhìth orra. B’ e a bhuil a bh’ ann gun do dh’èirich cuid mhath dhen ghluasad Shionach an aghaidh Bhreatainn, gu sònraichte bho 1944 air adhart. Às aonais in-imrich shusbainteach de dh’Iùdhaich cha rachadh aig stàit Iùdhach a bhith air a cruthachadh a-chaoidh. Agus b’ e siud an suidheachadh nuair a ràinig Mac a’ Bhreatannaich an dùthaich ann an 1945.

Bha Mac a’ Bhreatannaich anns an dùthaich eadar 1945 gu 1947. Bha aon rud cinnteach: cha robh e ag iarraidh a bhith ann, ach cha robh roghainn aige fhèin no aig càch. Dh’fhàs am miann aige cùl a chur ris an àite mar a b’ fhaide a dh’fhuirich e.

Ràinig sinn cladach Haifa aig deireadh feasgair agus chuir am bàta mòr sìos a h-acaire. Chuala sinn nach robh i ri dhol gu taobh na laimrig airson gun robh cùram air cumhachdan a’ phuirt gun tachradh nì dhan bhàta. Mar sin bha againn ri dhol air bòrd bhirlinnean mòra a b’àbhaist luchdan nam bàtaichean a thoirt gu tìr. Bha sinn air ar cròdhadh annta mar bheathaichean aig aiseag agus chaidh ar slaodadh gu taobh na laimrig. An sin bha sreath de bhocsaichean-trèine gar feitheamh, agus dìreach unnta bha againn ri dhol. Cha robh sinn idir air ar dòigh oir cha bè fàilte mhath sam bith a bha sinn a’ faotainn, mur a fhaigheadh iad trèin na b’fheàrr na siud dhuinn. Thuit an oidhche oirnn mun do ghluais an trèin agus cuid mhath dhe na thàinig as a’ bhàta am broinn nam bocsaichean, gun àite suidhe ach an t-ùrlar, gun bhiadh no deoch no eile. Is e mo bheachd nan robh sinn beagan na bu ghiorra dhan tigh an oidhche ud, nach robh mòran againn air fuireach ro fhada air an trèin ud. Bha sinn ag radh rinn fhèin, ma ’se siud ar fàilte gu Palestine, nach ruigeamaid a leas dùil ri gnothaichean taitneach sam bith a bhith feitheamh. (tdd 55–56)

B’ ann ann an ceann a deas na dùthcha a bha e stèidhichte an toiseach. Bha aca ri an campa fhèin a thogail agus uidheamachadh.

Dh’ionnsaich sinn gum b’e an t-àite ‘Nuisearat Ridge’ goirid do bhaile Gaze Arabach agus gum b’ann sa’ champa ud a bha na Astrailianaich sa’ chiad chogadh. Gu dearbh cha b’e àite ro-ghrinn e, gun dad ri fhaicinn air gach taobh ach fàsach lom agus ’s an astar, bruthaichean a dh’ionnsaigh a’ chladaich. (td. 56)

An-diugh, tha Campa-fhògarrach Nuseirat ann am meadhan Stiall Ghaza, beagan deas air baile-mòr Ghaza fhèin (‘[b]aile Gaze Arabach’). ’S urrainnear a ràdh, ma-thà, gun robh Mac a’ Bhreatannaich anns an dearbh àite, 78 bliadhna air ais, a tha arm Iosrael a’ lèirsgrios an-ceartuair.

Cha robh ach sgreamh aig a’ Bharrach dhen àite. Bha gainmheach a’ sgapadh sa h-uile àite, bha an t-aran a bha aig na saighdearan làn leòmannan, agus bha blas saillte air an uisge a bha aca ri òl. Rud a chuir iongnadh orm sa chaibideil gu lèir ’s e cho gann ’s a tha na Palastainich fhèin a’ togail ceann. Nuair a nochdas iad, chan eil annta ach sàrachadh eile air am feumte aire a chumail.

Mum priobadh sinn sùil bha fir-malairt Arab ag èirigh a-measg nam bruthaichean gainmhich, agus o na cnapan chraobhan a reic am measan, agus airson an làmhan fhaighinn air nì sam bith nach robh fo aire. Cha robh aon againn fada ag ionnsachadh gum feumamaid sùil gheur a chumail air na bhuineadh dhuinn san dùthaich ud. (td. 56)

A rèir coltais, ghoid na h-Arabaich, .i. Palastainich, cuid de ‘bhùthan-chanbhais’ a’ champa fad ’s a bha na saighdearan nan suain-chadal. ‘[B]ha e follaiseach gu leòr, a’ faicinn comharran nan càmhail, càite an deachaidh iad’ (td. 57). B’ fheudar dhaibh freiceadain a chumail aig gach oisean dhen champa a latha ’s a dh’oidhche airson an uidheamachd aca a dhìon.

Bha deagh adhbharan ann, ge-tà, nach bitheadh na Palastainich aig teis-meadhan gnothaich aig an àm seo, no ann an seanchas saighdeir Bhreatannaich. Chunnacas mar-thà gum b’ iad na Sionaich a bu mhotha mun àm seo a bha ag adhbharachadh ceann goirt don rianachd Bhreatannaich, a’ cur nan aghaidh agus a’ tòiseachadh a bhith a’ toirt ionnsaigh air togalaichean agus saighdearan a’ Mhandait. Ach, b’ fhiach e a chuimhneachadh cuideachd gun robh an Ìmpireachd air dèiligeadh ris na Palastainich corra bhliadhna roimhe, nuair a cheannsaich iad aramach muinntir an àite an aghaidh nan Sionach agus Bhreatann ann an 1936–1939.

Do Rashid Khalidi, chan urrainn dhuinn cuideam gu leòr a chur air seo:

Of all the services Britain provided to the Zionist movement before 1939, perhaps the most valuable was the armed suppression of Palestinian resistance in the form of the revolt. The bloody war waged against the country’s majority, […] left 10 per cent of the adult male Arab population killed, wounded, imprisoned, or exiled […]. To quash the uprising, the British Empire brought in two additional divisions of troops, squadrons of bombers, and all the paraphernalia of repression that it had perfected over many decades of colonial wars. (2020: 65)

Seo mar a thuig Mac a’ Bhreatannaich cùisean aig an àm agus a chuid dhleastanasan mar shaighdear:

Mar a b’eolaiche a bha sinn a’ fàs air cùisean na dùthcha, ’s ann a bha sinn a’ tuigsinn nach robh nithean idir cho sìobhalta ’s a dh’fhaodadh iad a bhith. Bha na h-Iudhaich airson an dùthaich a ghabhail as làimh dhaibh fèin; agus airson na miltean a bha air an saoradh a campaichean oilteil na Gearmailt a thoirt a-steach don dùthaich. Bha Palestine aig an am fo chumhachd nam Breatannach, agus ged a bha iadsan deònach feadhainn a leigeil a-stigh, cha robh iad idir airson an doras fhàgail sgaoilte fosgailte oir b’e am beachd gu feumadh a’ chunntais a chumail fo smachd gus am bitheadh an t-àite air a dheasachadh dhaibh. Ach bha an sluagh a’ dòrtadh as gach ceàrn dhen Eòrpa gu puirt faisg air Palestine, ’s iad a’ sireadh aiseig chun na dùthcha a bha na h-Iudhaich ag radh a bha leothasan o làithean ro linn Chriosda. Cha robh na h-Arabaich do am buineadh cuid mhòr dhen fhearann deònach gun tachradh a leithid agus mar sin bha gnothaichean a’ tighinn gu ceann eadar an sluagh agus na cumhachdan Breatannach a’ feuchainn ri sìth a chumail eatorra. (td. 58)

Mar sin, b’ ann mar mhaoir-shìth no poileas armaichte a bha na saighdearan stèidhichte sa Phalastain. (Agus nach iomadh turas a leughar mu na Gàidheil a’ fiosrachadh an t-saoghail mhòir mar ‘phoileas na h-Ìmpireachd’?) B’ urrainnear cur ri seo, bha na uiread de shaighdearan air an cur don dùthaich – ann an 1947 bha suas ri 100,000 saighdear anns an dùthaich[3] – airson làthaireachd Bhreatainn a dhìon agus bagairt sam bith air an taobh a-staigh a cheannsachadh. Mar a dh’fhiosraich Mac a’ Bhreatannaich, a’ phrìomh bhagairt, a bha a’ sìor-fhàs na bu mhotha, b’ e an gluasad Sionach fhèin, a bha roimhe a’ co-obrachadh leis an rianachd Bhreatannaich, agus an cuid bhuidhnean armailteach.

Aig ceann an Dàrna Cogaidh bha mu 250,000 fògarrach Iùdhach an sàs ann an campaichean sealach a chuireadh air dòigh dhaibh san Roinn Eòrpa.  Bha na Sionaich ag iarraidh gun tigeadh uiread ’s a ghabhas dhiubh don Phalastain gus cobhair a dhèanamh orra ach cuideachd airson a’ choimhearsnachd Iùdhach a mheudachadh san dùthaich. Ach cha robh Breatann deònach sin a cheadachadh. B’ e an rud a thachair, ma-thà, gun do thòisich bàtaichean luchdaichte le daoine a bhith a’ tighinn an aghaidh an lagh. Agus b’ e obair shaighdearan leithid Mhic a’ Bhreatannaich a bhith a’ cur nan daoine ud an grèim.

Phàigh iad gu daor airson an aiseig tarsainn a’ chuain, ann am bàtaichean nach robh sàbhailte no freagarrach agus anns an robh iad air an treudadh mar chrodh. Bha iad deònach cuir suas leis an ànradh sin, an dùil gun ruigheadh iad toileachas agus saorsa an tìr an gealltanais. Cha robh ìongnadh ged a bha iad fo imcheist iad fhèin fhaighinn air an ruaig o na cladaichean gu callaidean iarainn eile, agus iadsan a bha ga’n ruaig na ceart shaighdearan a shaor iad a campaichean na Gearmailt. (td. 58)

Smaoinicheamaid mun chòmhstri agus ciont a dh’fhairicheadh gnàth-shaighdearan a bha gam meas fhèin mar luchd-saoraidh nam fògarrach anns an Roinn Eòrpa. Daoine a bha air oillt nan campaichean no an cuid phrìosanach fhiosrachadh dhaibh fhèin. Tha Mac a’ Bhreatannaich ag innse:

Ach ma bha e duilich dhaibhsan gnothaichean a thuigsinn, bha e ceart cho doirbh dha na saighdearan a’ faicinn nan daoine truagha a chaidh troimh a leithid a chruaidh-chàs a’ tighinn air tìr san dùthaich a bha iad am beachd a chaidh a ghealltainn dhan gineal o linntean, air an ruaigeadh gu cùlaibh nan callaidean [iarann] air an [ro]bh na daoine cho sgreamhail. (ibid.)

Agus a-rithist:

B’e aon rud seasamh an aghaidh nàmhaid le a ghunna cuimseach air do cheann; ach fior ghnothach eile a’ feuchainn ri riaghaltas a ghlèidheadh ’s gun chomas agad do làmh a thogail an aghaidh mì-cheartais. (td. 59)

’S e iomcheist uabhasach a bha ann an èiginn nam fògarrach Iùdhach. Bu chòir dhuinn cuimhneachadh sa chiad dhol a-mach cho beag ’s a rinn na Stàitean Aonaichte no Breatann do dh’Iùdhaich a bha a’ feuchainn ri teicheadh bhon Roinn Eòrpa ron Dàrna Cogadh agus ri a linn. ’S iomadh beatha a chailleadh air sgàth nam poileasaidhean cruaidhe in-imrich aca. Agus anns a’ bheagan bhliadhnaichean às dèidh a’ chogaidh, chùm luchd-poileataigs Aimearaganach agus Breatannach na dorsan an ìre mhath dùinte.[4] Dh’fhàg sin nach robh mòran roghainnean aig fògarraich Iùdhach ach feuchainn ri dhol don Phalastain.[5]

Carson nach tilleadh na fògarraich do na h-àitichean às an robh iad? Air sgàth ’s nach dùraigeadh iad tilleadh gu bhith am measg choimhearsnach a bha làn gràin dhaibh agus a thug làmh-chuideachaidh do na Nàsaich. Cha b’ e a-mhàin sin, ach bha eisimpleirean de dh’ionnsaighean nan aghaidh, fiù ’s pograman mar a bh’ aig Kielce, anns a’ Phòlainn, san Iuchar 1946. Sgap na sgeulachdan dèistinneach sin am measg nam mìltean de dh’fhògarraich Iùdhach agus, gu math coltach ris na thachradh ris na Palastainich nuair a chuala iad mu mhurtan nan aghaidh rè an Nakba, thug an t-eagal orra teicheadh.[6]

Bha Mac a’ Bhreatannaich agus a chompanaich an urra ri bhith a’ cur an grèim fhògarrach a thàinig air tìr anns a’ Phalastain – daoine a bha air tighinn às na campaichean-bàis agus a bha a’ teicheadh bhon Roinn Eòrpa. Chuir seo an cuthach air a’ ghlusad Shionach. Mar thoradh air thòisich iadsan air ionnsaigh a thoirt air togalaichean agus an uair sin air saighdearan fhèin.

Thòisich an aimhreit beag gu leòr, ach mar bu mhotha dh’fhàs misneachd dhaoine an olcais, ’sann bu mhotha cron a bheachdaich iad a dhèanamh; agus mura gabhadh an luchd-riaghaltais gnothaichean na bu sheasmhach as làimh, bha e coltach gun robh anshocair mhòr ri teachd an am ro ghoirid. (td. 59)

Mar a tha e ag innse, b’ iad buidhnean mar an Haganah, ach gu sònraichte an Irgun a bha air cùl an fhòirneirt, agus iad ag iarraidh ‘gnothaichean a thoirt gu ceann air toirt air Breatainn an dùthaich fhàgail, agus dùthaich Israel a stèidheachadh fo ùghdarras nan Iudhach’ (tdd 59–60).

Mharbhadh saighdearan Breatannach air sràidean Tel Aviv, agus thugadh ionnsaighean air campaichean-airm. Mar a bu mhotha a bha na saighdearan an sàs ann a bhith a’ ceannsachadh nan Iùdhach b’ ann a bu mhotha gràin a bha aca do na Breatannaich. Chaidh far-ainm a thoirt air an roinn-fheachd aig Mac a’ Bhreatannaich, air an robh bonaidean dearga, ‘an crom-lus dearg leis a’ chridhe dhubh’ (cf. td. 59). Ghluais Mac a’ Bhreatannaich agus a chompanaich gu tuath gu bhith na b’ fhaisge air prìomh ionadan na h-aimhreit. Seo an seòrsa obrach a bha iad ris, agus a-rithist is lèir cho mì-chofhurtail ’s a bha e mu deidhinn:

Thòisich an t-arm air bailtean leithid Tel-Aviv, as an robh cuid mhòr dhen bhuaireas a’ tòiseachadh, a chuartachadh, agus tigh an deidh tigh a rannsachadh. Thòisicheadh an obair mhì-thlachdmhor sin roimhn ghlasanaich le saighdearan a’ cuartachadh a’ bhaile gu lèir. An uairsin thigeadh buidheannan dhiu a-steach do gach tigh, a’ ruaigeadh a-mach gach firinnea[c]h o aois sia bliadhna deug gu trì-fichead agus gan treudadh gu callaid iarainn an teis mheadhan a’ bhaile. Cha b’e obair e air an robh na saighdearan a’ faighinn mòran toilichidh, oir ga-rireabh cha b’e siud an seòrsa dreuchd a dh’ionnsaich iad idir. Bha e ro choltach ri gnìomhan a’ Ghestapo a’ ruaigeadh a t-sluagh Iudhach gu campaichean oillteil na Gearmailt. (td. 61)

Bha gnothaichean a’ sìor dhol am miosad eadar na Sionaich agus an rianachd Bhreatannach. ‘Chaidh saighdearan a chrochadh air meangain chraobhan; feadhainn a ghlasadh an cistean gus an deachaidh an tacadh le cion anail; agus feadhainn eile air an slachdadh gus an robh iad leth-mharbh’ (ibid.). Turas eile, chaidh oifigeach measail a thoirt fo bhrùid leis na Sionaich agus a dhochann gu poblach. Gu tur an aghaidh an cuid òrduighean, rinn buidheann mhòr de shaighdearan air a’ bhaile a dh’fhaighinn dìoghaltas. Bha, mar gum b’ eadh, falachd eadar an dà bhuidheann.

Saoilidh mi nach innseadh Mac a’ Bhreatannaich a h-uile rud a thachair no a rinn na saighdearan aig an àm. Ach, tha e fosgarra mu aon tachartas nuair a ‘[d]h’fhosgail na gunnachan’ (td. 63) aig a’ bhuidhinn aige air bus làn dhaoine. Thachair seo air rathad cùil air an oidhche nuair a bha ‘clag-smàlaidh’ (curfew) ann. Shoillsich am freiceadan airson ’s gun stadadh an carbad ach b’ ann a thog e barrachd astair. Mar sin, rinn na saighdearan co-dhùnadh losgadh air. Ach, mar a thachair, cha robh ann ach sìobhaltaich, ‘còisir fhir-ciùil’ a’ tilleadh bho bhith a’ cluich ann an Ierusalem, agus bha iad ‘air an droch dhochann’ (ibid.).

Bha Mac a’ Bhreatannaich anns a’ Phalastain tro 1946 chun an earraich 1947. Bhruidhinn e mu mhurt seachdnar shaighdearan Albannach ann an Tel Aviv (td. 62), a thachair 25 Giblean 1946, agus tha mi an ìre mhath cinnteach gun robh e an sàs ann an Gnìomh Agatha, cur an grèim nam mìltean de Shionaich, air 29 Ògmhios 1946. Cha tug e iomradh air tachartas mòr eile air 22 Iuchar 1946, nuair a bhom an Irgun prìomh-àras na Rianachd Bhreatannaich, Taigh-òsta an Rìgh Dàibhidh ann an Ierusalem, a’ marbhadh 91.

Faisg air deireadh na h-ùine aige, thuirt e:

Chaidh an dàrna bliadhna ùr seachad dhuinn san dùthaich ud, ’a fàs na bu shearbha leis gach latha a thigeadh seachad, oir bha e ro-fhoilleasach nach b’e neart-armachd no saighdearan a bha dol a thoirt còrdadh eadar an luchd-riaghlaidh agus an fheadhainn nach aontaicheadh ri nì co-dhiù, ach an dùthaich fhaighinn dhaibh fhèin. (td. 63)

Gun mhòran rabhaidh, dh’fhàg e a’ Phalastain sa Ghearran 1947 (‘ciad mhìos an Earraich’), agus ‘cha robh sinn idir a’ sileadh dheòir a’ deasachadh airson tilleadh!’ (ibid.)

Tha na sgrìobh Pòl Mac a’ Bhreatannaich mun t-saighdearachd anns a’ Phalastain a’ toirt deagh shealladh dhuinn air buaireas agus mì-òrdugh deireadh a’ Mhandait Bhreatannaich. Chunnacas nach robh e idir ag iarraidh a bhith ann, agus mar a bu mhotha a dh’fhuirich e b’ ann a bu mhì-shocaire a dh’fhàs e mun obair a bha iad ris – agus, ’s dòcha, mun adhbhar san fharsaingeachd a bha na saighdearan an làthair. Chan eil mòran aige ri ràdh mu na Palastainich fhèin agus tha na tha ann caran tàireil. Cha chreid mi gun robh meas sam bith aig saighdearan Breatannach agus na h-Arabaich air a chèile, agus cha bhiodh e na iongnadh nam biodh mòran de ghràin-chinnidh am measg feachdan na h-Ìmpireachd. Dh’aithnich Mac a’ Bhreatannaich, ge-tà, gun robh ‘urad a dhligheas aig na h-Arabaich air an àite ’s a bha aig na coigrich a’ teicheadh as an Eòrpa’ (td. 60). Air an làimh eile, cha robh cùisean na b’ fheàrr eadar na saighdearan agus na Sionaich. Bho 1945 air adhart bha an dà bhuidheann a’ strì ri chèile, na h-Iùdhaich a’ toirt barrachd is barrachd ionnsaighean air na Breatannaich, is iad ag iarraidh orra an dùthaich fhàgail, agus na saighdearan a’ sìor-fhaighinn dìoghaltas air na Sionaich. Bho na sgrìobh Mac a’ Bhreatannaich, b’ ann a bha e a’ creidsinn gun robh na saighdearan ann airson sìth is rian a ghlèidheadh. Tha tomhas math den fhìrinn an sin – san t-seagh gun robh an rianachd Bhreatannach aig an deireadh a’ feuchainn, ma b’ fhìor, ri cothromachadh a dhèanamh eadar na Palastainich agus na Sionaich. Ach, cha b’ e buidheann sìth a bha ann an Ìmpireachd Bhreatainn idir, cha robh a’ dol dhaibh gu math idir an t-sìth a chumail, agus cha robh duine sam bith ag iarraidh gum fuiricheadh iad co-dhiù.

Tha ùidh mhòr agam ann a bhith a’ leantainn nan snàthainnean eadar na Gàidheil agus an Ìmpireachd. Ciamar a fhuair iad iad fhèin, dhan deòin no dhan aindeoin, an sàs ann a bhith ga ruith ’s ga dìon? Ach cò aige a bhiodh farmad do leithid Mhic a’ Bhreatannaich a chaidh tro theine an Dàrna Cogaidh gu bhith air a thilgeil a-steach do choire teth na Palastaine?

Agus saoilidh mi nach eil mòran againn a’ tuigsinn nan snàthainnean a tha a’ ruith eadar am Mandat Breatannach agus sgrios na Palastaine le stàit Iosrael a tha a’ tachairt chun an latha an-diugh. Às aonais Bhreatainn, cha bhiodh colonachd nan Sionach air soirbheachadh idir.

Beagan às dèidh do Mhac a’ Bhreatannaich cùl a chur ris an dùthaich ann an 1947, cho-dhùin riaghaltas Bhreatainn gum feumadh na Nàiseanan Aonaichte dèiligeadh ris a’ Phalastain agus na Sionaich. Cha robh còir aca a bhith anns an dùthaich gu sìorraidh bràth, ach thug iomairt fòirneirt nan Sionach orra togail orra gu sgiobalta.[7] Seo an dearbh ghluasad Sionach a chuidich an Ìmpireachd bho 1917 ann an iomadach dòigh, a’ leigeil leotha para-stàit Iùdhach is eaconamaidh a chruthachadh, gan trèanadh ’s gan armachadh, agus a’ ceannsachadh an nàimhdean, na Palastainich, anns na 1930an.[8] Às dèidh an Dàrna Cogaidh, cha robh na h-Iùdhaich Shionach an eisimeil air an Ìmpireachd tuilleadh. Bha iad ullamh. Air 29 Samhain 1947, ghairm na Nàiseanan Aonaichte gum bu chòir an dùthaich a roinn eadar stàit mhòr Iùdhach agus stàit bheag Arabach – a dh’aindeoin ’s gun robh dà-thrian dhen t-sluagh nan Arabaich aig an àm agus gum b’ ann aca a bha suas ri 90% dhen fhearann. Ri linn seo, thòisich na buidhnean armailteach Sionach air ionnsaigh a thoirt air na Palastainich, agus an uair sin gan ruagadh. Thòisich na ciad cheumannan cudromach dhen Nakba (an ‘Dunach’), ma-thà, aig deireadh 1947 agus toiseach 1948 mus robh na Breatannaich fiù ’s air an dùthaich fhàgail.[9] Lean e air tro 1948, agus às dèidh stèidheachadh oifigeil stàit Iosrael air 15 Cèitean 1948. Uile gu lèir, b’ fheudar do 700,000 Palastaineach teicheadh bho an dachannan air sgàth fòirneart, murtan, agus bagairtean fòirneirt. Chaidh fearann, taighean is seilbh nam Palastaineach a ghoid bhuapa, agus rachadh losgadh orra nam feuchadh iad ri tilleadh.

Agus tha an Nakba a’ dol fhathast.


[1] Chaidh an jeep san robh e ro fhada air thoiseach air an arm Bhreatannach, agus chaidh iad air chall. Ghabh iad seachad air saighdearan Gearmailteach ag ullachadh airson an seasamh mu dheireadh. Agus an uair sin dhràibh iad a-steach gu baile Schwerin far an robh sreathan den arm Ghearmailteach, agus an cuid armachd, a’ feitheamh ri òrduighean. Ciamar a fhuair e às sin? Cha mhill mi an sgeulachd oirbh.

Tha Air Druim an Eich Sgiathaich fhathast ri cheannach air prìs ìseal an seo.

[2] Tha seo stèidhichte gu h-ìre mhòr air na tha Rashid I. Khalidi ag innse ann an The Hundred Years’ War on Palestine (Profile Books, 2020), caibideilean 1 agus 2. Mholainn an leabhar gu mòr.

[3] https://www.nam.ac.uk/explore/conflict-Palestine

[4] ‘[T]here was no […] mobilization to bring Jewish refugees into the U.K. In the United States, too, the number of Jews admitted during the first several years was achingly small.’  Anns an Rìoghachd Aonaichte, b’ ann a bha iad na bu deònaiche Crìostaidhean òga à Latbhia a leigeil a-steach agus, anns na Stàitean, rinn luchd-poileataigs frith-sheimiteach cinnteach nach fhaigheadh mòran Iùdhach a-steach gu 1950 nuair nach robh cùisean cho èiginneach. Amy Davidson Sorkin, ‘Searching for Refuge after the Second World War’, The New Yorker, 2 Samhain 2020, <https://www.newyorker.com/magazine/2020/11/09/searching-for-refuge-after-the-second-world-war&gt;.

[5] Tha mi air a bhith a’ cnuasachadh air na dlùth-cheanglaichean eadar an Shoah san Roinn Eòrpa agus an Nakba anns a’ Phalastain (an dà fhacal a’ ciallachadh ‘Dunach’) – K.M. Fieke, ‘Who is my neighbour? Memories of the Holocaust/ al Nakba and a global ethic of care’. European Journal of International Relations 20 (3) (2014): 787–809.

Ciamar a dh’fhaodadh daoine a chaidh tro ifrinn do-labhairt nan Nàsach an uair sin a bhith a’ gabhail pàirt ann am brùidealachd eagraichte an aghaidh sluagh eile, leithid nam Palastainich? Anns an alt aige, tha Alon Confino ag innse sgeulachd càraid Iùdhach a fhuair às na campaichean-bàis agus a rinn imrich don Phalastain. Tha e doirbh leughadh mu na thachair dhaibh nam beatha. Nuair a ràinig iad stàit ùr Iosrael ann an 1949, fhuair iad taigh a bha air a ghoid bho Phalastainich – agus truinnsearan fhathast air a’ bhòrd. Bha iad air an uabhasachadh, ag aithneachadh sa bhad cho coltach ’s a bha an suidheachadh seo agus na thachair riutha fhèin beagan bhliadhnaichean roimhe. Dhiùlt iad an taigh a ghabhail. Ach bha iadsan mì-àbhaisteach.

‘When Genya and Henryk Kowalski Challenged History – Jaffa, 1949: Between the Holocaust and the Nakba’, ann an Bashir Bashir agus Amos Goldber, deas., The Holocaust and the Nakba: A New Grammar of Trauma and History (New York: Columbia University Press, 2018), tdd 135–153.

[6] Sorkin, ibid.

[7] Cha do ‘dh’fhàg’ Breatann an Ear-Mheadhanach buileach ge-tà. B’ ann a cho-dhùin an luchd-riaghlaidh gum biodh e na b’ fheàrr dhaibh a bhith ag obrachadh tro shiostam ‘nua-cholonach’, a’ toirt buaidh air stàitean leithid Iòrdain a bha air neo-eisimeileachd lag a chosnadh dhaibh fhèin (faic Khalidi 2020: 80, is eile). Chrìon Ìmpireachd Bhreatainn, gun teagamh, ach an do sguir Breatann a-riamh a bhith a’ feuchainn ri a cuid cumhachd a shìneadh a-steach san roinn?

[8] ‘[… B]oth the revolt [aramach nan Arabach] and its repression, and the consequent successful implantation of the Zionist project, were the direct, inevitable results of the policies set out in the Balfour Declaration, and the belated implementation of the declaration of war that Balfour’s words embodied’ (Khalidi 2020: 75); ‘Thanks to Britain’s faithfulness to these obligations [cumhaichean a’ mhandait a fhuair Breatann bho Lìog nan Nàiseanan], by the end of the 1930s it was too late to reverse the transformation of the country or to change the lopsided balance of forces [eadar na Sionaich agus Palastainich] that had developed between the two sides’ (ibid.); ‘When the British left Palestine in 1948, there was no need to create the apparatus of a Jewish state ab novo. That apparatus had in fact been functioning under the British aegis for decades. All that remained to make Herzl’s prescient dream a reality was for this existing para-state to flex its military muscle against the weakened Palestinians while obtaining formal sovereignty, which it did in May 1948’ (ibid.: 76).

[9] Ibid., 98.

Tòmas MacAilpein 18.12.23

1 thoughts on “Gàidheal ann an Gaza, 1945–47

Sgrìobh beachd