Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)

Tha mi air a bhith a’ leughadh tro na colbhan aig Ceiteag M. NicGhriogair (a shiubhail ann an 2011), ‘Naidheachdan o’n Chroit’ a nochd ann an Gairm eadar na 1960an agus 1970an. Tha iomadach rud ùidhmhor a’ togail ceann anns na sgrìobhaidhean aig NicGhriogair, agus i gu tric a-mach air beatha làitheil na croitearachd, atharrachaidhean air a’ Ghàidhealtachd, tighinn an dealain, gearanan mu chosgaisean bith-beò is cion taic do chroitearan. Chan e gu bheil a h-uile sìon trom-chùiseach, tha tòrr àbhachdas ann agus tha a’ Ghàidhlig cho blasta. Ach cha b’ urrainn dhomh gun a’ chriomag bheag seo a sgaoileadh às ùr.

Bho 1973, chuir a’ bhuidheann-dràma radaigeach 7:84 an dealbh-chluich ainmeil aca The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil, le John McGrath air an àrd-ùrlar. B’ urrainnear a ràdh gu bheil an dealbh-chluich ag innse sgeulachd a’ chalpachais air a’ Ghàidhealtachd bho Fhuadaichean an 19mh linn gu linn na h-ola anns na 1970an. Chleachd i òran Gàidhlig gu sgileil, air an gabhail le Dolina NicIllFhinnein, agus chuir i gu feum cleasan Brechtach airson toirt air an luchd-amhairc a bhith a’ smaoineachadh dhaibh fhèin agus a bhith ag iarraidh cùisean atharrachadh. (Faodaidh tu dreach telebhisein dhen dealbh-chluich fhaicinn an seo.)

Ghabh iad cuairt leis an dealbh-chluich air a’ Ghàidhealtachd. Chunnaic Gàidheil fhèin sealladh air an eachdraidh aca ann an dòigh chumhachdach ùr. Dè smaoinich iad?

Seo, ma-tà, beachd bana-Ghàidheil agus croiteir. Ron phìos seo, tha i a’ toirt tuairisgeul air an t-seòrsa chaorach a tha i a’ cumail, agus mar a dh’fhàs i cleachdte ri bhith ag aithneachadh nan caorach bàna bho chàch a chèile.

~ ~ ~

Bha Caora Mhór eile a’ mèilich feadh na dùthcha o chionn greise air ais—an té ud a bha falbh an cuideachd an Daimh ’s na h-Ola Dhuibh, Dhuibh. Tha fios gun cuala sibh i—’s mura cuala, tha làn àm agaibh a bhi air a tòir cho luath ’s a thig i ’nur n-àrainn agus gabhail rithe gu coibhneil. Gu dearbh fhuair a glaodh freagairt ’nam chridhe fhéin ’s dh’aidich a’ mhór-chuid ris an do bhruidhinn mi gu robh brìgh ’na teachdaireachd.

Bha corra chreutair aineolach nach robh ’ga creidsinn! Cha fhreagradh orra sin ach a’ ghiollachd a bha caraid dhuinn a’ dùrachdainn do dh’uachdarain mhóra na Gaidhealtachd as a bheil e cho diùmbach. Bha esan ag ràdh gum bu chòir an ceangal gu daingeann air cathraichean gus an éisdeadh iad a h-uile facal a bha cluicheadairean na Caorach ag ràdh!

Thuirt mise ris nan cuireadh e fhéin grunnan uachdaran am prangas gun dàil agus ròp làidir, cruaidh a bhi deiseil aige, gu dearbh b’fhìor thoigh leam fhéin a’ chiad snaim a cheangal. ’S a bharrachd, cha toirinn aon fhacal ’na aghaidh ged a bheireadh e aig a’ cheart àm fùcadh math air fear ma seachd dhiubh!

~ ~ ~

Tùs: Ceiteag M. NicGhriogair, ‘Naidheachdan o’n Chroit’, Gairm 88 (Am Foghar 1974), 369.

Ma tha fiosrachadh sam bith agad mu Cheiteag agus na sgrìobh i, bhiodh ùidh mhòr agam a leughadh.

Sgrìobh beachd