“Buaidh le Mi-Riaghailt” (Samhain 1887)

Gràbhalachd ainmeil ‘The Anarchists of Chicago’ le Walter Crane (1845–1915), a’ sealltainn an ochdnair anargach a bh’ air an dìteadh ann an 1886. Tùs na h-ìomhaigh an seo.

Air an latha seo, 11 Samhain 1887, chrochadh ceathrar anargach ann an Chicago: George Engel, Adolph Fischer, Albert Parsons, agus August Spies. Chaidh na fir seo agus ceathrar eile a dhìteadh airson mar a chaidh poileas a mharbhadh le boma aig deireadh cruinneachaidh de luchd-obrach air 4 Cèitean 1886 ann an sgìre Haymarket sa bhaile-mhòr. Bha stailc mhòr a’ dol aig an àm airson latha-obrach de dh’ochd uairean agus chaidh a’ choinneamh seo a ghairm gus am poileas a chàineadh agus iad air losgadh air stailcearan an latha roimhe, a’ marbhadh ’s a’ goirteachadh cuid dhiubh.

Bha na h-anargaich an sàs gu mòr anns a’ ghluasad airson an latha-obrach a ghiorrachadh agus b’ iadsan a chuir a’ choinneamh mhì-chliùiteach air dòigh. Thug am breitheamh binn-bhàis do sheachdnar dhiubh agus prìosan fad 15 bliadhna do dh’fhear eile airson a’ cheangail, ma b’ fhìor, a bh’ aca ris a’ bhomadh. Mar a thachair, lùghdaicheadh na binnean aig dithis dhen t-seachdnar a bha rin cur gu bàs agus chuir fear eile, Louis Lingg, às dha fhèin mus d’fhuair iad cothrom air a chrochadh.

Dh’adhbhraich a’ chùis-chùirt agus a’ bhinn-bhàis othail agus mòr-ghràin am measg an t-sluaigh an aghaidh anargaich, radaigich agus luchd-obrach bho dhùthchannan cèin. Mar a bha fios aig daoine adhartach aig an àm, thathas a’ gabhail ris an-diugh nach robh fianais sam bith ann gun robh gin dhe na fir ciontach às a’ bhomadh. Chaidh am marbhadh air sgàth ’s gum b’ e anargaich a bh’ annta agus gus gluasad cudromach nan ochd uairean a mhùchadh.

Chan e tachartas ainmeil ann an eachdraidh clas-obrach nan Stàitean a-mhàin a bha seo. Thug e buaidh, mar a thug gluasad nan ochd uairean, air strì an luchd-obrach air feadh an t-saoghail. Gu dearbh, chun an latha an-diugh bidh sinn a’ gleidheadh Là Eadar-nàiseanta an Luchd-obrach air a’ chiad latha dhen Chèitean thoradh bha sòisealaich Eòrpach ag iarraidh Martairean Haymarket, mar a chanar riutha, a chomharrachadh cho math ri strì nan ochd uairean sna Stàitean. B’ ann air 1 Cèitean 1886 a thòisich na mìltean de luchd-obrach Aimeireaganach air an stailc aca air an adhbhar sin.

A’ leughadh fèin-eachdraidh Emma Goldman, Living My Life (1931, 1934), chuir e iongnadh orm cho tric ’s a tha iomradh ga thoirt air tachartasan Haymarket agus eisimpleir nan anargach don fheadhainn a thàinig às an dèidh. Chaidh Goldman iompachadh gu anargachd ri linn na thachair ann an Chicago, agus bha sin fìor do dh’iomadh neach eile air a bheil i a’ dèanamh luaidh na leabhar, leithid Voltairine de Cleyre – ginealach, dh’fhaodamaid a ràdh, a rinn an t-uabhas airson anargachd agus cùis a’ chlas-obrach aig deireadh an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn.

A bharrachd air a’ chiad latha dhen Chèitean, bha 11 Samhain – an seasamh mu dheireadh aig Engel, Fischer, Parsons agus Spies – coisrigte do dh’anargaich is radaigich eile. Tha Emma Goldman fhèin, agus grunn math eile sa ghluasad, air an tìodhlacadh faisg air na Martairean ann an Cladh Waldheim (no Forest Home mar a th’ air a-nis) taobh a-muigh Chicago.

Teacsa Gàidhlig mu Anargaich Chicago

B’ ann air thuaiream a thàinig mi seachad air an alt Ghàidhlig seo mu Mhartairean Haymarket. Tha stuth ùidheil dha-rìribh ann an Gàidhlig a’ nochdadh ann an The Northern Chronicle, pàipear-naidheachd Tòraidheach a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis eadar 1881 agus 1913. Bha na colbhan gu tric a’ cnuasachadh air poileataigs air a’ Ghàidhealtachd, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta – agus, mar a bhiodh tu an dùil, cha b’ ann air taobh na rèabhlaid a bha iad!

Bha an sgeulachd à Chicago togarrach, a’ dol fad ùine mhòr agus air fuath aibheiseach a dhùsgadh – a’ chiad Red Scare anns na Stàitean. Sgap an naidheachd air feadh nam meadhanan Beurla, agus air an adhbhar sin ’s dòcha nach eil e uile gu lèir annasach gun rachadh bruidhinn mu dheidhinn ann an The Northern Chronicle. Cha robh mi an dùil, ge-tà, ri a leithid de dh’alt susbainteach ann an Gàidhlig air a’ chuspair.

An e seo a’ chiad turas a tha anargachd mar ghluasad poileataigeach ùr-nodha a’ togail ceann ann am foillseachadh Gàidhlig? Chan eil mi eòlach air sìon nas tràithe na seo, co-dhiù.

Gun teagamh, tha an ‘luchd mi-riaghailt’, na h-anargaich, a’ faighinn deagh mhàbadh san alt. Chan eil cothrom na Fèinne ga thoirt do na bha iad dha-rìribh ag iarraidh, chan eil fiosrachadh ann mun stailc san robh iad an sàs, no fiù ’s mu na h-argamaidean is fianais a chuireadh gu feum sa chùis-chùirte. Ann am beachd an ùghdair, bha an toradh ceart is cothromach: ‘Ma ni sluagh graisgeil mortadh ann an America theid an crochadh’.

Tha corra rud inntinneach a’ tachairt san alt. Tha an t-ùghdar ag aithneachadh nach e gnothach Aimeireaganach a-mhàin a th’ anns na tachartasan ann an Chicago. ‘S e gluasad eadar-nàiseanta a th’ anns na h-anargaich: tha ‘aireamh bheag na mhor anns gach duthaich de ’n Roinn-Eorpa a tha deas gu glaodhaich agus cogadh airson mi-riaghailt’. (Ged, mar a chì sinn, tha ciall farsaing is sùbailte aig an ùghdar air’mi-riaghailt’.) Tha iad a’ riochdachadh bheachdan is dùbhlan nas motha. Gu dearbh, tha an t-ùghdar a’ faireachdainn gum feum e beachdan stèidhichte a chuid poileataigs fhìrinneachadh. Ach, chan eil an argamaid aige an-còmhnaidh co-chrochte (coherent) – agus ’s ann a tha e a’ dèanamh deagh phuingean às leth nan anargach!

‘S e bagairt a th’ anns a’ cho-ionnanachd a tha na reubaltaich a’ togail mar amas. Gheibhear na gnàth-phuingean mar fhreagairt. Tha an t-alt a’ cur air shùilean dhuinn gu bheil neo-ionnanachd stèidhichte ann an nàdar: tha diofaran eadarainn a rèir sgilean is comasan agus a rèir leisge is dìcheall. Tha cuid de dhaoine beartach, airson na cuid as motha, air sgàth na h-obrach dhìcheallaich a rinn iad fhèin.

Chan eil an siostam coileanta, a rèir coltais, ach ma dh’fheuchar ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh creanaidh a h-uile duine air: ‘[c]ha ’n fhaodar a choir a dhiultadh do dhuine gun choir gach duine a lotadh.’ ‘S e ’reubainn’ a bhiodh ann a bhith a’ feuchainn ri maoin a thoirt bho na beartaich, ge be ciamar a fhuair iad an cuid beartais. Dhèanadh sin cron air an t-sòisealtas gu lèir. Ann am Breatann, tha an t-òrdugh na fhìor chothromachadh. Tha e a’ gealltainn ’saorsa’ agus gnè de chothromachd a cheart cho math ris na Stàitean Aonaichte. ‘S iad riaghladh is lagh a tha mar bhun-stèidh orra sin. An aghaidh an t-siostaim sa, chan eil ach fòirneart is ceannairc aig luchd na mì-riaghailt agus cha tàinig ’riamh buanachd a ceannairc’.

Chan eil an t-ùghdar a’ tabhann cus dòchais dhaibhsan a tha a’ fulang bochdainn ach a’ moladh gun seas iad gu daingeann ri ’deagh theagasg an t-Soisgeil agus sligheachan onorach [an] athraichean’. ‘S e trèigsinn Dhè a tha a’ toirt air daoine ’sonas ainmhidh iarraidh’ san t-saoghal seo fhèin – seach duais spioradail air nèamh – agus gan stiùireadh a dh’ionnsaigh radaigeachd is’mi-riaghailt’.

A dh’aindeoin seo uile, an siud ’s an seo tha puingean ann a tha gu h-ìre a’ ceasnachadh chùisean mar a tha iad. Tha an t-ùghdar a’ beachdachadh, mar eisimpleir, air ‘Bruadar Aimearaga’ agus air laigsean na dùthcha. Carson a bhitheadh anargaich ann co-dhiù, agus carson a rachadh èisteachd riutha? Nach eil an siostam Aimearaganach nas adhartaiche na an Roinn Eòrpa? Ann an da-rìribh, ‘[t]ha ’n duine beairteach a faotainn toiseach le bheairteas air an duine bhochd’. Cleas Bhreatainn?

Tha seòrsa de dh’aideachadh ann nach eil na h-anargaich a’ gearan gun adhbhar: ‘Abramaid, mar bhonn argumaid, gu ’m bitheadh an gnothuch na b’ fhearr na ’m bitheadh na bu lugha de dhaoine ro bheairteach anns an rioghachd so, ’s an Staitean America, ’s an duthchannan eile […]’. Cha d’ fhuair a h-uile duine an cuid beartais tro obair chruaidh is fallas an gnùise, tha e a’ gabhail ris. Agus, ’s ann a tha e a’ leantainn air gus càineadh math Tòraidheach – .i. air taobh nan uachdaran – a dhèanamh air calpaichean Bhreatainn. Tha cuid dhe na calpaichean ùra, tha e ag innse, mar chuileagan an òtraich! Dh’fhàs an cuid ionmhais ’s an cuid àrdain air sgàth ’s gun robh iad san àite cheart aig an àm cheart nuair a thàinig an rèile no teicneòlas na smùide a-steach. Ciamar a rinneadh an cuid phrothaidean? Le bhith:

a fasgadh beairteis a fallus bhoirionnach agus cloinne a bha ’n traillealachd am muillnean

A’ tarraing air Achd nam Factaraidhean 1847, tha mi an dùil, tha e a’ gèilleadh gun robh e ceart gun deach uairean obrach bhoireannach agus chloinne a lùghdachadh agus an sàbhaladh ‘o dhubh thraillealachd uairean fada nam muillnean’. B’ ann le cuideachadh nan seann uachdaran an aghaidh nan calpaichean ùra a thachair sin, tha e ag ràdh. Chan eil e a’ mothachadh don ìoranas gum b’ ann airson lùghdachadh uairean a bha na h-anargaich ann an Chicago a’ strì.

Tha an t-alt cuideachd a’ toirt dhuinn geàrr-chunntas sgoinneil air gluasad an luchd-obrach ann am Breatann san 19mh linn, ag ainmeachadh nan Cairteach (Chartists), buidheann a’ cho-èigneachaidh am measg nan Cairteach – .i. physical force Chartists, agus gluasad a’ cho-obrachaidh. Air dòigh a tha a’ lùbadh’mi-riaghailt’ gu tur san t-seagh anargach, tha an t-ùghdar a’ cur diofar bhuidhnean poileataigeach còmhla. Gu dearbh, tha e fiù ’s a-mach air ‘luchd mi-riaghailt, spuilidh, eucoir, brisdeadh lagha, leagadh thearmunn agus tighinn beo gun saothair’! Dha-san, tha reubaltaich Èireannach – Conradh na Talún agus nàiseantach Èireannach – a’ riochdachadh mì-riaghailt air an taobh a-bhos dhen Chuan Atlantach. Agus nach robh Mícheál Dáibheád fhèin air a’ Ghàidhealtachd ann an 1886 a’ sgaoileadh teachdaireachd na mì-riaghailt an seo?

Chan e anargach a bh’ ann an Dáibheád, ach air an làimh eile bha an t-ùghdar ceart gun robh rudeigin ann an cumantas eadar strìthean nan gnàth-dhaoine ann an Èirinn, Alba agus Aimearaga. Saoilidh mi gum biodh anargaich Chicago air a bhith measail air Mícheál Dáibheád.

A’ leughadh an uilt seo, tha e coltach, fiù ’s air a’ Ghàidhealtachd gun tug eisimpleir anargaich Chicago crathadh do luchd-dìon an status quo!

~~~

“BUAIDH LE MI-RIAGHAILT!”

Hurrah for Anarchy!” ghlaodh na daoine a chaidh chrochadh, an lath’ roimhe ann an Chicago, le ’n anail dheireannach. ’S aobhar mor ri smuaineachadh air, gu’m bheil aireamh bheag na mhor anns gach duthaich de ’n Roinn-Eorpa a tha deas gu glaodhaich agus cogadh airson mi-riaghailt. Ach tha coltas gur ann an Staitean Aonta America a bha, gu so, an ceann-uidhe sonruichte. Shaoil iad gu ’m faigheadh iad an toil uile ’s an duthaich sin. Cha b’ann mar shaoil a thachair. Tha ar cairdean Americanach ro mheasail air saorsa, agus, le sin, ro mheasail air lagh ; oir a dheasbhuidh lagha cha ’n eil saorsa. Ma ni sluagh graisgeil mortadh ann an America theid an crochadh. Ma ni iad eirigh an aghaidh ughdarrais theid an cuir fo chois gun dail, gun dragh. Ach nach iongantach luchd mi-riaghailt idir a bhith an duthaich anns am faigh gach duine, a theid do ’n mhachair reidhleanach, bhiadhchar, fearann a nasgaidh ?—duthaich co farsuinn agus nach bi air a lan-aiteachadh ciad bliadhna an deigh so, ged a bhitheas sruthan sluaigh, re sin, a taomadh a stigh innte o dhuthchannan muchte na Roinn-Eorpa. Cha ’n eil righ na ban-righ, diuc, na iarla, na urad is ridire aca ’s na Staitean. Tha iad fo lagh gle choltach ri lagh Bhreatuinn, ach tha iad a deanamh bosd arda gu’m bheil co-ionnanachd aca nach ’eil againne. Seadh, agus an deigh gach bosd, c’ait’, ach ann an dith ainmean onoir a bhuineas do ’n t-seann saoghal, am bheil an co-ionnanachd ri fhaighinn. Tha ’n duine beairteach a faotainn toiseach le bheairteas air an duine bhochd. Cha ’n eil costas riaghlaidh na ’s saoire na tha e ’n so ; agus, nith nach ’eil an so, tha spuileadh mor air cul a chostais riaghlaidh. Tha luchd na mi-riaghailt ag radha, gu ’m bheil olc agus bruidealachd beairteis na ’s mosaiche ’s na ’s do-ghiulan anns na Staitean na anns an Roinn-Eorpa. Tha iad a glaodhaich, mata, airson co-ionnanachd iomlan. Ach c’arson a tha iad ag iarraidh gach lagh agus riaghailt ’s an t-saoghal a chuir fo ’n casan? Tha, a chionn gu ’m bheil fhios aca nach ’eil co-ionnanachd ri fhaotainn air sheol idir eile. Ged nach ’eil cainnt na smuaintean nan daoine mi-riaghailteach aon-fhilteach agus co-sheasmhach, tha gach bhuidheann dhiuth deas gu milleadh a dheanamh air lagh agus riaghladh gach duthcha fo ’n ghrein, agus gach maoin dheanta a tha ’s an t-saoghal, a chreachadh. De, ma ta, a tha gu tighinn an deigh an leir-sgrios? “Co-ionnanachd,” their luchd na mi-riaghailt. Am bheil co-ionnanachd comasach na reir lagh naduir? Nach ’eil aon neach a tighinn do ’n bheatha so le buaidhean nach d’ fhuair neach eile? Nach ’eil aon laidir agus aon eile fann? Nach ’eil am fear so dichiollach agus [am] fear ud diomhanach, neo-churamach? Ciod a tha ann am maoin dheanta ach caomhnadh agus cur-seachad nan daoine dichiollach? Theagamh gu ’m faod sluagh seolta, nach do shaothairich air a shon, cuid mhor de ’n mhaoin sin a ghlacadh fo lagh ’s fo mhalairt. Tha cuid mhor dhe a tha leanachd, fada na goirid, ri teaghlaichean agus oighreachdan nan daoine a rinn an trusadh. Abramaid, mar bhonn argumaid, gu ’m bitheadh an gnothuch na b’ fhearr na ’m bitheadh na bu lugha de dhaoine ro bheairteach anns an rioghachd so, ’s an Staitean America, ’s an duthchannan eile, ach ’s e cheisd an gabh reubainn deanamh gun mhilleadh? Gu dearbh cha ghabh. Cha ’n fhaodar a choir a dhiultadh do dhuine gun choir gach duine a lotadh. Cha ghabh iasg a dheanamh do dh’ uachdarain fearainn agus sithionn do dhaoine a chuir am maoin ann an rathadan-iaruinn, caolasan-seolaidh, taighean bhailtean, agus gach seilbh eile a tha ri cheannach ’s ri reiceadh. A dh’ innse na firinn, b’ iad luchd-oibre nam bailtean a bha aig toiseach na connspoid. Linn air ais, chunnaic iad sluagh gun eolas, gun bharrachd idir, a fas, ann an tiota beag, ro bheairteach, direach a cheann gu ’n do thuit beagan maoin thaighean, agus bhadanan fearainn a bhith aca, an uair a dh’ atharraich rathadan-iaruinn agus cumhachd smuid cor nam bailtean ’s na duthcha, a bha lamh ri gual na ri port mara. Chunnaic iad taighean-oibre suarach agus muillnean truagh a grad fhas mor, saibhreach, agus daoine air an ceann nach b’ fhearr na iad fhein. ’S fhior an sean-fhacal—“’S iad cuileagan an otraich is airde leumas.” Co b’ ardannaiche na ’n fheadhainn a dh’ eirich ealamh o inbhe bhig, gu beairteas reamhar? Nach iad a rinn an straighlich am baile ’s an duthaich? Nach iad a spairt stur an carbadan air luchd-coiseachd an rathaid mhoir? Nach iad a bha farmadach ri seann uaislean, agus faoilidh ma gach coir a bhuineadh dhoibh-san, ’nuair bha iad fein a fasgadh beairteis a fallus bhoirionnach agus cloinne a bha ’n traillealachd am muillnean? Air an taobh eile, bha corraich air na seann uaislean an aghaidh straic cuileagan an otraich; agus an nuair a ghuidh ’s a ghlaodh an luchd-oibre airson lagha a dhionadh an clann ’s am boirionnaich o dhubh thraillealachd uairean fada nam muillnean, feuch! nach d’ thug na seann uaislean comhnadh mor dhoibh? An am na stri sin dh’ eirich na Chartists, agus ged nach robh ann an ceithir iarrtasan ainmeil nan Chartists nith ro chunnartach na neo-cheart, thug iad thairis iad fhein do bheachdan ’s do dhoighean mi-riaghailteach, coltach ris na h-Erionnaich ’s ri graisg Lunnuinn ’s na laithean tha lathair. Thug iad oidhirp air Lunnuinn a ghlacadh, ach ’s ann a chaidh an ceannsachadh buileach agus an cinn-feadhna a pheanasachadh. B’ e sin an gnothuch bu choir a dheanamh an sin, agus is e a leithid eile is coir a dheanamh an diugh. Tha tuille math daonnan ann an duthaich shaoir a riaghailt na a mi-riaghailt. Ma theirear nach ’eil an radha fior is mearrachd e. Thionndadh riaghailt gu mi-riaghailt ma ’n d’ thainig riamh buanachd a ceannairc. Bu mhath do luchd-oibre na rioghachd so nach d’fhuair ceannairc nan Chartists comas air donas, oir chuireadh mios mi-riaghailt fuadachadh air obair ’s air malairt; agus gun obair, gun mhalairt, ciod as an tigeadh duais? A chuid ’s a chuid, thainig beachdan a b’ fhearr am measg nan daoine bu ghlice de ’n luchd-oibre, agus dh’ fheuch iad, le ’m maoin bhig a thilgeadh comhlath, agus le muillnean agus taighean-oibre a chuir suas dhoibh fhein, ri uile bhuanachd an saothair a ghlacadh. Cha do shoirbhich an seol sin co math ’s a bha fiughair aca, agus gus an latha ’n diugh tha stri eadar luchd-oibre agus am maighstirean. Leis mar tha sin mar sin, tha luaineas gach bliadhna, an so na ’n sud, feadh luchd-oibre; agus far am bheil luaineas gheibhear, daonnan, feadhainn a tha seideadh bhalg air an son fhein, agus a deanamh buanachd a dragh ’s a comhstri. ’S iad fithich agus feanagan-glasa a tha soirbheachadh ro mhor ’s an linn so.

Bheir bochdainn agus muirichinn air sluagh coir, cothromach, dol, air uairean, air seacharan am measg muinntir na mi-riaghailt. Aig an am tha lathair, cha cheart do neach a tha deigheil fanachd gun tuiteam ann an olc, ’s am buaireadh, deagh theagasg an t-Soisgeil agus sligheachan onorach nan athraichean a threigsinn, gun sealltainn, an toiseach, roimhe agus na dheigh, agus gun smuaineachadh curamach ma cheann-uidhe. ’S e—“Buaidh le mi-riaghailt”—gairm chatha na muinntir anns na h-uile tir, a threig creideamh ann an Dia, agus a tha saoilsinn nach ’eil sonas na doilghios ach anns a bheatha a tha lathair, agus, le sin, gur ceart sonas ainmhidh iarraidh gu dichiollach agus a h-uile smuain is airde na sin aireamh mar bhruadar agus mar fhaoineachd. Tha cuid de dhaoine a tha creidsinn, le ’n uile chridhe, gur e so seol sonais is fhearr a chaidh a theagasg riamh, agus gus a so gu’n robh sluagh an t-saoghail a coiseachd ann an dorchadas. Air cul-thaobh nan ainmhidhean dileas sin tha, anns gach tir, feachd de bhumailearan, de leisgearan, de bhochdan a rinn iad fhein bochd, agus de mheirlich ’s de dh’ eucoraich. Thainig an drasta onfhadh fuathasach uilc agus dochais air luchd mi-riaghailt, spuilidh, eucoir, brisdeadh lagha, leagadh thearmunn agus tighinn beo gun saothair, leis mar tha na h-Eirionnaich cheannairceach a faotainn beannachadh Mhgr Gladstone, agus a brathaireachadh thall agus a bhos ri Mgr Gladstone ’s ri luchd-leanmhuinn. Chaidh Mgr Donnachadh Mac Laubhruinn do ’n uaigh a togail fianuis an aghaidh seol geillidh Mhgr Gladstone agus iarrtasan nan Eirionnach cheannairceach chiontach; agus tha Mgr Iain Bright a togail na fianuis cheudna air an talamh fhathasd. Ach a dh’aindeoin sin, mar chomharradh air trua[i]llidheachd ealamh, bha mac Dhonnachaidh agus mac peathar Iain aig Inbhirnis, air an t-seachdainn so chaidhe comhlath ri Dillon, a tha le chainnt bhuairidh na ’s ciontaiche na, theagamh, na mortairean gun eolas a rinn brochan de shleisdean Qhuirke, agus le Mgr Aonghas Cattach a chaidh ma ’n cuairt do ’n Ghaeltachd an uiridh mar ghille-maileid do Davitt! Is naigheachd math gu’n deach greim fhaotainn air fear de ’n fheadhainn aig an robh lamh ann am mortadh Qhuirke. A thaobh graisg Lunnuinn ma tha tuille dragh air an aire cha mhath dhoibh e.

Tùs: The Northern Chronicle (November 23, 1887)

~~~

An tras-sgrìobhadh agus notaichean (ri thighinn!) le T. MacAilpein (Samhain 2021).

Sgrìobh beachd