‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail! ’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha … Leugh an corr Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)

‘Am Freiceadan Dearg’ (Le Guardie Rosse), a bhiodh a’ dìon nam factaraidhean glacte, gan sealltainn fhèin airson dealbh, 1920. Tùs na deilbh-chamara an seo. Bha ceist orm, sa bhratha-bhloga mu dheireadh, an rachadh agam air rudeigin co-aimsireil a lorg ann an Gàidhlig mun Bhiennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) – 1919-1920 – san Eadailt. Lorg, gu … Leugh an corr Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)

Faisisteachd san Eadailt (1921)

Lèintean-dubha san Ròimh, tràth sna 1920an. Chrìochnaich Il Biennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) san Eadailt ceud bliadhna air ais, anns an t-Sultain 1920. Chan eil mi air cunntas a lorg air ann an Gàidhlig gu ruige seo, ach tha mi an tòir air. Ghabh suas ri leth-mhillean neach-obrach thairis air an chuid fhactaraidhean ann … Leugh an corr Faisisteachd san Eadailt (1921)

’Eòin agus Féidh’ (1920)

Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)

‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh. Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns … Leugh an corr ‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

    Sa bhrath-bhloga mu dheireadh, sgrìobh mi gun robh alt sa phàipear-naidheachd Alba a-mach air saighdearan Albannach rè Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e eisimpleir eile a tha ann den cholbh ‘Sgeula à Èirinn’, agus nochd e anns a’ chiad àireamh de dh’Alba nuair a chaidh a chur air chois às ùr san Fhaoilleach … Leugh an corr Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig