A’ Phalastain ann an ‘Life and Work’ (1917–1946)

Chruthaich iad ‘ifrinn air thalamh’. ‘Bha an gnìomharan cho borb agus gu bheil iad duilich an creidsinn. Tha e do-chreidsinn do dhaoine gun truailleadh gun tàinig a leithid de olc an cridheachan dhaoine. Ach thàinig.’

Seo faclan an Urr. Calum MacGillEathain ann an 1946. B’ ann a bha e a-mach air sgrios-cinnidh nan Nàsach air na h-Iùdhaich san Dàrna Cogadh. Gu dearbh, seo fear dhe na cunntasan as tràithe as aithne dhomh air an Holocost ann an Gàidhlig, agus nochd iad an lùib alt ùidheil a sgrìobh e mu ‘D[h]ùthaich Phalaestin’.

Agus nach eil an tuairisgeul seo a’ freagairt air na tha a’ tachairt ann an Gàsa an-dràsta? Tha na naidheachdan nas miosa na sìon a shaoil mi a dh’fhaodadh tachairt. Cha dèanadh iad sin, an dèanadh? Chuireadh an saoghal mòr stad orra, nach cuireadh?

Tha gort a-nis ann an Gàsa. Chan eil e ‘gu bhith’ ann, chan eil ‘cunnart’ ann gun tachair e: tha clann bheaga air bàsachadh leis an acras, agus cion bìdh a’ grèimeachadh air na ceudan de mhìltean. Ach tha pailteas de bhiadh – a bharrachd air uisge glan, stuthan meadaigeach, agus gach goireas a dh’fheumadh daoine – a’ feitheamh taobh a-muigh crìochan Stiall Ghàsa. ’S ann a tha Israel a’ cur stad air, a dh’aona-ghnothaich, bho bhith a’ ruigsinn chloinne agus shìobhaltach.

An t-seachdain seo, choimhead mi air Comhairle Tèarainteachd nan Nàiseanan Aonaichte (NA) a’ bhòtadh mu dheireadh thall airson rùn fois-fhòirneirt. Airson diog uabhasach, smaoinich mi gun cleachdadh na Stàitean Aonaichte an veto aca a-rithist – mar a rinn iad trì tursan mar-thà. Cha do chleachd. B’ ann a sheachain iad bhòtadh, agus air feadh an t-saoghail rinn daoine subhachas gun tigeadh crìoch air an oillt.

Tha Cùirt Eadar-Nàiseanta a’ Cheartais cuideachd air Israel òrdachadh a bhith a’ fosgladh shlighean airson biadh is cobhair do Stiall Ghàsa. Agus, rinn Francesca Albanese, an Rapporteur Sònraichte air Còirichean a’ Chinne-daonna, aithisg anns an do cho-dhùin i gu bheil Israel air trì a-mach à còig achdan ann an Cunnradh nan NA air Sgrios-cinnidh a bhriseadh.

Ged a leig na Stàitean Aonaichte leis an bhòt mu dheireadh aig a’ Chomhairle Tèarainteachd air fois-fhòirneirt a dhol troimhe, rinn iad cinnteach anns na làithean às a dhèidh a bhith ga lagachadh, is iad a’ cumail a-mach nach eil e ceangaltach (binding). Tha iad cuideachd air ionnsaigh phearsanta a thoirt air Albanese, a’ diùltadh gu bheil Israel ri sgrios-cinnidh (agus, mar sin, gu bheil iadsan a’ com-pàirteachadh ann agus ga dhèanamh comasach). Nas miosa buileach, tha iad dìreach air aontachadh a-rithist ri armachd luach $2.5 billean a thoirt do dh’Israel. Gus nach lasaich am marbhadh.

Cha do dh’èist Israel ri òrdugh nan Nàiseanan Aonaichte. Bidh na bomaichean a’ tighinn a-nuas nam meall a h-uile latha air sluagh na Palastaine. Agus, tha Netanyahu deimhinnte às gum feum feachdan Israeil a dhol a-steach gu baile Rafah, far a bheil a’ mhòr-chuid de shìobhaltaich a-nis cruinn.

Tha muinntir Ghàsa a-nis air 175 latha de dh’‘ifrinn air thalamh’ fhulang.

Sa bhaile agam fhìn, Glaschu, thachair dà rud – beag ’s gun robh iad – a bha brosnachail. Bhòt Comhairle Baile Ghlaschu airson gluasad gus dlùth-phàirteachd a nochdadh leis a’ Phalastain agus gus ceumannan practaigeach a chur an gnìomh chun na crìche sin. Bhiodh sin a’ gabhail a-steach ìmpidh a chur air Riaghaltas na h-Alba gun cùmhnantan a thoirt do chompanaidhean a bhios a’ dèanamh armachd do dh’Israel, agus a dhèanamh cinnteach nach eil a’ Chomhairle a’ pàigheadh airson bathar no seirbheisean aig a bheil ceanglaichean ri Sealbh-ghlacadh (Occupation) na Palastaine.

Agus, ann an Oilthigh Ghlaschu, chaidh An Dr Ghassan Abu Sitta, lannsair Palastaineach-Breatannach, a thaghadh mar an Reachdaire ùr le oileanaich. Fhuair e 80% dhen bhòt. Bidh daoine eòlach air bho na h-euchdan a rinn e a’ feuchainn ri obair-lannsa a dhèanamh ann an Ospadal Al-Shifa, baile Ghàsa, anns na ciad làithean de dh’ionnsaigh Israeil air Stiall Ghàsa. Chan eil a’ bhuaidh seo samhlachail a-mhàin. Cuiridh an Reachdaire ùr uallach mòr air Oilthigh Ghlaschu a bhith a’ dì-bheastadh bho mhalairt armachd agus a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri oilthighean Palastaineach. Gu h-ìoranta, tha Arthur Balfour, a rinn Foirgheall Bhalfour ann an 1917, am measg Reachdairean a bha ann roimhe – eadar 1890 agus 1893. Tha e a’ togail ceann anns na tùsan a leanas.

***

An seo, tha mi a’ cumail orm a’ cnuasachadh air na chaidh a sgrìobhadh mun Phalastain ann an litreachas na Gàidhlig. Dh’fhoillsicheadh na trì altan a leanas ann an 1917, 1940, agus 1946 anns na Duilleagan Gàidhlig aig Life and Work, iris Eaglais na h-Alba. Tha mi a’ dèanamh dheth gum b’ e An t-Urr. Dòmhnall MacLaomainn a sgrìobh a’ chiad dhà dhiubh, agus ’s e an t-Urr. Calum MacGillEathain a sgrìobh am fear mu dheireadh.

Tha iad nan deagh chùl-eòlas airson na bha againn roimhe le Pòl Mac a’ Bhreatannaich, agus e ag innse mu bhith na shaighdear anns a’ Phalastain eadar 1945 agus 1947.

Puingean sgiobalta mu na h-altan. San fharsaingeachd, tha na ministearan seo anns an Eaglais Stèidhichte dealasach ann a bhith a’ sealltainn gràdh do Bhreatann agus Ìmpireachd Bhreatainn. Tha iad cuideachd a’ cur taic mhòr ri Sionachd (Zionism) agus cruthachadh Stàit Israeil anns a’ Phalastain.

  1. Ann an ‘Gasa’ (1917), tha an t-ùghdar – an t-Urr. Dòmhnall MacLaomainn, tha mi an dùil – a-mach air an oidhirp fhada a bha aig arm Bhreatainn baile Ghàsa a ghlacadh bho Ìmpireachd nan Otomanach ri linn a’ Chogaidh Mhòir. Thug e trì blàran mòra mus do ghèill na h-Otomanaich air 1–2 Samhain 1917. Bha a’ bhuaidh seo cudromach don arm gus Ierusalem fhèin a thoirt a-mach san Dùbhlachd, agus mar sin airson Mandat Bhreatainn a stèidheachadh anns a’ Phalastain. Aig an dearbh àm a bha seo a’ tachairt dhearbh Arthur Balfour ann an Riaghaltas Bhreatainn gun robh iad ag iarraidh dachaigh a thoirt do na h-Iùdhaich anns a’ Phalastain. Tha seo, ma-thà, mar phàirt de dh’freumhaichean Stàit Israeil. Tha e tiamhaidh leughadh mu bhaile Ghàsa a’ sìor-fhulang cogadh is sgrios na eachdraidh, agus mar àite far a bheil beatha a’ strì gu bhith beò. Ach, chan fheum cogadh a bhith an dàn do mhuinntir an àite agus chan eil sìon nàdarra mun ghainnead agus gort a tha Israel a’ cruthachadh.

  2. Tha an dàrna alt, ‘“Clann Shioin”’ (1940), a-rithist gun ainm agus tha e coltach gum b’ e an deasaiche, an t-Urr. MacLaomainn, a sgrìobh e. Gheibhear glòrachadh sgreamhail air Ìmpireachd Bhreatainn ann an cainnt adhartach mu shaorsa is ceartas. Tha an t-ùghdar a’ bruidhinn mu mar a ‘leum ar cridheachan le toileachadh’ nuair a thug am Morair Balfour seachad am Foirgheall aige ann an 1917 a’ gealltainn gun rachadh dachaigh a chruthachadh sa Phalastain do dh’Iùdhaich (no Sionaich), gun ghuth air muinntir an àite. Tha e a’ cur làn-taic ris a’ ghluasad Shionach agus ri amasan ‘moralta’ Bhreatainn sa Phalastain, ach tha e ag aideachadh gu bheil duilgheadasan mòra ann a bhith a’ coileanadh na lèirsinn seo: ‘loisg sinn ar meuran anns an teine’. Chan eil tuigse aig an ùghdar carson a bhiodh ‘na h-Arabaich’ cho diombach dhe na Sionaich – aig an robh ideòlas na Palastainich fhèin a phutadh a-mach às an dùthaich aca. ’S e ìomhaigh thàireil a tha aige air na Palastainich san fharsaingeachd. Ach, chan ionnan Iùdhaich agus Sionaich – bha Iùdhaich agus Crìostaidhean am measg sluagh na Palastaine, mar-thà, agus a’ fuireach gu sìtheil leis a’ mhòr-chuid Mhuslamach. Chan eil e fìor nach e ‘dòigh Bhreatainn’ a bha ann smachd a chumail air Palastainich le fòirneart: cheannsaich an Ìmpireachd muinntir na Palastaine às dèidh Aramach 1936–1939. Agus, san dol seachad, dè cho mòr ’s a bha meas Bhreatainn air saorsa cainnt anns na colonaidhean? Chuireadh Gandhi an grèim grunn tursan na bheatha, agus chaidh a dhèanamh na phrìosanach a-rithist leis an Raj fad dà bhliadhna ann an 1942.

  3. Tha an treas alt, ‘Dùthaich Phalaestin’ (1946) ann an dà phàirt. ’S ann leis an Urr. Calum MacGillEathain a tha seo, agus tha mi a’ dèanamh dheth gum b’ esan ministear Sgìre na Tòiseachd, Siorrachd Rois, a bha san dreuchd sin eadar 1928 agus 1961. B’ ann às an Sgarp, sna Hearadh, a bha an Leathanach sin, bha e na sgoilear Gàidhlig, agus chuir e seachad ùine mar sheaplan san arm Bhreatannach san Dàrna Cogadh, a’ siubhal a dh’Afraga is don Ear-Mheadhanach, am measg àitichean eile. Fear dhe na h-adhbharan gu bheil an t-alt seo gu sònraichte inntinneach ’s e gu bheil an t-ùghdar a’ cuimhneachadh air Iùdhaich ris an do choinnich e fhèin san arm, a’ cabadaich ’s a’ seinn ann an Eabhra. Tha e ag innse gun robh iomadach cànan aig in-imrichean Iùdhach a dh’Israel, fiù ’s Gàidhlig. Tha co-fhaireachdainn làidir aige, ma-thà, do na h-Iùdhaich agus, mar a thuirt mi roimhe, tha cunntas tràth, cudromach aige air an Holocost, air na rinn na Nàsaich. Tha cumhachd na h-eucorach sin a’ toirt air an ùghdar, agus oirnne mar leughadairean, a bhith gu mòr ag iarraidh gum faigh na h-Iùdhaich tèarmann dhaibh fhèin. Tha puingean nach eil dìmeasach aige mu na h-‘Arabaich’ cuideachd an toiseach. Tha e ag aithneachadh gun do gheall Breatann saorsa dhaibh: ‘Chaidh muinghin a thoirt do Arabaich Phalaestin an uair a chuirte amach an tighearna Turcach [ri linn a’ Chogaidh Mhòir] gum biodh am fonn uile leotha fhéin’. Agus, mar sin, gun robh Breatann air suidheachadh cunnartach a chruthachadh eadar an dà bhuidheann. Ach, chan eil e a’ leantainn na h-argamaid sin. Chan eil e a’ breithneachadh air nàdar na Sionachd fhèin, aig an robh amasan cruaidh, colonach fada mus do thòisich an Dàrna Cogadh. Cha mhotha a tha e a’ toirt iomradh air mar a dh’fhàillig Breatann agus na Stàitean Aonaichte air na dleastanasan aca do na h-Iùdhaich ron chogadh agus às a dhèidh; a’ fàgail na Palastaine agus a’ ghluasaid Shionaich mar an aon roghainn a bha aig mòran Iùdhach a’ teicheadh bhon Roinn Eòrpa.

    Gu ruige seo, chan eil mi air cunntas a lorg anns na Duilleagan Gàidhlig air stèidheachadh Stàit Israeil fhèin no air an Nakba ann an 1948. Dè chanadh na h-ùghdaran seo mu dheidhinn sin?

Nòta mu bhriathrachas: Mar a chithear, ’s e ‘Gasa’ an litreachadh a tha a’ nochdadh sa chiad alt. Anns na tionndaidhean as ùire dhen t-Seann Tiomnadh (1992) agus dhen Tiomnadh Nuadh (2017) ’s e ‘Gàsa’ a tha air a chleachdadh, agus cumaidh mise ri sin. ’S iad ‘Palestin’ agus ‘Palaestin’ na cruthan a gheibhear anns na h-altan seo air an dùthaich air fad. Tha mise a’ taobhadh ri ‘A’ Phalastain’, ‘muinntir na Palastaine’.

~~~

GASA.

Cha ’n ’eil duine anns an dùthaich nach ’eil eòlach gu leòir air ainm a’ bhaile mhosaich so a nis, ged nach cuala cuid dhiubh iomradh riamh air gus an d’ thug an cogadh an t-arm Breatunnach ann, an uiridh. Bha blàr fuilteach an taobh a mach dheth anns an earrach a chaidh seachad; ach ged a fhuair cuid de na saighdearan again a steach ann, dh’ fhairtlich orra am baile a ghlacadh agus tha iad fhathast m’a choinneamh, a’ feitheamh ri cothrom dol air adhart.

Tha am baile air ainmeachadh gu tric anns a’ Bhiobull, agus theagamh gur maith le ar luchd-leughaidh a chluinntinn na tha am Biobull ag innseadh dhuinn uime.

B’e Gasa aon de na còig bailtean a bu mhotha aig na Philistich, seann naimhdean Israeil. Bha Samson eòlach gu leòir air, oir is ann do Ghasa a thug na Philistich e an uair a chuir iad a mach a shùilean, agus is ann am an [sic] Gasa a leag e an tigh air muin nam Philisteach a rinn fochaid air. Bu bheag dùil a bha aig balaich na dùthcha so an uair a bhiodh iad a’ leughadh mu Shamson anns an sgoil-shàbaid gu’m biodh iad fhéin fhathast a’ tapaid aig geatachan Ghasa,—na geatachan a spìon esan as an talamh agus a chuir e air a ghuaillean.

Anns a’ bhliadhna 710 roimh theachd Chriosd an uair a chaidh an dà rìoghachd chumhachdach an Eiphit is Asiria an caraibh a Chéile, thug rìgh Asiria a mach baile Ghasa. Bha Gasa air an rathad do ’n Eiphit agus mar sin bha e daonnan eadar a’ bhaobh ’s a’ bhuarach. Bha sin fìor anns an seann làithean agus tha e fìor an diugh fhathast. An uair a rachadh rìghrean na h-àird an Ear an aghaidh na h-Eiphit, a’ sanntachadh na tìre reamhra sin, bha Gasa dìreach air an t-slighe air am feumadh an t-arm meàrrsadh, agus cleas Bhelgium bhiodh e air a chur fo ’n casan. Bha a’ cheart ni a’ tachairt an uair a thigeadh fonn-cogaidh air rìghrean na h-Eiphit agus a rachadh iad a mach an aghaidh armailtean na h-aird an Ear. Ann an 332 roimh theachd Chriosd bha Gasa air a shéisdeadh le Alasdair Mór agus mu dheireadh air a ghlacadh, ged a sheas e a mach còig mìosan[.] Ann an linn nam Maccabeach a rìs bha cogadh mu ’n cuairt air Gasa agus bha am baile air a dhroch mhilleadh. Bha seo air innseadh roimh làimh leis an fhaidh Ieremiah a tha ag ràdh mu Ghasa (caib 47), “Do bhrìgh fuaim tartair iongannan each làidir, ri farum a’ charbad, ri stairirich a rothan, cha seal na h-aithrichean air an ais r’ an cloinn le laigse làmh, . . . agus éighidh na daoine gu h-àrd agus ni uile luchd-àiteachaidh na tìre donnalaich.” Tha am faidh Amos ag ràdh (Amos i. 6)[,]  “Mar so tha Iehobhah ag ràdh, Air son thri easaontais Ghasa, agus air son cheithir, cha phill mi air falbh a pheanas; a chionn gu ’n d’ thug iad an sluagh gu h-iomlan air falbh am braighdeanas, a chum an toirt seachad do Edom; ach cuiridh mi teine air balla Ghasa, agus sgriosaidh e a lùchairtean.” “Chi Ascelon,” ars’ am fàidh Sechariah, “agus bithidh eagal oirre; Gasa fòs agus bithidh i air a cràdh gu mór; bàsaichidh an rìgh o Ghasa, agus cha ’n àitichear Ascelon.”

Anns an Tiomnadh Nuadh cha ’n ’eil dad air innseadh mu Ghasa ach a mhàin gur ann dlùth do ’n bhaile sin a bhaist Philip an caillteanach o Etiopia (Gniomharan viii. 26).

Am measg dhaoine eile a rinn cogadh aig Gasa o linn Alasdair mhóir gus an latha so faodar iad so ainmeachadh, na Crusaders, an gaisgeach Saladin, agus na Frangaich. Is ann leis an Tuirc a tha am baile an diugh; is e an creideamh a tha air a theagasg ann creideamh Mhohammed, ged a bha easbuig Criosduidh air a shuidheachadh ann leis an Iompaire Constantin.

Cha ’n ’eil dad a làthair de ’n t-seann bhaile a chunnaic Samson; cha mhò a tha maise air bith anns a’ bhaile ùr, ach a mhàin gu bheil craobhan bòidheach agus achaidhean gasda mu’n cuairt air is dlùth dha. Tha mu shé mile deug de shluagh ann; a’ chuid mhór dhiubh, Arabaich. Tha am baile mu dhà mhìle bho’n fhairge; eadar e ’s an cladach tha bachdannan móra gainmhich a bhios a’ séideadh, agus theagamh gu bheil am baile a b’ aithne do Shamson air a thiodhlacadh fo na bachdannan sin. Eadar Gasa agus an Eiphit cha ’n ’eil ach fàsach lom, ged a chìthear an sid ’s an so àitean ìosal anns am bheil uisge searbh agus anns am bheil craobhan a’ fàs agus seòrsa de fheur biorach is luibhean far am faodar Bedouin an fhàsaich fhaicinn ag ionaltradh an caorach is an gobhar. Tha na Beduoin sin mar na ceaird—an so an diugh agus an àite eile a màireach—a’ siubhal o thom gu tom anns an fhàsach far am faigh na treudan a tha dol daonnan ’nan cois gréim a dh’ itheas iad. Sin am feurach nach fàg reamhar iad.

Anns an fhàsach a tha eadar an Eiphit is Gasa tha arm Bhreatuinn a nis bho chionn dà bhliadhna. Cha robh iad ’nan tàmh an ùine sin, oir a thuilleadh air na Turcaich a phutadh air an ais rinn iad rathad do’n each-iaruinn thairis air a’ ghainmhich is na bachdannan a h-uile ceum eadar Kantara is Gasa, ceud mile co dhiu. Dh’ fheumadh iad sin a dheanamh m’ an rachadh aca air dol air adhart, oir cha ’n ’eil biadh no uisge no fasgadh ri fhaighinn anns an fhàsach; feumaidh iad gach ni a ghiùlan leo. Agus cha ’n ’e sin an obair fhaoin arm a chumail air dòigh le biadh is uisge is aodach is gunnachan is gach goireas eile a tha dhìth orra ann am meadhon an fhàsaich, mìltean de mhìltean air falbh bho Bhreatuinn. Is suarach an tapaid a tha aig na saighdearan ri dheanamh làimh ris an obair ghoirt a tha aca ri dheanamh m’ am faigh iad dlùth do ’n nàmhaid, agus sin uile ann an teas a tha uamhasach, air an itheadh le cuileagan, air an tachdadh le sìoban, is air an claoidh le pathadh.

Tùs: ‘Gasa’, Life and Work, Gaelic Supplement, Àireamh 11 ([An t-Samhain] 1917), 43–44.

“Clann Shioin”

CHA toigh leam a bhith cluinntinn duine air bith a’ cur sìos air Breatunn, no a’ bruidhinn gu suarach no gu magail mu’n obair fhiachail a rinn i cheana, agus a tha i fhathast a’ deanamh anns an t-saoghal. Ged nach ’eil ann am Breatunn ach eilean beag air uchd a’ chuain, thigeadh call a bu mhotha air an t-saoghal uile, na’n rachadh Breatunn sìos, na thàinig air an uair a chaill a’ Ghréig agus an Ròimh an cumhachd agus an inbhe. Ged nach biodh dad aig duine as an deanadh e uaill ach a mhàin gu’n do rugadh e ann am Breatunn bu leòr an t-aobhar-uaill sin fhéin; tìr na saorsa, tìr an t-soisgeil, tìr a’ cheartais, far a bheil Coinneal a’ dealradh o chionn trì cheud bliadhna a thug solas do’n t-saoghal uile. Sin agad an fhìrinn agus gun dad ach an fhìrinn. Duine air bith a bhios a’ faotainn coire do Bhreatunn, no a’ cur sìos oirre, is e làn-dì a bheatha an t-eilean so fhàgail, agus dol do rìoghachd as fheàrr, ma’ s aithne dh ai. C’àite an rachadh tu?

M’ do thòisich an cogadh bha daoine sònraichte ’g ar bòdhradh gus an robh sinn sgìth dhiubh, ag innseadh dhuinn gur ann again fhéin a bha a’ choire a’ Ghearmailt agus an Eadailt a bhi cho neo-thoilichte agus cho caonnagach ’s a bha iad, agus gu’m b’ e na cumhacha-sìthe a rinneadh an Versailles a bu mhàthair-aobhair do gach trioblaid a thàinig air an t-saoghal o chionn bhliadhnachan. Chan urrainnear gu bràth cumhacha-sìthe a dheanamh a riaraicheas an dà thaobh, no a shaoileas iad le chéile ceart agus cothromach; na’m b’urrainn car son a bha iad a’ tapaid idir? Ach ged nach robh bann-sìthe Versailles ’n a h-oilbheum do m’ choguis féin riamh chan ann a dh’fhìreanachadh nan cumhachdan a bha innte a tha mi ’g a sgrìobhadh so, ach a ràdh gu’n tàinig barrachd trioblaid air Breatunn an cois aon de na cumhachan a b’fheàrr a rinneadh an Versailles na thàinig oirnn an cois na feadhnach a bu mhiosa. Air chor agus nach urrainn dhuit a bhi cinnteach co dhiu as fheàrr, sud no so.

Glic agus uasal.

Rinn Breatunn rud ceart agus uasal, agus rud a bha sinn an dùil a bha glic, an uair a thug i rabhadh do rìoghachdan eile gu’m bu mhaith leatha dachaidh a bhi air a dheanamh do na h-Iudhaich ann am Palestin, dùthaich an sinnsir. B’ e am Morair Balfour a’ cheud fhear a thagair gu’m biodh an cothrom so air a thoirt dhaibh, agus tha cuimhne agam fhathast mar leum ar cridheachan le toileachadh aig an àm, an dùil gu’m biodh a nis dòchas agus dachaidh air a thoirt do shluagh bochd a dh’fhuiling barrachd geur-leanmhuinn troimh na linntean na dh’fhuiling daoine eile air thalamh. Bha an rìoghachd uile toilichte làmh a bhi aig Breatunn anns a’ chùis, agus bha e ’n a fhaochadh d’ ar coguis cothrom fhaotainn air cor agus còirichean nan Iudhach anns an t-saoghal a chur ceart. Ach is e a thachair gu’n do loisg sinn ar meuran anns an teine, agus gu bheil sinn fhéin agus na h-Iudhaich an diugh air ar mallachadh an uair a bha dùil againn ri beannachadh. Dh’fhaodamaid a ràdh mar thubhairt am fàidh Ieremiah, “Bha sùil againn ri sìth, ach maith sam bith cha d’thàinig; ri aimsir slàinte, agus feuch uamhas.”

Saorsa no smachd.

Tha e duilich sìth a dheanamh ri muilleanan de dhaoine nach ’eil de’n aon inntinn, ach a tha dannarra gus an toil fhéin fhaotainn. Rinn am fear beag ud anns a’ Ghearmailt a bhios a’ magadh air Breatunn air an Radio magadh gu leòir oirnn a chionn nach robh a’ dol againn air sìth a dheanamh ann am Palestin, no an dùthaich a riaghladh le sgoinn is smachd. Chan ’eil teagamh nach b’urrainn Breatunn smachd a chumail air na h-Arabaich na’n togradh i, leis a’ ghunna no eadhon le bata làidir, ach chan e sin dòigh Bhreatuinn, agus a h-uile uair a dh’fheumas i roghainn a dheanamh is fheàrr leatha gean-maith dhaoine a chosnadh le saorsa a thoirt dhaibh seach ùmhlachd fhaotainn le smachd.

Air uairean tha an dòigh-riaghlaidh so a’ toirt air droch dhaoine agus air daoine dannarra brath a ghabhail air Breatunn (ni a clann fhéin e cho maith ris na coigrich) ach air a shon sin tha i a’ leantuinn air, gineal an déidh gineil, a chionn gu bheil i cinnteach gur e so an dòigh as fheàrr air a’ cheann mu dheireadh. Cò an rìoghachd eile a bheireadh saorsa facail do Ghandi agus do Phacifists mar tha Breatunn a’ toirt dhaibh. Ach chan ’eil sin ’n a chùis-nàire dhi, agus cha mhò tha e a’ milleadh a cliù no a neart, agus a dh’aindeoin a’ mhagaidh a rinneadh oirre le Sanbalat agus a shliochd a chionn gu’n d’ fheuch i ris na h-Iudhaich a shuidheachadh as ùr ’n an seann dachaidh, agus a chionn gu’n do ghiùlain i gu faidhidneach leis na h-Arabaich a bha air son an cumail a mach, bha an rùn a bha ’n a cridhe uasal agus cothromach. Ma dh’fhuiling i air a shon dh’fhuiling i air son na còrach.

Nithean nàrach.

Ciod an ceann-crìche a bhios aig a’ gheur-leanmhuinn a thatar a’ deanamh air na h-Iudhaich? Agus car son a thatar ’g a dheanamh? Tha e duilich a ràdh; air uairean saoilidh mi gur h-aithne dhomh an t-aobhar, ach air uairean eile thig teagamh ’n am inntinn nach ’eil mi ceart, agus gu bheil dìomhaireachd anns a’ chùis nach ’eil mi a’ tuigsinn.

Ma’s ann a chionn gu’n do cheus na h-Iudhaich Criosd a dh’fhuathaich na Criosduidhean iad anns gach linn, shaoileadh tu gu’m feuchadh na Criosduidhean ri maitheanas a thoirt dhaibh mar rinn an Slànuighear féin. Chan ’eil aon phuing anns a’ Chreidimh Chriosduidh as soilleire na gu’m feum esan a fhuair maitheanas maitheanas a thabhairt.

Ach ciod air bith an t-aobhar, rinneadh cheana, agus thatar a’ deanamh an diugh fhathast, geur-leanmhuinn air na h-Iudhaich a chuireas nàire oirnn, nàire cho mór ’s gu’m bu mhaith leinn ni-eigin a dheanamh as an leth a dh’aotrumaicheadh ar cionta.

Clann Shioin.

Am measg nan Iudhach fhéin chan ’eil ach aon bhuidheann a tha ag iarraidh dol air ais do thìr a’ gheallaidh, am buidheann ris an abrar “Clann Shioin.” Is feàrr le càch fuireach ann an dùthchanna as reamhra. Chan ’eil ann am Palestin ach fearann bochd; tha e cho duilich tuath a shuidheachadh air ’s a tha e anns a’ Ghàidhealtachd. Tha e a’ cosd mu mhìle not aon teaghlach a shuidheachadh air an fhearann, agus is ann o Iudhaich bheartach ann an America a tha a’ chuid mhór de’n airgiod a’ tighinn. Ged nach rachadh iadsan air an ais iad fhéin is maith leò gu’n rachadh am bràithrean bochd ann.

Ciamar tha a’ dol dhaibh anns an oidhirp a tha iad a’ deanamh air dachaidh ùr a chur suas dhaibh féin ann am Palestin? Chan ’eil e furasd a ràdh; tha e ro thràth breith cothromach a thoirt an cor, ach chan ann gun dìcheall no gun saothair a tha dol aca air an casan a sheasamh, agus fad na h-ùine tha na h-Arabaich, am follais agus an uaigneas, a’ feuchainn ri ’m beatha a dheanamh searbh dhaibh.

Bho chionn ghoirid bha mi a’ bruidhinn ri duine tuigseach a tha ann an seirbhis Bhreatuinn ann am Palestin, is dh’ fhoighnich mi dheth am b’urrainn e innseadh dhomh car son a tha na h-Arabaich cho guineach ris na h-Iudhaich? “Tha sin,” ars’ esan, “furasda gu leòir a thuigsinn; tha fearann aig an Arabach ach chan ’eil airgiod aige, agus tha airgiod aig an Iudhach ach chan ’eil fearann aige. Air ghaol airgiod-ullamh fhaotainn ’n a làimh agus a bhi iollagach dìomhnaineach cho fad ’s a mhaireas e, reicidh an t-Arabach a’ chroit ris an Iudhach, agus air ghaol fearann fhaotainn ann an tìr a dhaoine bheir an t-Iudhach prìs oirre nach fhiach i. Ann an ùine ghoirid cosdaidh an t-Arabach an t-airgiod, agus tha e gun airgiod gun chroit, agus an sin tha naimhdeas aige ris an fhear a cheannaich i, agus bu mhaith leis an gunna a chur ris. Ach tha lagh Bhreatuinn a’ dìon an Iudhaich.”

Daoine crionna.

Tha fhios aig na h-Iudhaich agus aig na h-Arabaich le chéile gu bheil gliocas agus crionnachd, sgoinn agus dìcheall, anns an Iudhach nach ’eil anns an Arabach, agus is e sin a tha a’ toirt air an Iudhach a bhi tàireil air an Arabach agus air an Arabach a bhi amharusach agus gamhlasach do’n Iudhach.

Is ann á Poland agus á Russia a thàinig a chuid mhór de na h-Iudhaich a chaidh air an ais do Phalestin. Tha iad ’n an daoine deanadach sìtheil, ach air uairean bithidh na ceannardan aca (ceannardan “clann Shioin”) a’ deanamh bòilich amaideach, agus bithidh a’ bhòilich sin a’ cur nan Arabach air a’ chuthach dhearg. Bithidh iad a’ bòilich gur ann dhaibhsan a bhuineas an dùthaich agus nach ann do na h-Arabaich.

Bithidh na h-Arabaich fhéin a’ deanamh bòilich cuideachd; a’ bòilich gur e iadsan a thug a mach buaidh do Bhreatunn anns a’ chogadh mu dheireadh, ach nach d’ fhuair iad an duais a bu chòir dhaibh fhaotainn air a shon.

Eadar bòilich na dithis agus an naimhdeas a tha aca d’a chéile tha e duilich do Bhreatunn sìth a chumail ann am Palestin gun tòiseachadh air an smachdachadh.

Ach tha cuid mhaith de na h-Arabaich reusanta gu leòir; tha iad a’ faicinn gu bheil na h-Iudhaich a’ maitheachadh na dùthcha le airgiod a thoirt innte; gu bheil beòshlaint na’s fheàrr aca a nis le obair agus sgoinn nan Iudhach na bha aca roimhe, agus mar sin tha iad air son a bhi réidh ri’n coimhearsnaich.

Creideamh an aithrichean.

Tha moran dhaoine an dùil gu bheil na h-Iudhaich a’ leantuinn ri creideamh an aithrichean na’s dlùithe na sluagh air bith eile. Chan ’eil sin fìor. Ged tha buidheann dhiubh a’ seasamh gu làidir fhathast air creideamh an aithrichean tha a’ chuid as mò dhiubh cho roinnte a thaobh creidimh ri daoine eile, agus eadhon ’n an dachaidh ùir chan e altair do Iehobhah a chuir iomadh teaghlach suas ach altair air a bheil dealbh Karl Marx, athair nan Communists uile. Tha e air a ràdh gu bheil barrachd de ana-creidich am measg nan Iudhach na tha am measg cinneach air bith eile, agus barrachd dhaoine a tha ag àicheadh gu bheil Dia ann.

Am measg “clann Shioin” a tha nis air tuineachadh ann am Palestin gheibhear teaghlaichean a tha cho diadhaidh a réir gnàths an aithrichean ’s gu’n do thraisg iad agus gu’n do chòmhdaich iad an cinn le luaithre a chionn gu robh e air a cheadachadh Eabhra a chleachdadh mar mheadhon-teagaisg anns an Oilthigh, a’ chainnt naomh nach bu chòir a chleachdadh ach ann an ùrnuigh a mhàin. Air an làimh eile gheibhear am measg “clann Shioin” ann an tìr a’ gheallaidh Iudhaich a tha na’s gaolaiche air muic-fheòil na tha iad air aran neo-ghoirtichte, agus nach toir ho-ro air Abraham no air lagh Mhaois. Chan e creideamh ach dùthchas agus fuil a tha a’ cumail an t-sluaigh so dìleas d’a chéile agus dealaichte o chinneach eile.

An ceann-crìche?

Ma shoirbhicheas an rùn a bha an inntinn Bhreatuinn a thaobh nan Iudhach is maith an gnothuch, ach mur soirbhich cha ruig i a leas nàire a bhi oirre gu’n d’fheuch i ri bàigh a nochdadh dhaibh.

Aig àm eile ’n an eachdraidh bha na h-Iudhaich air an toirt air an ais do Ierusalem, a thogail nam ballachan briste. Bha nàimhdean aca anns na làithean sin a dh’fheuch ri bacadh a chur orra, ach le dìorras agus dìcheall chum iad orra gu misneachail, agus chaidh leò air a’ cheann mu dheireadh. Agus is maith do’n t-saoghal gu’n deachaidh, oir tha sinn uile a’ mealtainn toradh na buadha sin, agus ma théid leò air an turus so, cò aige tha fhios nach meal an saoghal beannachdan ùra an cois na buadha sin.

Bha Pol cinnteach gu’n tig an là anns am bi Israel uile air an teàrnadh: mar tha e sgrìobhta, “The am Fear-saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mi-dhiadhaidheachd o Iacob.”

Tùs: “Clann Shioin”, Life and Work, Gaelic Supplement, Àireamh 11 ([An t-Samhain], 1940), 6–8

Às dèidh an uilt seo, tha earrann ann air ‘Aireamh nan Iudhach’, a’ toirt seachad na h-àireimh de dh’Iùdhaich ann an diofar dhùthchannan. Tha e cianail coimhead air seo agus fios againn gun robh an t-inneal Nàsach ag obrachadh an aghaidh Iùdhach sa Ghearmailt aig an àm sin fhèin ann an 1940. Air adhbhar air choireigin, tha e a’ cumail a-mach gur e Hitler ‘an t-Iudhach as ainmeile anns an t-saoghal ùr’.

Dùthaich Phalaestin

THA beusalachd na h-Eòrpa a’ dol air ais go iomadh toiseach, ach is ann o thrì cathraichean ainmeil a thàinig mór-chuid na nòsmhaireachd sin, o’n Aithne, o’n Roimh, agus o Ierusalem. Is ann am Baile na h-Aithne, am measg nan Gréugach, a fhuaireadh a’ chuid de ar sìbhealtachd a bhuineas do’n aos-dànachd, dàn an litreachais, dàn nan dealbh, dàn a’ chiùil. B’i an Aithne oide na feallsanachd. Is ann rathad na Ròimhe a thàinig smachd, rian is riaghailt, dlighe is lagh. Is ann á Sion a thàinig slàinte, an soisgeul, eòlas air Dia. Agus tha sìbhealtachd dùthchannan na h-Eòrpa, leis gach mùthadh a tha eadar tìr is tìr, uile fo fhiachaibh troma aig na trì cathraichean sin. Is ann an Dùthaich Phalaestin a tha Ierusalem, dùthaich bheag air a bheil eachdraidh mhór. B’i so “tìr a’ gheallaidh,” agus chan ’eil i gun ghealladh fhathast.

Bha an dùthaich so aig na Canànaich air tùs. Is e sin a dh’fhag Tìr Chanàin oirre, chomh-maith. Ach tha eachdraidh Chlann Israeil chomh suidhichte innte agus gum faodar “Tìr a’ Bhiobuill” a ghabhail oirre. Agus chan ioghnadh idir ged a bhiodh dùil aig sliochd Abraham gu bheil ceangal go latha bràthach aca rithe.

Bha an dùthaich bheag so riamh o linn eachdraidh ’na ceart-shuidhe eadar cumhachdan is rìoghachdan is impireachdan bu mhotha na i fhéin, agus is e cùis-smaoinich mhór a tha ann chomh buan agus a tha a h-eachdraidh agus chomh brìghmhor, buadhach agus a tha a sìolraidh. Rinn na cumhachdan móra sin uile ni eigin de dhragh a chur oirre, agus bha buaidh a chum a leas no chum a sgrios aca oirre, ach riamh an eachdraidh Chlann Israil bha beatha is brìgh aice innte fhéin gus mu dheireadh an tug i uidhir de bharrachd orra uile agus a thug am buachaile bochd Daibhidh air na rìgh mhór Sàl e fhéin. Ach rinn na mór-rioghachdan uair is uair a cur am bruid. Ri linn Chriosd bha Israelich ann a’ deanamh bòsd as an nis o, nach robh iad-san riamh an daorsa. De nach gabh a ràdh. Aig an dearbh àm bha facal Impire na Ròimhe na lagh an Ierusalem. Cò a leughas an Tiomnadh Nuadh nach lorg ceannard-ceud! Agus bha smachd na Ròimhe, gun amharus, far an robh am fear sin. Agus gun tighinn-air bruid Bhabailoin bha a leithid de dhuine ann ri Alasdair Uaibhreach, agus bha Gréugach ann roimhe ’s as a dhéidh; agus ri linn Chriosd bha a Ghreugais ’na dara cainnt na tìre, agus is e sin is aobhar gur ann an Gréugais a sgrìobhadh an Tiomnadh Nuadh fhéin air tùs. Cha b’ann gun fhios ce mar a thàinig a’ chainnt eilthireach sin gu bhith an reim! Ach bha cainnt cridhe is cànain teallaich aig na h-Iudhaich dhaibh féin, direach mar a tha Gàidhlig againne, comhradh de’n mhor-theanga do am buin an Arabaig agus an Eabhra. Bha an comhradh sin aig Iosa. Is e an Aramaig a bha aca.

Chan e mhàin gun robh ùghdaras na Ròimhe os an cionn an làithean an t-Slànuighear air thalamh ach thàinig an t-ùghdaras sin gu bhith ’na thaom-dolais an ùine gheàrr. Chaidh Ierusalem a bhristeadh ’na mhìrean agus chaidh an teampull a leagail gu làr, dìreach mar a thuirt Iosa. Chaidh àr mór a dheanamh am measg nan Iudhach, agus an tuilleadh ruaig orra as an tìr, agus cha b’e a cheud turus e, oir bha iad a cheana sgapte air feadh gach tìr. Thuirt fear-eachdraidh gun do sheas na h-Iudhaich aig uaghannan gach drong an eachdraidh a rinn droch dhìol orra, agus thachair sin do na Romanaich. Thuit ballachan na h-Impireachd làidir. Agus air son nan Ròmanach dheth cà bheil iad a nis? Ach dh’fhàg sin an Roinn-Eòrpa fad iomadh ginealach agus a leòr mór de mhi-rian agus de ghòrachadh aice innte fhéin. Bhrùchd na borbanaich a steach agus ghlac iad oighreachdan is rìoghachdan; agus am measg gach ceist bha a’ cheist mhór ce mar a chuirte suas ballachan leagte na Criosdalachd? Agus dh’fhuaisgleadh a’ cheist, agus choisinn an soisgeul an Roinn-Eòrpa gu léir agus ghuidh an Roinn-Eòrpa an soisgeul. Ach chaill a’ Chriosdalachd cuid mhór de a còirichean anns an Aisia Bhig agus air feadh na h-Afraic. Gheibhear gu ruige an latha an diugh beag-àireamh an sud ’s an so san Airde ’n Ear aig a bheil an soisgeul, sluagh bochd, anmhuinn agus an-shocrach a rinn Criosdalachd na h-Eòrpa fhàgail gu maslach fo chasaibh naimhdean a bha gun bhàigh ’s gun ioc. B’e am muir-bàithte a rinn an long-bhristeadh air Criosdalachd na h-Airde ’n Ear an cràbhadh ùr agus am mosgladh mór a rinn na slòigh Arabach an déigh dhaibh gabhail ri riaghailt Mhuhamaid. Thàinig na treubhan sin gu bhith ’nan aon sluagh “uamhasach fo bhratach” agus choisinn iad daibh féin dùthaich fharsuinn eadar Babailion agus Cuan Atlantaig. Rinn iad sgrios air Criosdalachd na h-Afraic. Choisinn iad an Spàinn. Thàinig iad a steach do’n Roinn Eòrpa o’n taobh an ear agus choisinn iad Cathair-Chonstantain agus tha i aca riamh o’n uair sin, agus cha mhór nach do choisinn iad làr na h-Eorpa. B’fhurasda dhaibh sid Palaestin a chur fo chis. Rinn ridirean agus gaisgich na Criosdalachd an déigh-laimhe ionnsaighean euchdach a thoirt air Ierusalem a thoirt bhuapa fo mheirg na croise deirge. Bidh an eachdraidh buan ged nach robh am buaidh buan. Ghléidh na Muhamadaich Palaestin agus gu ruige an latha so againn is iad na h-Arabaich le creud Mhuhamaid an seòrsa as lìonmhoire san tìr.

Is ann fo Impireachd na Tuirc’ a bha Palaestin an uair a thòisich Cogadh a’ Cheusair an 1914, agus chaidh an Turcach còmhla ris a’ Ghearmailteach ’nar n-aghaidh. Cha robh iochdarain na Tuirce sna dùthchannan Arabach ro shona dheth, agus le bhith gealltainn saorsa dhaibh agus féin-riaghladh dheargadh orra gus an do rinn iad àr-mach an aghaidh na Tuirc, agus bha làmh aca san Chuairt-chatha leis an tug an Sineilear Allenby a mach Ierusalem. Chaidh muinghin a thoirt do Arabaich Phalaestin an uair a chuirte amach an tighearna Turcach gum biodh am fonn uile leotha fhein. Is e sin a bha san amharc aca-san.

(Ri leantuinn)

Tùs: [An t-Urr. Calum MacGilleathain], ‘Dùthaich Phalaestin’, Life and Work, Gaelic Supplement, Àireamh 9 ([An t-Sultain] 1946), 7–8.

Duthaich Phalaestin (air a leantuinn)

Ach ri linn a’ chogaidh cheudna bha feum air na h-Iudhaich. Cha deanar cogadh gun airgead, agus cha deanar airgead-cogaidh a thrusadh gun cuimhne dheanamh air na h-Iudhaich agus gun taghal aca. Dh’iarradh cobhair air na h-Iudhaich agus rinn na daoine gléusda sin bargan,[*] gun tugadh iad gach cobhair a b’urrainn iad nan gealladh Breatainn gum biodh “Dachaidh” aig na h-Iudhaich an déidh a’ chogaidh am Palaestin. Bha dream eudmhor nam measg air an robh na Sionaich aig an robh an rùn so mar am priomh-dhìcheall gum faigheadh na h-Iudhaich, aon uair eile, Tìr a’  gheallaidh dhaibh féin. Fhuair iad an gealladh, agus bu ghealladh a leth!  Bha fear air an Teairbeart sna Hearadh a reic trosg ri dithis, an aon latha, agus rinn e crois! Ma ta, rinn Breatainn Mhór i fhéin crois nach beag, oir tha nis an dùthaich so, Palaestin, air a làmhan agus dà chinneach innte agus gach aon aca làn-chinnteach gur h-ann leòtha fhéin a tha an tìr. Sin ni nach ’eil furasda a dheanamh, dithis nach taobh a chéile a chumail réidh mu’n aon cathair. Chan ’eil ann ach aon chreathail agus tha naoidheanan air fàs nam balaich chomh mór agus nach cum i sona le cheile iad!

Daoine deanadach

Eadar 1918 agus so fhéin tha imrich aig na h-Iudhaich ’ga dheanamh gu Palaestin. Tha iad a’ deanamh gu maith ann.  Is mór an t-atharrachadh a thàinig orra fhéin innte, agus, is mór am piseach a thug iad fhéin oirre. Thog iad tighean snasail agus bailtean ùra, agus chuir iad lorg air gach meadhon coitchionn a tha aig an t-saoghal Eorpach, no aig an Domhain Shiar, air cùisean a leasachadh. Chaidh iad ri tuathanas is ri malairt, ri ealain is ri ceaird, ri sgoil is ri fòghlum, ri ionnsachadh is ri innealtaireachd air chor agus gu bheil Palaestin an nis ’na dhùthaich eile aca. Tha bailtean ùra mar a tha Tel Abhibh agus Haifa mór agus maiseach. Tha an t-sìbhealtachd Eorpach a nis air a stéidheachadh gu maith làidir annta. Air tùs cha do chuir na h-Arabaich cus umhail orra. Thug  iad airgead do’n dùthaich is cosnadh is còmhnadh is leasachadh de iomadh seòrsa. Thug iad prìsean a bha na h-Arabaich a meas mór air fearainn as nach robh iad fhéin a’ toirt móran maith agus gun iad ach aig ìre cois-chruim. An uair a chunnaic iad mar a thug na h-Iudhaich na fearainn gu rathad agus gun tàinig “am fàsach fo bhlàth mar an ròs,” agus buannachd mhaith aig na h-Iudhaich a measan, thuig iad an call. Agus cha robh ann ach an t-iasg bu lugha dheanamh mar a b’fheàrr a rachadh aige air. Thòisich am farmad is am buaireadh, agus tha an dà sheòrsa riamh o’n uair sin an rùn nam biodag do chàch a chéile.

Ged nach ’eil Arabaich Phalaestin ro chomasach air an saoghal a chur fo cheannsal (tha iad tapaidh ach chan ’eil eòlas no innleachdan aca) is fheudar duinn fios a bhith againn gu bheil an saoghal Muhamadach air an cùl. Tha Ioslam mór agus cha chòir do dhaoine corraich gun aobhar a chur air. Tha Ioslam, no muinntir Mhuhamaid, am measg iomadh seòrsa dhaoine, ach is ann dà a bhuineas an t-Arabach anns gach àite agus tha mar sin neart aca eadar Babailion agus Cuan Atlantaig de aon aidmheil agus le aon teanga, an Arabaig. Tha luchd-leanmhainn Mhuhamaid làidir san Impireachd againne gu h-araid thall an Ind. Tha, a rìs, dùthchannan saora aca mar a tha Iorag agus an Eiphit ged a tha iad sin féin am bannaibh againne. Agus do bhrìgh agus gu bheil seòl aig muinntir eile air gach roinn aca bhrosnachadh nar n-aghaidh buinidh e dhuinn a bhith cùramach, cionda.

Sgrìob liath an Earraich

[Ge] ta, tha na h-Iudhaich bhochda ’nan éiginn agus tha iad ’nam fìor chulaidh-thruais. Cha b’e Muhamad ’na aonar aig an robh créud is cràbhadh ùr. Bha sin aig na Nàsaich iad fhéin, agus so aon cheann deth, “Sgriosamaid na h-Iudhaich.” Rinn iad oidhirp chronail air sin a dheanamh. Mhill an cogadh móran ach is iad na h-Iudhaich a chaidh a liodairt builleach. Thàinig “sgrìob liath an Earraich” orra anns gach àite san d’ fhuair Nàsachd greum orra. Chaidh 5,000,000 aca chur gu bàs gun tròcair, urrad ’s a tha dhaoine an Albainn o’n bheag chon a’ mhór. Naraich na Gearmailtich an stoc as an robh iad a’ deanamh uaill (agus de  an do rinn iad dia) na Nòrdaich, no fìor-dhaoine geala na h-Eòrpa, leis an an-cneasdalachd agus leis a bhuirbe leis an do phronn iad na h-Iudhaich gun chridhe gun ioc. Fhuair an saoghal taisbeanadh air de nidh [sic] duine geal gun Chriosd—ifrinn air thalamh. Bha an gnìomharan cho borb agus gu bheil iad duilich an creidsinn. Tha e do-chreidsinn do dhaoine gun truailleadh gun tàinig a leithid de olc an cridheachan dhaoine. Ach thàinig. Mhill iad na h-Iudhaich leis gach milleadh a ruigeadh air corp is inntinn; agus an uair nach b’ urrainn iad an còrr a thoirt asda chuir iad gu bàs iad, mar gun deanadh iad air na rodain.

Tha an cinneach millte so ag asluchadh air an t-saoghal aon chomraich fhàgail aca, Palaestin. Is cruaidh an cridhe nach iarradh fasgadh fhaotainn dhaibh. Tha iad a’ sior-bhrughadh a steach do’n tìr a’ teachd ás a’ Ghearmailt, á Pòlainn, á Astria, ás an Rùis, á Danmarc, ás a’ Bheilg, ás an Olaind, ás an Fhraing, ás an Eiphit, ás an Eadailt, ás an Rumàinn, ás a’ Bhulgaireachd agus á Sasuinn.  Dìobaraich is fògaraich is fuidheal na h-Eorpa! Ach stad ort. Tha cànain is eòlas is oilean is oideas gach nàision aca. Chan ’eil tìr bheag san domhain uile sa’ bheil a leithid de shluagh le eòlas agus le eud, agus tha saibhreas an luchd-cinnidh air feadh an t-saoghail an urras orra. Nidh am measgan so meall cunbhalach, comasach ri ùine.

Buan agus ruighinn

Is e na h-Eabhraich a bha aon uair orra mar ainm. Is i an Eabhra an cànain a bha aca air tùs. Tha iad a nis a’ togail na cainnt sin as ùr. Chan ’eil cainnt san Roinn Eòrpa nach ’eil aca (chunnaic mi dithis aig an robh deagh Ghàidhlig Albannach) ach so teanga tha gu bhith aca coitchionn. Chunnaic mi iad a’ sgrìobhadh an cuid litrichean san Eabhra. Chuala mi an òige a’ bruidhinn ri chéile innte. Agus, anns an Eiphit an culaidh odhar an airm Breatannaich, san tréinne chuala mi gillean is nigheanan a’ gabhail nan òran innte a cheart chomh laghach, saor agus a chuala mi gillean is nigheanan Leòdhais a’ seinn eadar an Caol agus Inbhir-Pheofharain. Agus tha mo bheannachd aca le chéile!

Tha e air aithris gun do chuir neach ceist air Napoleon, “de an dearbhadh a bha aige gun robh am Biobull fior,” agus gun do fhreagair e gun robh “na h-Iudhaich a bhith buan!” Buan, abair a bhith ruighinn buan. Agus tha fios aig a Chruthaidhear car son. Agus bidh fhios aig an t-saoghal uile air fhathast.

Tùs: An t-Urr. Calum MacGilleathain, ‘Dùthaich Phalaestin (air a leantuinn)’, Life and Work, Gaelic Supplement, Àireamh 10 ([An Dàmhair] 1946), 3–4.


[*] Ged tha am fear-deasachaidh a leigeil leis an fhacal so seasamh, chan ’eil e a’ creidsinn gu’n do rinn Breatunn bargain de ’n t-seòrsa ris na h-Iudhaich. [Bonn-nòta tùsail].

An tar-sgrìobhadh is eile le T. MacAilpein (2024).

Sgrìobh beachd