Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24

Bhruidhinn mi ri BBC Naidheachdan an t-seachdain sa chaidh air beatha Iain Mhòir MhicGillEathain (1879–1923). Rinneadh an aithris naidheachd air thoiseach air cuirm mhòr aig Celtic Connections, ann an Glaschu, a’ comharrachadh 100 bliadhna bho shiubhail an Leathanach air 30 Samhain 1923.

Thuirt mi gun robh daoine ‘a’ sìor-fheuchainn ri MacGillEathan a thìodhlacadh, mar gum b’ eadh, ach a-rithist ’s a-rithist tha ginealaichean [ùra] air a lorg agus air tilleadh chun nam beachdan mòra aige a thaobh a bhith a’ sabaid an aghaidh armailteachd, airson eadar-nàiseantachd, agus airson smaoineachadh mu dheidhinn saoghal gun chalpachas’.

Gheibhear an aithris air làrach-lìn a’ BhBC an seo.

Bha oidhche air leth ann aig Celtic Connections Dihaoine. Nam measg-san air an àrd-ùrlar bha Karine Polwart, Eddie Reader, agus fiù ’s Billy Bragg. Ach bha aoigh shònraichte ann nach robh ainmichte ro-làimh: Dick Gaughan, a ghabh ‘The Red Flag’ còmhla ri Billy às dèidh bhliadhnaichean air falbh bho cheòl ri linn tinneas. Dhomhsa, cha chreid mi gu bheil seinneadair eile a thigeadh ann an uisge na stiùrach dha! Tha Handful of Earth (1981) air fear dhe na clàran as fheàrr leam san t-saoghal.

Cha robh mi fhìn an làthair ge-tà, thoradh cha robh an tè as òige againn gu math. Ach bha mi ann ann an spiorad. Agus, bha ar teaghlach air a sàr-riochdachadh le mo chèile, Beth, a dh’fhosgail a’ chuirm le a bhith a’ leughadh dàn Shomhairle, ‘Clann Ghill-Eain‘. Agus, na b’ anmoiche dh’aithris i an dàn ùr aice fhèin air MacGillEathain, ‘An Tidsear agus an Sgoil’.

Tha an dàn sin, agus mòran a bharrachd ann an Gàidhlig, foillsichte ann an cruinneachadh ùr de bhàrdachd a rinneadh tro na bliadhnaichean do dh’Iain Mòr MacGillEathain, Now’s The Day, Now’s The Hour: Poems for John Maclean (2023), deasaichte le Henry Bell agus Joey Simons. ’S mòr as fhiach e siud fhaighinn.

Sgrìobh beachd