Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

Piogaid nam mèinneadairean ann an Gleann Bilston/Bilston Glen, Meadhan Lodainn, a’ toirt aghaidh air a’ phoileas, 1984.

#AirAnLathaSeo 6 Màrt 1984 thòisich Stailc nam Mèinneadairean a chuir Aonadh Nàiseanta nam Mèinneadairean (NUM) an aghaidh Bòrd Nàiseanta a’ Ghuail (NCB), cho math ri riaghaltas Thatcher. B’ e an aimhreit gnìomhachais a bu mhotha agus a b’ fhaide a bha ann am Breatann às dèidh an Dàrna Cogaidh, a’ maireachdainn an ìre mhath bliadhna gu lèir agus a’ gabhail a-steach co-dhiù 142,000 neach-stailce, gun luaidh air na boireannaich a chùm cùisean a’ dol, agus a’ chlann a bha an eisimeil orra.

Bidh mòran bruidhinn mun stailc, tha mi an dòchas, leis gur e seo an 40mh ceann-bliadhna. Mholainn am prògram aithriseach ‘Miners’ Strike: A Frontline Story’ a tha stèidhichte air agallamhan le mèinneadairean fhèin, fiù ’s daoine a bhris an stailc, boireannaich agus poileas. Tha e tiamhaidh, cumhachdach, agus gheibhear boillsgeadh de chultar fìor làidir nan coimhearsnachdan mèinneadaireachd agus mar a sheas iad ri chèile.

Tha mise de ghinealach a dh’fhàs suas anns na bliadhnaichean às dèidh na stailc mhòir seo, agus iomadach stailc eile anns na 1980an, nuair a bha e coltach gun robh an clas-obrach, agus poileataigs a’ chlas-obrach, gu tur air an ceannsachadh. Tha mi fortanach a bhith air coinneachadh ri mèinneadairean radaigeach thall ann an Dùn Èideann, agus air èisteachd riutha ag innse mu na dh’fhiosraich iad. Tha mi cuideachd eòlach air daoine ann an Glaschu a bha gu mòr an sàs anns an iomairt gus taic a chur ri teaghlaichean nam mèinneadairean. Tha agus bithidh Stailc nam Mèinneadairean 1984–1985 nas cudromaiche na gual, agus a bhith a’ sàbhaladh mhèinnean. Bha i mu dheidhinn cumhachd nan daoine, na nì an stàit nuair a bheir i ionnsaigh oirnn, agus an saoghal brèagha sin a dh’fhaodas an luchd-obrach cruthachadh dhuinn fhìn.

Ceist a’ bhloga seo: dè chaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn ann an Gàidhlig?

Gu ruige seo, cha deach agam air aithrisean naidheachd no beachdachadh a lorg air na tachartasan a rinneadh aig an àm, seach beagan bhliadhnaichean às dèidh làimh. Tha mi dòchasach gum faigh mi rudeigin dhen t-seòrsa sin fhathast. (Ma tha dad a dh’fhios agad air tùs nach cuir thu fios thugam?).

Fiù ’s ann an colbhan deasachaidh Gairm chan eil iomradh air a’ ghnothaich eadar 1984 agus 1985. Chan fhaic mi sìon ann an duilleagan Gàidhlig nam pàipearan-naidheachd – ged nach fhaca mi a h-uile rud idir. Agus, tha mi ag iarraidh trod ri sgrìobhadairean Gàidhlig. Dè bhac ur pinn bho bhith a’ dèanamh cunntas air seo? Nach robh euchdan is fulangas nan coimhearsnachdan sin buntainneach? Nach robh e Gàidhealach? Ciamar a sgrìobhadh sibh mu rud sam bith eile nuair a bha sin a’ tachairt?

Ann an 1986, tha MacThòmais a’ toirt iomradh san dol seachad air gnìomhachas a’ ghuail an lùib sùil air ais air suidheachadh na h-Alba bho dhiùltadh toradh reifreann an fhèin-riaghlaidh ann an 1979:

Thàinig an uair sin an geamhradh fada, is abair geamhradh. Dh’fhalbh na h-obraichean mòra às an Eilean Dubh is à Ceann Loch Lìobhann, thraogh obair a’ ghuail is obair na cruaidhe, dh’fhalbh na bloighean mu dheireadh de obair nan càraichean, is bha obair nan gàrraidhean-shoithichean a’ sìor sheacadh. ’Nan àite fhuair sinn super-mharcaidean is boutiques is craft-shops, is Sasannaich a’ riaghladh obair ciùil is dràma is eile, agus mòran de dh’fheansaichean ann an corra àite.

Ach tha an dùsgadh air tòiseachadh. Tha na Tòraidhean a’ faighinn cùl-nan-còig agus is math an airidh.

Ruaraidh MacThòmais, Gairm 135 (Samhradh 1986), 203–204

Ùidheil, inntinneach, ach abair gnìomhair a tha ann an ‘traogh’ airson a bhith a’ grad-mhìneachadh an fhòirneirt agus na còmhstri a bha air cùl deireadh obair a’ ghuail. ’S e tha againn an seo ach sealladh nàiseantach air na thachair, gun ùidh cheart ann an sealladh an luchd-obrach. Chan eil fhios ’am dè smaoinich MacThòmais mun stailc aig an àm.

Tha mi a’ mealtainn, ge-tà, sgrìobhaidhean Thormoid E. Dhòmhnallaich, à Uibhist a Tuath. (Tha an fhèin-eachdraidh aige, Eadar Clachan Shannda agus Tobar na Màthar (2014) ri fhaighinn an seo.) Bho rinn e imrich a Thobar na Màthar, dh’fhàg e againn cunntasan inntinneach anns na 1980an agus 1990an air obair gnìomhachais na sgìre, gu sònraichte obair-stàilinn Ravenscraig – agus bu mhath leam tilleadh gu sin uaireigin eile.

Seo alt leis an Dòmhnallach air gnìomhachas a’ ghuail a chaidh fhoillseachadh na b’ anmoiche ann an 1994.

~~~

Soraidh slàn leat, a ghuail

THA an seanfhacal ag ràdh, an rud a bhitheas an dàn bidh e do-sheachanta. Chan eil mi cinnteach idir an aontaicheadh luchd obrach na h-Alba ris a-sin.

O mheadhain na linne seo, tha móran de dh’obraichean ann an Alba air dùnadh no air crìonadh. Sguir iad a dhianamh càraichean aig Linwood ann an Rinn Friu, sguir iad a dhianamh tractaran aig Tannochside ann an Lannraig agus faodaidh tu a ràdh gun do stad iad a thogail nam bàtaichean air abhainn Chluaidh. Chaill na mìltean an cuid obrach nuair a dhùin obair na stàilinn aig Ravenscraig agus an-dràsta fhéin tha teagamh agus imcheist air na ceudan aig Ros Saoithe a thoireadh air gu dé a tha a’ dol a thachairt do ionad càradh nam bàtaichean.

Dhùin feadhainn de na h-obraichean gu h-obann, chum feadhainn a’ dol gu socair agus rinn feadhainn eile s[t]rì le aimhreit, deasbad agus stailcichean an aghaidh an riaghaltais agus nan companaidhean móra eadar-nàiseanta, a bha coma co-dhiù nan dianadh iad prothaid gu leòr.

S dòcha nach buidheann eile ann a tha air a bhith cho mì-fhortanach, agus a tha cho airidh air cùl taic, ris na mèinneadairean guail. Dh’fhuiling iad cruaidh chàs bhon t-seachdamh linn deug, agus gu 1799 bha ’nan tràillean agus bha iad air an ceannach agus air an reic comhla ris a’ ghual. Bha na h-uachdarain a’ togail airgead nach robh idir freagarrach no ceart, air sàilleabh bochdainn ’s fulangas nam mèinneadairean.

Sann ann am Fiobha, Lannraig agus Inbhir Àir a bha a’ mhórchuid den ghual. Bha Diùc Hamilton, leis an robh an talamh timcheall air Hamilton agus Tobar na Màthar, ga thoirt air màl do na companaidhean, a bha a’ dianamh airgead mór. Bha an Diùc a’ faotainn ceud mìle not gach bliadhna air son a chuid talaimh agus gun aige ri fallas a chur dheth. Bha e a’ faighinn deich notaichean air son gach mèinneadair a bha ag obair air an oighreachd aige.

Aig an aon àm bha na truaghain a bha ag obair fon talamh a’ faighinn tuarastail a bha cho ìosal agus gur ann air éiginn a rachadh aca air a bhith beò. Bhiodh na fir a’ faotainn ceithir sgillinn air son gach tunna a chladhaicheadh iad, agus bha an t-uachdaran a’ faighinn tastan agus ceithir sgillinn gach tunna ’s gun aige ri dhol faisg air. Bhiodh clann bheaga ag obair san dorchadas agus iad suas gu am broillichean ann an uisge air son ceithir uairean deug anns an latha. Bhiodh na boireannaich a’ tarraing cairtean làn de ghual agus iad air an glùinean a’ dìreadh suas leathad.

Troimh na bliadhnachan, chaill na mìltean de mhèinneadairean am beatha, chan ann a-mhàin a thoireadh tinneasan co-cheangailte ri duilgheadasan na h-obrach, ach a thoireadh tubaistean.

Ann an 1959, aig Achadh na Gaoithe, faisg air Drochaid an Easbaig ann an ceann a-tuath Siorramachd Lannraig, chaill dà fhichead ’s a seachd mèinneadair am beatha nuair a spreadh an gas puinnseanach sin, carbon monoxide, agus a thuit na tuineilean am broinn a-chéile. Bha na daoine truagha ag obair mìle troigh fon talamh.

Anns an Dàmhair 1966, bhris cnoc de sgudal a thàinig á mèinne ás a-chéile, agus shnàig e sìos gleann ann an Aberfan, anns a’ Chuimrigh. Chaidh sgoil, sreath de thaighean agus tuath[anas] fodha. Chailleadh ceud, dà fhichead ’s ceithir neach. ’Nam measg bha ceud agus sia deug de chlann sgoile.

Bha gual air a chur gu feum ann an iomadach dòigh. Sann le cumhachd a’ ghuail, a bha a’ teasachadh uisge agus a bha an-sin a’ tionndadh chuibhlichean, a bha bàtaichean agus trèanaichean a’ siubhal. Se gual a bha a’ teasachadh dhachaighean agus àiteachan obrach. Sann leis a’ ghual dhubh a bhatar a’ dianamh stàilinn.

An-diugh tha ola agus an cumhachd niùclasach air làmh an uachdair fhaighinn air a’ ghual agus mar sin tha mèinneachan air an dùnadh an-ear agus an-iar. Chan eil fada bho thàinig fios gu bheil iad a’ dol a dhùnadh nam mèinneachan aig Calverton, faisg air Nottingham, agus, gnothach muladach, bidh corr agus sia ceud deug a’ call an cuid obrach. Nuair a chaidh Màiread Nic an Tughadair agus Artair Scargill am bad a-chéile có aig tha fios có a bhuannaich.

Tormod E Domhnallach

Tùs: The Scotsman (Dihaoine 18 Màrt 1994)

~~~

Tar-sgrìobhte le T. MacAilpein (2024). Chan eil còir agam air na sgrìobhaidhean seo a tha air an sgaoileadh saor an-asgaidh do leughadairean Gàidhlig. Bheirear a-nuas iad ma thèid iarraidh orm.

2 thoughts on “Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

  1. 8Gu h annasach bha mi an dè a’bruidhinn ri fear a bha ‘na Pholas ann an Siorrachd Lannraig aig an am agus aig a bheil cuimhne mhath air an am agus na bha a’tachairt. Bha cuimhne aige dà ugh bruich cruaidh a bhi aige ‘na phòcaid gun fhios nach tigeadh an t acras air agus nach bitheadh cothram aige biadh ithe. Bha e ag radh gum bitheadh an dà thaobh a’putadh a cheile an uair a bha na cameras ann ach an uairsin gun robh iad a sguir dhen sin, ged a bha iad fhathasd ma choinneamh a cheile. Bha e ag radh gun dh’fhoighnich aon mhèinear òg dha “Is it ok if I knock of your hat , sir? “ Thug e cead dha. Annasach a bhi a’cluinntinn an sgeul mar a bha cuimhne aig aon duine oirre.

    'S toil

Sgrìobh beachd