‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)

Sgeadachadh sràide airson Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria, Cúil Raithin, Contae Dhoire, 1897. Tùs na deilbh an seo.

An-diugh, agus na meadhanan nam boil le smodal mun teaghlach rìoghail, fhuair mi beagan de dh’fhaochadh ag obair air an teacsa seo le Séamas Ó Conghaile. Bidh Ó Conghaile gu tric air a shìmpleachadh, nach bi? Ach, ’s ann tric a bhios mi a’ tilleadh thuige agus a’ lorg rudan luachmhor na chuid sgrìobhaidhean a dh’aindeoin nan amannan diofaraichte sa bheil sinn beò.

Air 20 Ògmhios 1897, rinn Ó Conghaile agus am pàrtaidh beag aige iomairt mhath an aghaidh Là na h-Iùbailidh – Iùbailidh Daoimein aig a’ Bhànrigh Bhictoria. Às dèidh choinneamhan agus sgaoileadh litreachais, rinn iad caismeachd tro shràidean Bhaile Átha Cliath, a’ giùlan ciste-laighe air an robh sgrìobhte ‘British Empire’ agus còmhlan a’ cluich caismeachd a’ bhàis. Thug am poileas ionnsaigh orra agus b’ fheudar dhaibh a’ chiste-laighe a thilgeil a-steach don Life bho dhrochaid Uí Chonaill – Ó Conghaile ag èigheachd ‘Here goes the coffin of the British Empire!’. An uair sin, chaidh a chur an grèim. Chùm Maud Gonne agus càch orra le coinneamhan eile. Nach iadsan a bha air taobh ceart na h-eachdraidh!

Gheibhear an teacsa tùsail ann am Beurla an seo.

~~~

Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria (1897)
Séamas Ó Conghaile

“Tha coltas mòr air na h-urracha mòra agus sinne air ar glùinean:
ÈIREAMAID.”

A Cho-obraichean,

Am-bliadhna, tha ìochdarain dìleas Bhictoria, Bànrigh Mòr-Bhreatainn agus Èireann, Ban-Ìmpire nan Ìnnseachan, is eile, a’ comharrachadh na h-ùine as fhaide a bha neach air an rìgh-chathair. Cluinnear na h-uiread mun ullachadh mhòr a tha ga dhèanamh gus ‘gàirdeachadh (breugach) nan gnàth-dhaoine’ a chur air dòigh airson an t-subhachais ghlòrmhoir (?) seo.

Thug òraidichean an Fhèin-riaghlaidh agus Àrd-Mhèaran Nàiseantach, luchd-poileataigs Cuigseach agus luchd-naidheachd Parnelleach an cuid taic is cliù seachad san oidhirp gus an gabh an sluagh ùidh anns an dol a-mach sgreamhail seo, Suipear Mòr nan Sgalagan. Tha a thìde ann gun seas pàrtaidh eagraichte a-mach ann an Èirinn – seach iadsan dom bheil Gràdh-dùthcha a’ ciallachadh Co-rèiteachadh, agus Saorsa, Duaisean Mòra – agus gun cuir iad an cèill gu calma ionraic nam faireachdainnean a tha air an dùsgadh ann am broilleach gach aoin aig a bheil gràdh don t-saorsa le a leithid seo de bhaoth-chleasachd ghrànnda. Mar sin, tha Pàrtaidh Sòisealach Poblachdach na h-Èireann – nach do shòr a-riamh, bho chaidh a stèidheachadh, gus a dhearg-nàimhdeas don Chrùn Bhreatannach a dhèanamh follaiseach, agus don rian phoileataigeach is shòisealta anns na h-eileanan seo do nach eil an Crùn ach na shamhla – tha sinn a’ gabhail a’ chothruim seo tàir a dhèanamh air gach cleasaiche cùirte a bhios a’ liùgadh ro naomhachd na rìoghalachd às leth Deamocrasaidh Rèabhlaideach Èireannach. Chan eil sinne, co-dhiù, nar dìlsich; ’s ann a tha barrachd meas is urraim againn do phàiste an t-saothraiche as bochda ann an Èirinn an-diugh, na don neach as fheàrr den t-sliochd fhada de mhurtairean, de ghadaichean ’s de sgimileirean a shuidh air rìgh-chathair Shasainn.

Ri linn òirdheirc na monarcachd seo, chunnacas ann an Èirinn gun do bhàsaich 1,225,000 de a cuid chloinne le gort, air an cur gu bàs leis an acras fad ’s a bha toradh an fhearainn agus an cuid saothrach air an glamadh le uaislean craosach. Chunnacas gun do thogadh am màl le bèigneidean airm de mhurtairean tuarastail air am pàigheadh leis a’ bhànrigh a b’ fheàrr a bh’ ann an Sasainn. Chunnacas gun do chuireadh 3,668,000 a-mach às an dachanann, sluagh nas motha na tha anns an Eilbheis, agus gun robh aig 4,186,000 dhe na daoine againn an dùthaich fhàgail gun roghainn eile aca, sluagh nas motha na tha anns a’ Ghrèig. An-dràsta fhèin, bidh 78 sa cheud de luchd-tuarastail a’ cosnadh nas lugha na £1 san t-seachdain, tha ar sràidean dùmhail le gràisgean acrach gun obair, tha crodh ag ionaltradh air ar tuathanasan trèigte agus mu ar tobhtaichean tiamhaidh, tha ar puirt trang le luchd-eilthireachd a’ dealachadh ruinn, agus ar taighean-bhochd gus sgàineadh. Agus seo a-nis cor nan daoine a bu chòir pàirt a ghabhail ann am Fèis Nàiseanta a’ ghàirdeachais!

A Luchd-obrach na h-Èireann: na leigibh le ur beachdan a bhith air am mì-riochdachadh aig an àm seo. Bruidhnibh a-mach còmhla ruinn agus cuireamaid an aghaidh a’ bheachd shuaraich gu bheil dleastanas sam bith oirnn ri choileanadh don Ìmpireachd seach gràin a bhith againn dhi agus don a h-uile spùinneadh a tha i ris. Biodh gur e bliadhna a bhios ann an seo as fhiach dha-rìribh a chumail air chuimhne, a’ bhliadhna a thilgeas luchd-obrach Èireannach dhiubh an eisimeileachd thràilleil a th’ aca do cheannas nan ‘uaislean’, cnap-starra ron a h-uile saighdear airson saorsa gu ruige seo.

Tha na h-uachdarain Èireannach, a tha mar ghearastan an nàmhaid san latha an-diugh mar a bha iad a-riamh, gu nàdarra a’ cur taic ris a h-uile institiuid a tha, cleas na monarcachd, a’ dèanamh cron air fèin-urram an t-sluaigh agus a’ lagachadh misneachd nam mithean. Tha an clas-meadhanach, an tòir air beairteas mar a tha iad, air an reic fhèin do mhalairteachas agus tha iad os àrd no os ìseal nàimhdeil ris a h-uile gluasad a chuireadh an cuid dhuaisean ann an cunnart. Chan eil adhbhar dòchais aig a’ chlas-obrach fhèin ach ann an ath-chruthachadh rèabhlaideach an t-sòisealtais. Tha iadsan, agus iadsan a-mhàin, comasach air a’ ghnìomhachd rèabhlaidich ud as urrainn, leis gach leasachadh poileataigeach is eaconomach a tha ann gus a cuideachadh, ar toirt gu tìr a’ gheallaidh, tìr na fìor Shaorsa, air a bheil na daoine fad-fhulangach ro airidh.

Ribhse, luchd-obrach na h-Èireann, tha sinn a’ bruidhinn. GRÌOSAICHIBH anns a’ cheàrdaich, anns an achadh, anns an fhactaraidh, gus an dùisg sibh nur bràithrean gràin don tràilleachd a tha sinn uile a’ fulang. FOGHLAIMIBH, gus nach bi na daoine air am mealladh nas motha le dòchas faoin gun tig fìor phiseach air cùisean ann an siostam far am bi rìghrean is uaislean, calpaichean is uachdarain aig a’ cheann. EAGRAICHIBH, mar bhuidheann teann, dlùth agus tuigseach, a tha làn-mhothachail don mhisean eachdraidheil a th’ agaibh mar chlas, gus an glac sibh cumhachd phoileataigeach nuair a ghabhas sin dèanamh, agus le deagh chleachdadh bhòtaichean a’ chlas-obrach, gun sguab sibh an raon do bhuidhnean rèabhlaideach an ama ri teachd. Lùbadh na ‘clasaichean sàthmhor, slìoma’ an glùinean mar a thogras iad, glèidhibh-se ur n-earbsa annaibh fhèin agus ann an aobhar na saorsa, oir ’s ann oirbhse a-mhàin a tha e an eisimeil, agus cumaibh oirbh gun sgìtheachadh a dh’ionnsaidh na Poblachd Shòisealaich a tha mar cheann-uidhe dhuibh. Biodh na faclan a leanas a chuir am bàrd ann am beul Mazeppa nan sòlas dhuibh ann am meadhan pàrtaidh mòr nam parasaitean an-diugh:

Ach iadsan a tha shuas thig iad a-nuas,
Chan fheumar ach a bhith feitheamh,
Chan eil air thalamh cumhachd ann,
A sheachnas gu bràth, gun mhathanas,
Gamhlas guir agus foighidinn fhada,
Luchd-cuimhneachaidh an ana-ceartais.

Eadar-theangaichte le Tòmas MacAilpein (3.6.22)

Sgrìobh beachd