Blàr Omdurman, 1898. 'The Charge of the 21st Lancers at the Battle of Omdurman, 2 September 1898', dealbh-ola le Richard Caton Woodville. Tùs na h-ìomhaigh an seo. Seo pìos naidheachd goirid a dh’fhoillsicheadh ann an 1888 san Òbanach a tha a’ sealltainn taic is co-fhaireachdainn – nach robh idir cumanta – ris na h-Arabaich anns … Leugh an corr San Èiphit (1888)
Tag: Ìmpireachd Bhreatainn
‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)
Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920). Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha na colbhan seo leis an Dr Gavin Brown Clark (1846–1930), gun … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)
Gàidheal ann an Gaza, 1945–47
Saighdearan Roinn-fheachd Adhair 6 (6th Airborne Division) ann am Mandat Breatannach na Palastaine a’ dearbhadh cairtean-aithne dhaoine air sràid ann an Tel Aviv às dèidh aimhreit a thachair 14 Samhain 1945. (An dealbh san àrainn phoblaich: Taigh-tasgaidh Ìmpireil a’ Chogaidh). Chan eil mi air cur ris a’ bhloga seo airson ùine mhòr. Tha mi cho … Leugh an corr Gàidheal ann an Gaza, 1945–47
‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)
Sgeadachadh sràide airson Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria, Cúil Raithin, Contae Dhoire, 1897. Tùs na deilbh an seo. An-diugh, agus na meadhanan nam boil le smodal mun teaghlach rìoghail, fhuair mi beagan de dh'fhaochadh ag obair air an teacsa seo le Séamas Ó Conghaile. Bidh Ó Conghaile gu tric air a shìmpleachadh, nach bi? Ach, … Leugh an corr ‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)
Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)
Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bha mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)
Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)
Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)
Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)
Sa bhrath-bhloga mu dheireadh, sgrìobh mi gun robh alt sa phàipear-naidheachd Alba a-mach air saighdearan Albannach rè Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e eisimpleir eile a tha ann den cholbh ‘Sgeula à Èirinn’, agus nochd e anns a’ chiad àireamh de dh’Alba nuair a chaidh a chur air chois às ùr san Fhaoilleach … Leugh an corr Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)
‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig
Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig








