Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

Piogaid nam mèinneadairean ann an Gleann Bilston/Bilston Glen, Meadhan Lodainn, a' toirt aghaidh air a' phoileas, 1984. #AirAnLathaSeo 6 Màrt 1984 thòisich Stailc nam Mèinneadairean a chuir Aonadh Nàiseanta nam Mèinneadairean (NUM) an aghaidh Bòrd Nàiseanta a’ Ghuail (NCB), cho math ri riaghaltas Thatcher. B’ e an aimhreit gnìomhachais a bu mhotha agus a b’ … Leugh an corr Stailc nam Mèinneadairean 1984–85

Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)

Tha mi air a bhith a’ leughadh tro na colbhan aig Ceiteag M. NicGhriogair (a shiubhail ann an 2011), ‘Naidheachdan o’n Chroit’ a nochd ann an Gairm eadar na 1960an agus 1970an. Tha iomadach rud ùidhmhor a’ togail ceann anns na sgrìobhaidhean aig NicGhriogair, agus i gu tric a-mach air beatha làitheil na croitearachd, atharrachaidhean … Leugh an corr Beachd Bana-chroiteir air The Cheviot, the Stag, and the Black, Black Oil (1974)

‘In Memoriam’ (Rèabhlaid na h-Ungaire, 1956), le Tormod Burns (1964)

IN MEMORIAM Le TORMOD BURNS THACHAIR rud-eiginn air a’ chóigeamh là deug de ’n Dàmhair sa’ bhliadhna 1956, a bhrosnaich aire an t-saoghail gu léir, agus a bhrosnaich truas an t-saoghail shaoir beagan an déidh sin, nuair a ghabh na Ruiseanaich gnothach mór ris. B’ e so oidhirp a’ chinnich Ungaraich a bhriseadh na slabhraidhean … Leugh an corr ‘In Memoriam’ (Rèabhlaid na h-Ungaire, 1956), le Tormod Burns (1964)

Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

Rinn am Bàrd an t-òran a leanas nuair a bha an “Land League” aig àirde anns a’ Ghaidhealtachd Air fonn: “Gun chrodh gun aighean.” Séisd: Ged tha sinn gun chrodh gun aighean Gun chrodh-laoigh gun chaoraich againn, Ged tha sinn gun chrodh gun aighean, Gheibh sinn fhathast croitean grinn. Gheibh sinn fhathast beagan chaorach, Beagan … Leugh an corr Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

‘A Réir an Lagh’ (1968), le Seann Saighdear

Anns a’ bhliadhna naoi ceud deug agus a h-ochd deug an toiseach a’ mhìos Mhàigh, bha mi anns a’ Fhraing ann an réiseamaid Ghaidhealach anns a’ chóigeamh roinn deug Albanach, de’n arm Bhreatannach. Bha mi air m’fhàgail a-mach ás an trainns an tùras so airson ionnsachadh “Lewis gun.” Air an la-arna-mhàireach an déidh m’fhàgail a-mach … Leugh an corr ‘A Réir an Lagh’ (1968), le Seann Saighdear