Sgeadachadh sràide airson Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria, Cúil Raithin, Contae Dhoire, 1897. Tùs na deilbh an seo. An-diugh, agus na meadhanan nam boil le smodal mun teaghlach rìoghail, fhuair mi beagan de dh'fhaochadh ag obair air an teacsa seo le Séamas Ó Conghaile. Bidh Ó Conghaile gu tric air a shìmpleachadh, nach bi? Ach, … Leugh an corr ‘Iùbailidh Daoimein na Bànrigh Bhictoria’ (1897) le Séamas Ó Conghaile (Eadar-theangaichte)
Author: An Deasaiche
“Buaidh le Mi-Riaghailt” (Samhain 1887)
Gràbhalachd ainmeil 'The Anarchists of Chicago' le Walter Crane (1845–1915), a' sealltainn an ochdnair anargach a bh' air an dìteadh ann an 1886. Tùs na h-ìomhaigh an seo. Air an latha seo, 11 Samhain 1887, chrochadh ceathrar anargach ann an Chicago: George Engel, Adolph Fischer, Albert Parsons, agus August Spies. Chaidh na fir seo agus … Leugh an corr “Buaidh le Mi-Riaghailt” (Samhain 1887)
‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)
A rèir coltais, seo dealbh de bhriseadairean-stailce ann an Glaschu a' cur bus air ais air an rathad às dèidh buaireadh ri linn na Stailc Choitchinn ann an 1926. Bu mhath leam barrachd fianais mun sgeulachd, ge-tà.Tùs na deilbh an seo. Tha e doirbh cunntasan Gàidhlig a lorg air cuid de thachartasan, fiù ’s tachartasan … Leugh an corr ‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)
‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)
Camshronaich anns an t-Sudàin mu àm Blàr Atbara, 8 Giblean 1898.Tùs na deilbh an seo. Seo tè dhe na h-òraidean anmoch aig Iain MacMhuirich ann an Gàidhlig. Sgrìobh e i ann an 1898 agus chaidh a lìbhrigeadh ann an Céilidh nan Gàidheal ann an Glaschu, 12 Samhain 1898. Cha robh e fhèin an làthair, air … Leugh an corr ‘Saighdearachd’ le Iain MacMhuirich (An t-Samhain 1898)
9 Lùnastal 1921 – Reudairean Bhaile Raghnaill a’ dol don Phrìosan
#AirAnLathaSeo 9 Lùnastal 1921, ràinig sianar de reudairean Bhaile Raghnaill, ann an Uibhist a Tuath, Inbhir Nis airson dol gu prìosan sa Chaisteal fad 60 latha. Bha dithis Uibhisteach eile air an cur an grèim na b' anmoiche agus iad sna Territorials. Bhris dusan am fearann ann am Baile Raghnaill agus Paiblesgearraidh – fo sheilbh … Leugh an corr 9 Lùnastal 1921 – Reudairean Bhaile Raghnaill a’ dol don Phrìosan
Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)
Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bha mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)
Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)
(Clì) Talla na h-Àithne (an t-Athenaeum) mar a tha e an-diugh ann an Àite Nelson Mandela. Tùs na deilbh: Lost Glasgow. (Deas) Ceithir de na deich riaghailtean a bha aig Céilidh nan Gàidheal. A' sealltainn an àite-coinneachaidh aca ann an Talla na h-Àithne, agus cho cudromach 's a bha labhairt na Gàidhlig sna coinneamhan. Bho … Leugh an corr Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)
Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)
Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail! ’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha … Leugh an corr Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)
‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
Mar a nochd gairm MhicGillEathain ann am pàipear a’ Phàrtaidh Phoblachdaich Shòisealaich mu 1985. Tùs na deilbh: Cruinneachadh John Frew ann an Tasglann Spirit of Revolt. Beachdan air ‘All Hail, the Scottish Workers’ Republic!’ (1920/22) le Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean), agus tionndadh ùr Gàidhlig dheth. Air sgàth a’ choròna-bhìorais, tha na sràidean an ìre … Leugh an corr ‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)
Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)










