Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain (1891, 1903)

Seann Bhaile Ghàsa (‘The Old Town of Gaza’ (1863–1863) le Francis Frith). Tùs na deilbh an seo. Chithear an seo Mosc Mòr Ghàsa, no Mosc Mòr Omari, am mosc as sine anns a’ Phalastain. Chaidh a sgrios le arm Iosrael san Dùbhlachd 2023.

Gàsa bhrèagha nan liosan, nan tràighean, nan sràidean beòthail làn cultair is eachdraidh. Gàsa na cloinne.

An-diugh, leughaidh mi gu bheil feachdan Iosrael air a h-uile tobar a sgrios ann an ceann a tuath Ghàsa. ’S e glè bheag de bhiadh a tha gan ruigsinn. Tha luchd-tuineachaidh Iosraeleach, aig an dearbh àm, a’ milleadh thobraichean agus a’ losgadh nan crann-ola an ear air Ramallah anns a’ Bhruaich an Iar. Tha bun-stèidh beatha nam Palastaineach ga toirt a-mach às a chèile. Ceum air cheum, tha Iosraelich a’ gabhail thairis air fearann a’ Bhruaich an Iar, a’ goid taighean nan daoine is iad fhathast ann, a’ cur na h-òigridh a-steach gu prìosanan na h-ifrinn no gam marbhadh air na sràidean. Ach, ann an Gàsa, chan eil srian sam bith air arm Iosrael. Tha murtan le ionnsaighean-boma a’ tachairt a h-uile latha air na daoine as so-leòinte. Mharbhadh 18 duine gu ruige seo an-diugh, cuid dhiubh sin nan teaghlaichean ann an teantaichean anns na h-‘àitichean sàbhailte’. Tha de dh’eucoirean a’ tachairt an aghaidh a’ chinne-dhaonna ann an Gàsa nach gabh cunntas dèanamh orra. Chan fhaigh sinn a-mach gus am fàg an t-arm dè rinn iad. Agus, cuid dhe na gnìomhan olc sin cha lorg sinn gu sìorraidh. ’S e am bruadar mòr a th’ aig saighdearan agus cuibhreann susbainteach de mhuinntir Iosrael na daoine a phutadh a-steach dhan duslach agus tuineachaidhean glana ùra a thogail air am muin.

Thèid neart thar ceart. Agus dh’fhàillig air an t-saoghal stad a chur air neart Iosrael – làn-armaichte is maoinichte leis na Stàitean Aonaichte, le taic dhìleas bho Bhreatainn, a’ Ghearmailt is eile.

Na gèilleamaid don chion cumhachd. Na sguireamaid a chaismeachd, a thogail fianais, a thoirt airgead, agus a strì airson beatha agus ceartas do na Palastainich. ’S e sabaid a tha seo an aghaidh luchd na brèige agus a’ bhàis agus airson ar daonnachd fhìn.

~~~

Thàinig mi air na cunntasan goirid seo ann an Tìm an Òbain agus bha mi airson an sgaoileadh às ùr. Tha iad a-mach air eachdraidhean snaidhmte nan Iùdhach, an gluasad Sionach, agus na Palastain san nua-linn, agus a’ toirt iomradh gu sgiobalta air tachartasan cudromach bho shealladh Gàidhlig. Tha iad a’ cur ris na chaidh a thrusadh roimhe mun Phalastain ann an 1917, 1940, 1946, agus 1945–1947. An seo, chì sinn freumhaichean colonachadh na Palastaine anns a’ ghluasad Shionach, cho math ris an anaceartas chianail a dh’fhuiling Iùdhaich san Ruis.

Dh’fhoillsicheadh a’ chiad phìos naidheachd ann an 1891. Tha e ag innse mun mhòr-imrich a bha Iùdhaich a’ dèanamh bho Ìmpireachd na Ruise – a bha a’ gabhail a-steach na Pòlainne, na Bealaruise, agus na h-Ugràine san latha an-diugh, agus anns an robh cuid mhòr de dh’Iùdhaich a’ fuireach. Bha daoine a’ teicheadh bhagairtean uile-sgaoilte nan aghaidh mar Iùdhaich.

Bha na ceudan de phogroman ann eadar 1881 agus 1882, ionnsaighean brùideil frith-Iùdhach air an coimhearsnachdan a mharbh sean is òg, agus a sgrios na bha aca. Agus bha sreath na bu mhiosa de phogroman ann eadar 1903 agus 1906. Dh’adhbharaich a leithid seo de ghràin-chinnidh mhairbhteach an dà chuid às-imrich agus fàs anns a’ ghluasad Shionach, a dh’amais air tìr dhaibh fhèin a lorg do dh’Iùdhaich.

Ràinig suas ri 25,000 Iùdhach a’ Phalastain mun àm seo, ri linn a’ Chiad Aliyah. Ach, ann an da-rìribh, b’ ann do na Stàitean Aonaichte a chaidh a’ mhòr-chuid de dh’Iùdhaich.

Tha an dàrna tùs ag innse mu Shiathamh Co-labhairt nan Sionach, a bha ann am Basel, san Eilbheis, agus a choinnich air 23 Lùnastal, 1903. B’ ann aig a’ cho-labhairt seo a chuir Theodor Herzl ‘Sgeama Uganda’ air beulaibh an luchd-ionaid. Ged a b’ e a’ Phalastain – a bha, aig an àm sin, mar phàirt den Ìmpireachd Otomaich – am prìomh cheann-uidhe a bha ann an inntinn nan Sionach airson tìr Iùdhach a stèidheachadh, le bhith ag ath-stèidheachadh Iosrael, bha iad fosgailte ri roghainnean eile. A’ conaltradh ri riaghaltas Bhreatainn, fhuair Herzl cuireadh bhuapa tuineachadh Sionach a thòiseachadh ann am pàirt de dh’Uganda, ann an Afraga an Ear.

Bhòt a’ mhòr-chuid de luchd-ionaid airson buidheann-sgrùdaidh a chur gu Uganda airson tuilleadh fhaighinn a-mach agus a bhreithneachadh an obraicheadh an sgeama. Ach, bha am moladh fiadhaich connspaideach am measg nan Sionach, agus cha ghabhadh mòran dhiubh ri colonaidh sam bith a stèidheachadh ach anns an Fhearann Naomh. Mar a thachair, thuit am plana a-mach às a chèile beagan às dèidh na co-labhairt ri linn nan dùbhlanan taobh a-staigh a’ ghluasaid Shionaich agus fiù ’s bhon luchd-tuineachaidh a bh’ ann an Afraga an Ear mar-thà.

’S e a tha inntinneach mun dàrna criomag an seo gu bheil i, stèidhichte air na thachair aig a’ cho-labhairt, a’ bruidhinn gu fosgailte mu cholonachadh tuineachaidh (settler colonialism), biodh sin fo sgèith Ìmpireachd Bhreatainn ann an Afraga an Ear – moladh a chuireadh iongnadh air daoine san latha an-diugh – no, ann an dòigh air choireigin, anns a’ Phalastain. Agus ann an àite seach àite, bhiodh aig an luchd-tuineachaidh ri dèiligeadh ris an t-sluagh dhùthchasach a bha ann mar-thà. Nan robh iad gus làmh an uachdar fhaighinn, dh’fheumadh iad na sluaghan eile a cheannsachadh no cuidhteas fhaighinn iad. Bha fòirneart an lùib a’ phròiseict bhon fhìor thoiseach.

Chan eil sin idir a’ cur mòr-fhulangas nan Iùdhach san Ruis an lughad, no ri ràdh gur ionnan sireadh comraich ann an dùthaich eile, a bha deatamach do dh’Iùdhaich san Roinn Eòrpa, agus iomairt eagraichte gus smachd fhaighinn air an dùthaich eile, mar a bha ann an Sionachd a thaobh na Palastain. Mar a thuirt an neach-eachdraidh Iosraeleach agus frith-Shionach Ilan Pappé:

Settler colonialism is a movement of people who are persecuted in Europe for whatever reasons, economic, cultural, religious, throughout the centuries and they run away from Europe with a one way ticket. They don’t want to go back to Europe. And they come and they want not only to create a new home, they want to create a new homeland. And the main obstacle is the fact that there is someone else there. So they work according to what the great scholar of settler colonialism, Patrick Wolff, called ‘the logic of the annihilation of the native’. The essence of the Zionist project is an essence of the settler colonialist movement, and no settler colonialism movement could tolerate the presence of a native population. There isn’t one example in the world where settlers came from Europe with an idea that the natives can stay. The best they could hope for was South Africa. They can stay, but under a segregative system called apartheid. 

Chan eil tiotal an dàrna pìos naidheachd freagarrach; cha robh a’ cho-labhairt a’ riochdachadh ‘Rùn nan Iùdhach’. Fiù ’s mus robh Sionachd na gluasad ceart bha mòran Iùdhach san Roinn Eòrpa dubh na h-aghaidh air adhbharan creideimh agus air an làimh chlì. Bha agus tha Iùdhaich ann an Iosrael a tha an aghaidh na stàit, siostam an apartheid, agus sgrios-cinnidh nam Palastaineach.

Tha an dà phìos goirid a tha seo reusanta taiceil ri Iùdhaich san fharsaingeachd, fiù ’s ged a tha iad a’ bruidhinn mun deidhinn mar shluagh coimheach, gu sònraichte sa chunntas as tràithe. Ach, chan eil guth idir air na Palastainich – no na h-Afraganaich dhùthchasach – agus na smaoinicheadh iadsan air daoine a’ tighinn ‘a steach a cheannach’ na dùthcha aca.

Lorg mi eisimpleir de cho-fhaireachdainn ris na h-Arabaich, gu h-iongantach, ann an cunntas eile san Òbanach agus postaidh mi sin san ath bhrath-bloga.

~~~

(1)

NA H-IUDHAICH.—Tha gluasad iongantach a’ dol air aghaidh feadh an t-saoghail an dràsd am measg nan Iudhach. Tha geur leanmhuin goirt air a dheanamh air sliochd Israel gu sònruichte ann an Ruisia ’san [sic] laithibh so. Tha an Tsar ’gan éigneachadh a mach ás an rioghachd mur àicheidh iad an creideamh; is tha e air a chunntadh gu ’m bheil suas ri còig muillion do na h-Iudhaich bhochda air an sgiùrsadh ás an tir. Tha an àireamh so ni’s mò na na thàinig a mach ás an Eiphit o shean—uiread sluaigh ’sa tha an Albainn gu lèir. Tha cuid d’an sliochd féin aig am bheil mòr bheairteas a tha tighinn gu’n cobhair ’nan éigin mhòir, agus tha fearann ’ga cheanach ’nan seann tir féin [= a’ Phalastain (TM)], an[n] an America, agus anns an Eadailt air am bheil na h-Eilthrich bhochd so gu bhi air am planntachadh. Tha stuth math anns a’ chinneach Iudhach so—gheibhear iad ann an àitean àrda na rioghachd feadh an t-saoghail, làn beairteis is sgeudaichte le mòran cumhachd, agus mar an ceudna foghainteach an èolas [sic] is ann an riaghladh dhaoine. ’Na uairean bheir an eachdraidh ’nar cuimhne na Gaidheil aig am feudadh fada barrachd cuid, fearainn is ùghdarrais a bhi ’nan tìr féin n’am biodh iad cho glèidhteach cùramach ’s a tha seann sliochd Iacoib.

Tùs: Oban Times (8 Lùnastal, 1891).

(2)

RUN NAN IUDHACH.—O cheann beagan do bhliadhnachan thòisich na h-Iùdhaich air coinneamhan a ghleidheadh a ghabhail comhairle r’a chéile mu’n dleasnas a thaobh an seann dùthaich féin. Ach cha’n ’eil iad buileach aonsgeulach mu’n cho-dhunadh. Ma théid iad a steach a cheannach Phalestine tha eagal orra gu’n tig an Ruisianach aon là an sgrìobadh ás an tìr. A bharrachd air sin tha e soilleir nach ’eil iad gionach air dol dhachaidh do thìr nach ’eil a nis co-dhiù a’ sruthadh le bainne, ’s le meala [sic], ’s le fìon. Chaochail saothair an duine agus mar thoradh na mallachd thàinig an Turcach a steach ’nuair bha cupan an Amoraich anns an t-seadh so làn. Uime sin cha’n ’eil na h-Iùdhaich dian ann a bhi ’g iarraidh dhachaidh do’n t-seann dùthaich. Air dòigh no dhà tha i cho cruaidh creagach ri Wales agus mu’n aon mheud. Ach tha tairgse eile aig na h-Iùdhaich. Tha fearann neo-àitichte farsuinn ann an taobh Sear Africa far an do thog sinne Railyway aig costus mhìltean do òr agus tha cuid do’n tìr air a tairgse do na h-Iùdhaich le Breatunn far am feud iad greim fhaotainn air cuid do uachdar na talmhainn anns am feud iad mar chinneach clos fhaotainn d’an casan ànrach. Co-dhiù a tha oidhirp do’n t-seòrsa so glic no nach ’eil tha cothrom do thomhas saorsa aca anns an rathad so.

Tùs: Oban Times (5 Sultain, 1903).

1 thoughts on “Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain (1891, 1903)

Sgrìobh beachd