‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh e a’ dealbhachadh còmhla ri Roland Muirhead gus pàipear seachdaineil – ann am Beurla – a chur a-mach airson fèin-riaghladh Albannach. Tha a h-uile coltas ann gur e an deasaiche a bhiodh ann am MacEanraig. Ach cha tàinig e gu bith.

’S e a thachair gun do thòisich an Scots Independent ann an 1926, aig an Scots National League. B’ e Liam Mac Giolla Ìosa (William Gillies, 1865–1932), Gàidheal eile, ciad dheasaiche a’ phàipeir, agus ged a bha e ann am Beurla chuireadh e fhèin agus Dòmhnall Mac na Ceàrdaich beagan Gàidhlig ann bho àm gu àm. Thug mi ruith air an Scots Independent eadar 1926 agus 1937, nuair a shiubhail MacEanraig. Tha e inntinneach dhomh nach do ghabh e pàirt sam bith sa phàipear seo, ged a bha e eòlach air Mac Giolla Ìosa, Mac na Ceàrdaich, agus gun teagamh air Ruaraidh Arascain –  a bhiodh cuideachd a’ cur phìosan ris ann am Beurla. Carson? An robh e diombach nach d’ fhuair e air am pàipear aige fhèin a chur air dòigh? An robh rudeigin aige an aghaidh an Scots National League? No an robh e dìreach trang le sgrìobhadh eile?

Am measg nan altan ann an Gàidhlig seo fear le Mac Giolla Ìosa a chòrd rium. An seo, tha e ag argamaid nach bu chòir còmhstri a bhith eadar nàiseantachd Albannach agus ‘Pàirteachd’, no sòisealachd. Tha grunn nithean ùidheil anns a’ phìos. Tha an t-ùghdar ag aithneachadh nach eil luchd-obrach Albannach measail air na nàiseantaich, a bha aig ìre gu math tràth mar bhuidheann eagraichte, agus a’ coimhead orra ‘le diomb’. Tha e anabarrach dòchasach mun adhartas a tha nàiseantachd a’ dèanamh, ge-tà. (Ann an da-rìribh, chan ann gus na 1960an a gheibheadh na nàiseantaich buaidh shusbainteach ann an taghadh coitcheann.)

Tha e cuideachd a’ bruidhinn mu na sgaraidhean am measg nan ‘sòisealach’ anns a’ Phàrtaidh Làbarach; eadar Ramsay Dòmhnallach, air an làimh dheis, agus Seumas Maxton, a bha gu mòr air an làimh-chlì agus os cionn an ILP. Tha taobh aig Mac Giolla Ìosa ri radaigeachd Maxton is a chuideachd, ach tha e ag ràdh nach eil e a’ dèanamh sìon airson saorsa nàiseanta a bhiodh dha-rìribh a’ briseadh ‘cumhachd Iompaireachd’ agus comasach air staid an luchd-obrach a leasachadh. (San dol seachad, bha Maxton gu mòr airson fèin-riaghladh Albannach. Ach b’ fhiach e faighneachd dè rinn e air a shon mar Bhall-Pàrlamaid ann an Westminster.)

An rud as fheàrr mun alt ghoirid seo, ’s e gu bheil e ag aimeachadh Shéamais Uí Chonghaile agus Iain Mhòir MhicGillEathain. Na bheachd-san, tha iad sin nan eisimpleirean a bu chòir do shòisealaich a bhith a’ leantainn, a thàinig gu tuigse dhomhain gun robh briseadh air falbh bho Bhreatann agus a’ cur an aghaidh Ìmpireachd anns gach dòigh nam pàirtean deatamach den strì airson sòisealachd. Annasach ’s gu bheil e, chan eil mi air luaidh dhìreach a lorg air an dithis chudromach seo ann an sgrìobhaidhean Gàidhlig ron seo. Fiù ’s ann an aistean radaigeach Aonghais MhicEanraig, a tha cho faisg air an t-seasamh phoileataigeach aig Ó Conghaile agus MacGillEathain, chan eil e a’ toirt iomradh orra no a’ sgrùdadh an cuid argamaidean poileataigeach fhèin. ’S mòr an call. Ach, ’s dòcha gum faigh sinn sgeul orra fhathast ann an litreachas Gàidhlig ro 1929.

Puing chonnspaideach eile. Tha alt Mhic Giolla Ìosa a’ crìochnachadh gu math agus gu togarrach, ach cha chreid mi idir gun robh am pàipear aige, an Scots Independent, no gin dhe pàrtaidhean nàiseantach tràth, faisg idir air seasamh Uí Chonghaile no MhicGillEathain – agus bha an diofaran fhèin aca. Tha Mac Giolla Ìosa a’ toirt seachad adhbharan nach eil mòran taic aig nàiseantachd am measg an luchd-obrach: aineolas, bochdainn, cion gràdh-dùthcha, propaganda nan sòisealach. Saoilidh mi gu bheil adhbhar eile ann. Bha na nàiseantaich, gu sònraichte aig an àm sin, air feadh an àite gu poileataigeach agus làn poileataigs ais-cheumnach (reactionary). Ma bheir sinn sgrìob tron Scots Independent, fiù ’s anns na bliadhnaichean tràth, lorgar altan mun ‘Irish Menace’, .i. cus in-imrichean Èireannach a’ tighinn a dh’Alba, mu Mhussolini agus na leasaichean gealltanach a bha aige, altan gu leòr an aghaidh sòisealachd, agus pailteas de nàiseantachd bhùirdeasach romansach.

Ann am faclan eile, saoilidh mi gun robh deagh adhbhar aig luchd-obrach Albannach a bhith fiadhaich amharasach mu na nàiseantaich. Chun an latha an-diugh, tha e dùbhlanach, toinnte sòisealachd bhrìghmhor, eadar-nàiseanta a chur còmhla ri nàiseantachd a tha gu bitheanta na ideòlas thar-chlasach (cross-class), a mhùchas an luchd-obrach agus an cuid cumhachd fhèin.

~~~

NAISEANTACHD IS PAIRTEACHD
(le Liam Mac Giolla Iosa).

Cha’n iomchuidh naimhdeas do mi-rùn a bhi eadar Pàirteachd agus Nàiseantachd ach feumar aideachadh gur ann mar so a tha’ chùis ann an Albainn an diugh. A reir mo bheachd-sa tha da aobhar a cur dealachaidh eadar mhòr-chùisean a bu choir a bhi seasamh ri guaillibh a cheile agus is iad so na priomh aobharan a tha cumail suas an sgaraidh bhronach-so.

Anns a’ chiad àite tha, mar is fhios aig gach neach, a mhòr-chuid de’n t sluagh a th’ againn ann an earbsa ri gniomhachas air son am beo-shlainte agus am beo-shlaint fhein ro dhoirbh ri fhaotainn. Bu mhiann leo an cor truagh fein a leasachadh agus mi-riaghailt luchd a’ bheartais a chur bun os cionn. Tha iad, uime sin, am bitheantas caoin-shuarach mu nithean cinneachail is mu àrd-thograibh nàiseanta. Is coma leo bardachd is eachdraidh an dùthcha fhein, tha iad aineolach mu na làithean a dh’ fhalbh agus gun dòchas ri na laìthean [sic] a thig. Is leoir dhaibh an latha ’n diugh agus na ceisdean troma, ciod a dh’ itheas no ciod a’ olas no ciod a chuireas iad umpa.

Cha’n iongantach idir, uime sin, gu bheil a mhòr chuid aca a’ coimhead le diomb agus a’ smuaineachadh gu bheil Cuideachd Dhuthchasach na h-Albann (N.P. of S.) an aghaidh leas is math nan saothraichean. Is leir dhuinn uime sin gu bheil suarrachas an t-sluaigh a thaobh Naìseantachd [sic] a tighinn an lorg de ’n ain-eolais agus mar bhuil de ’n bhochdainn a tha air an luchd oibre aig an am so.

Sin mar a tha ’chiùs [sic] ann am beachd an t-sluaigh chumanta.

Anns an dara h àite faodar a radh gu bheil na beachdan neo-fhior-so a faotainn taice is comhnaidh bho luchd-iùil nam Pairteach ann an Albainn. Is ann air a shon fhein a ni an cat cronan agus is ann airson leas an cuideachd fein a tha na Paìrtich Albannaich a cur an aghaidh fior mhath na dùthcha gu leir. Is fior iongantach mar a chaidh a chùis leo gus an am so oir anns na cearnan far is teise greim na Paìrteachd is ann an sin is laige spiorad na Naìseantachd. Ach cha seas e so tuilleadh [n]i’s fhaide an aghaidh lan-mara na Naiseantachd a tha sruthadh a mach ann an cridhe is ann an inntinn fior mhuinntir na h-Albann.

Tha na Paìrtich fein a briseadh ’nam buidhnichean, cuid a dol fo bhratach an Domhnullaich agus cuid a leanntuinn ri Maxton. A thaobh na muinntir aig Ramsay (na deas làimhich) cha ghabh iad suim do neach no gùn i nach cuidich leo gus lamh an uachdar fhaotainn aig Westminster. Sgrios air Albainn! Dàil air leasachadh ar dùthcha fein ach deanamid suidhe ann an cathraichean nan cumhachdach ’san Talla Stephen. Sin agaibh rùn nan Ramsayach.

Agus Seumas Maxton agus a bhiudhean, ciod m’an dheidhinn? Seasaidh iad gu dùr, gu duineil cùis na saorsa anns gach tir am fad ’s am fagus mach bho ’n tir d’am buin iad fein. India, Eiphit, Irak? Seadh gu deimhin. Alba? Tha iad balbh no a deanamh fochaid.

Mholainn mi do Maxton agus da chuideachd [c]nuasachd agus fein chneasachadh. Am bu mhath leo cothrum fhaotainn airson cumhachd Iompaireachd a bhriseadh? An e am fior iarrtas cor nan truaghan, staid nan saothraichean a leasachadh ’nar latha ’s nar linn ann an Albainn? Ma ta leanadh iadsan eiseamplair a chuaidh fhàgail do ’n t-saoghail le dithis nach maireann—ach mairidh an cliu fhad is a bhios Gaidheal ’an Eirinn no an Albainn no fhad is a bhios daoine, ’an tir sam bith, a stri airson saorsa—Seumas O’Conghaile agus Iain MacGill Eathain.

Bha iadsan ’nam Pairtich dleasnaich ach aig an am cheudna bha iad ’nam fior Nàiseantaich. Ann an inntinn bha gràdh dhùthcha is gaol shaorsa toinnte le cheile, agus a toirt neirt dhaibh sheasamh gus am bàs airson saorsa. Thuit Seumas fo pheileirean nan Sasunnach aig Bail Atha Cliath agus chaochail Iain ’san Ghlaschu [sic], duine air a bhristeadh le piantan a’ phriosain. An cuid de Pharras dhaibh! Thog iad a’ bhratach, Las iad an leus. Leanamaid a Bhratach! Ath-bheothaich an lasair!

Tùs: Liam Mac Giolla Iosa, ‘Naiseantachd is Pairteachd’, The Scots Independent (May, 1929).

Sgrìobh beachd