B’ ann deich bliadhna air ais bhon latha an-diugh, 18 Sultain 2014, a bha an referendum airson neo-eisimeileachd Albannach. Bha mise a’ fuireach an uair sin ann an Dùn Èideann, far Rathad an Ear. Anns na làithean agus seachdainean ron bhòt mhòr, bha daoine nam boil. Tha cuimhne ’am, turas, a bhith a’ gabhail sgrìob … Leugh an corr Deich Bliadhna Air Ais (2024)
Tag: Neo-eisimeileachd Albannach
Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)
Airson an deicheamh ceann-bliadhna de referendum na neo-eisimeileachd a chomharrachadh, bha mi ag iarraidh sùil a thoirt air ais air tùsan a’ ghluasaid nàiseanta. Gu h-ìseal, gheibhear iomradh uabhasach tràth air ‘Féin-riaghladh na h-Alba’ ann an Gàidhlig. Nochd e ann an Tìm an Òbain air 17 Sultain 1887 – .i. 137 bliadhna air ais bhon … Leugh an corr Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)
‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa
An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa
‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)
Máirtín Ó Cadhain (1906–1907). An ìomhaigh bhon seo. Air an latha seo, 18 Dàmhair 1970, shiubhail fear de na sgrìobhadairean Gaeilge a bu chudromaiche dhen 20mh linn, Máirtin Ó Cadhain. Às an Spidéal ann an Conamara, 's e Poblachdach daingeann a bh' anns a' Chadhnach. Chuir e seachad bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh ann an campa-prìosain … Leugh an corr ‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)
‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
Mar a nochd gairm MhicGillEathain ann am pàipear a’ Phàrtaidh Phoblachdaich Shòisealaich mu 1985. Tùs na deilbh: Cruinneachadh John Frew ann an Tasglann Spirit of Revolt. Beachdan air ‘All Hail, the Scottish Workers’ Republic!’ (1920/22) le Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean), agus tionndadh ùr Gàidhlig dheth. Air sgàth a’ choròna-bhìorais, tha na sràidean an ìre … Leugh an corr ‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
’Eòin agus Féidh’ (1920)
Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)
Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)
Tha dà chunntas againn an seo, bho sheallaidhean gu tur eadar-dhealaichte, air an òraid a thug Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean, 1879-1923) seachad ann an Steòrnabhagh – ceud bliadhna air ais an-diugh, 4 Lùnastal 1920. Dh’fhaodadh nach eil fios aig mòran gun do thadhail an sòisealach Albannach a b’ ainmeile air an eilean no air … Leugh an corr Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)







