Máirtín Ó Cadhain (1906–1907). An ìomhaigh bhon seo. Air an latha seo, 18 Dàmhair 1970, shiubhail fear de na sgrìobhadairean Gaeilge a bu chudromaiche dhen 20mh linn, Máirtin Ó Cadhain. Às an Spidéal ann an Conamara, 's e Poblachdach daingeann a bh' anns a' Chadhnach. Chuir e seachad bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh ann an campa-prìosain … Leugh an corr ‘Home Rule Albanach’ – Máirtín Ó Cadhain (1954)
Tag: Alba
‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
Mar a nochd gairm MhicGillEathain ann am pàipear a’ Phàrtaidh Phoblachdaich Shòisealaich mu 1985. Tùs na deilbh: Cruinneachadh John Frew ann an Tasglann Spirit of Revolt. Beachdan air ‘All Hail, the Scottish Workers’ Republic!’ (1920/22) le Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean), agus tionndadh ùr Gàidhlig dheth. Air sgàth a’ choròna-bhìorais, tha na sràidean an ìre … Leugh an corr ‘Fàilte do Phoblachd Luchd-obrach na h-Alba!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1920/22)
‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig
Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig
Na Cairtich (Chartists) an Sasainn ’s an Alba (1848)
THA aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn; ach tha anabàrr de mhì-riaghailt air feadh iomad aon de na bailtean mora. ’An Lunnainn, ’an Dun-eidean ’s an iomad àite eile tha buidheannan lìonmhor de’n t-seòrsa ris an abair iad Chartists a’ cruinneachadh gun stad a sìor éigheach an aghaidh … Leugh an corr Na Cairtich (Chartists) an Sasainn ’s an Alba (1848)
Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).
Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).
‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)
Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)






