Bhruidhinn mi ri BBC Naidheachdan an t-seachdain sa chaidh air beatha Iain Mhòir MhicGillEathain (1879–1923). Rinneadh an aithris naidheachd air thoiseach air cuirm mhòr aig Celtic Connections, ann an Glaschu, a' comharrachadh 100 bliadhna bho shiubhail an Leathanach air 30 Samhain 1923. Thuirt mi gun robh daoine 'a' sìor-fheuchainn ri MacGillEathan a thìodhlacadh, mar gum … Leugh an corr Anns na Meadhanan: Iain Mòr MacGillEathain 19.1.24
Category: Nòtaichean
Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn
Chan fhaca mi fhathast facal Gàidhlig air strike-breaker, blackleg no scab. (1) Chan eil teagamh, ge-tà, nach do chuir Gàidheil eòlas math air stailcean, gu sònraichte san 19mh linn air adhart, agus air suidheachaidhean nuair a bhiodh buidheann de dhaoine a’ feuchainn ri stailc a bhriseadh — .i. a’ gabhail àite an luchd-stailc, no a’ … Leugh an corr Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn
Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?
Chòrdadh e rium glan ‘Còirichean an Duine’ no Rights of Man (1791/1792), le Tòmas Paine (1737-1809), a leughadh ann an Gàidhlig. No, gu dearbh, sìon sam bith leis an t-sàr rèabhlaideach dheamocratach seo. B’ fhada bho chuala mi gun deach Gàidhlig a chur air Rights of Man – no, aig a’ char as lugha, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?
Còir-bhòtaidh nam Ban air a’ Ghàidhealtachd gu 1914 (Tweets)
Chan eil an seo ach nòtaichean air na tha sgoilearan air faighinn a-mach mun iomairt airson cothrom bhòtaidh a bhith aig boireannaich, air a' Ghàidhealtachd ron Chogadh Mhòr. Gu ruige seo, tha e dùbhlannach mòran a lorg ann an Gàidhlig air a' chuspair bhon àm fhèin. Ach, tha fios againn gun deach bruidhinn air ann … Leugh an corr Còir-bhòtaidh nam Ban air a’ Ghàidhealtachd gu 1914 (Tweets)



