‘Cor na Dùthcha’ leis an Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1926)

A rèir coltais, seo dealbh de bhriseadairean-stailce ann an Glaschu a’ cur bus air ais air an rathad às dèidh buaireadh ri linn na Stailc Choitchinn ann an 1926. Bu mhath leam barrachd fianais mun sgeulachd, ge-tà.
Tùs na deilbh an seo.

Tha e doirbh cunntasan Gàidhlig a lorg air cuid de thachartasan, fiù ’s tachartasan anabarrach mòr, ann an eachdraidh a’ chlas-obrach ann an Alba. Nam measg sin, tha an Stailc Choitcheann ann an 1926.

B’ e a dh’adhbhraich seo gun robh luchd-seilbh nam mèinnean ag iarraidh tuarastalan nam mèinneadairean a ghearradh agus an latha-obrach aca a shìneadh. Nuair a dhiùlt aonadh nam mèinneadairean ri seo, chuir Còmhdhail nan Aonaidhean-ciùird (TUC) taic riutha agus thàinig aonaidhean eile a-mach a bha a’ riochdachadh leithid luchd-obrach rèile, stàilinn, agus clò-bhualaidh.

Cha do mhair i ach naoi làithean, eadar 4 gu 12 Cèitean, ach b’ e seo an stailc a bu mhotha a bha ann am Breatainn a-riamh. Ghabh e a-steach còrr is 1.5 millean neach-obrach, agus chaidh mu 162,233,000 latha-obrach a chall. Chan eil stailc sam bith eile a’ tighinn faisg oirre.

Thug an stailc buaidh air Alba agus air a’ Ghàidhealtachd. Agus, rud a bu chòir dhuinn cuimhneachadh, chùm na mèinneadairean orra a’ sabaid mìosan às dèidh don Stailc Choitchinn fhèin tighinn gu crìch.

Tha mi an ìre mhath cinnteach gur ann mun Stailc mhòir a tha an t-alt seo. Nochd e anns na duilleagan Gàidhlig aig Life & Work, iris Eaglais na h-Alba, tha mi an dùil san Ògmhios – leis gur e an t-siathamh àireamh a tha ann. Agus, tha e ro choltach gum b’ e an deasaiche, an t-Urr. Dòmhnall MacLaomainn (1874–1958), a sgrìobh e.1

Ged nach eil e ag ainmeachadh stailc no a’ toirt seachad cus fiosrachaidh mu na bha a’ dol – gu mì-fhortanach – tha e a-mach air cruaidh-chàs uabhasach san robh an dùthaich: ‘uilc a tha bagairt air an rìoghachd’. Tha cùisean air an soilleireachadh nuair a bhruidhneas e mu ‘na Bolshevics’, agus gu dearbh ‘Bolshevics á Russia no á Cluaidh’ (mo chuideam). Seo luchd na stailce, gu sònraichte na radaigich a bha ma b’ fhìor a’ stiùireadh chùisean. Leughar ann am pàipearan-naidheachd an ama cuideachd iomraidhean air an Stailc Choitchinn mar nàdar de chuilbheart Bhoilseabhach an aghaidh Bhreatainn.2

Chan eil co-fhaireachdainn sam bith ga sealltainn an seo do na mèinneadairean, luchd-obrach eile, agus an cuid theaghlaichean. Na àite, tha sgaradh cruaidh air a dhèanamh eadar ‘na Bolshevics’, a tha coimheach agus millteach, agus na Crìostaidhean a bha a’ riochdachadh Bhreatainn. ’S e ‘influenza’, gu dearbh, a tha anns an stailc, agus ’s dòcha na stailcearan radaigeach ’s an cuid bheachdan, a bha a’ feuchainn ri cron a dhèanamh air Breatann. Ach, tha Breatannaich ro làidir agus ro mheasail air saorsa! Tha fiù ’s ìomhaigh an tarbh-choin (bulldog) Breatannach a’ togail ceann. Tha e annasach dhomh mar a nì e iomradh air Èireannaich is Albannaich an taca ri Iain Bull – .i. Breatann – agus, cuideachd, mar a dh’ainmicheas e am Pàp mar bhagairt eile.3

Feumaidh ’s nach robh luchd-taic na stailce am measg coithional MhicLaomainn, ma chreideas sinn na chanas e an seo. Agus, ’s dòcha nach do dh’adhbhraich an stailc buaireadh ro mhòr ann am Blàr Athaill fhèin far an robh e na mhinistear.4

A dh’aindeoin a ghràin air ‘na Bolshevics’, ’s e a tha a’ cur air an ùghdar na daoine air a bheil giorag ron bhagairt seo, a tha ga h-aibheiseachadh agus a’ leigeil leatha crathadh air choireigin a thoirt air am beatha. ’S e a’ phrìomh theachdaireachd a tha aige, ma-thà, ‘Bithibh socair agus cumaibh oirbh!’. Thèid aig Breatannaich a tha foighidneach agus umhal don status quo maireachdainn tron seo.

~~~

COR NA DUTHCHA.

Fo sgàile do sgiathan gabhaidh mi mo theàrmunn gus an téid na h-uilc so uile thairis. — Salm lvii. i.

Tha dòchas agam gu’m bi na h-uilc a tha bagairt air an rìoghachd an diugh thairis m’ an ruig an duilleag so ar luchd-leughaidh, ach eadhon ged nach bitheadh, cha’n’eil feum air bith ann do dhaoine suidhe sìos fo na craobhan-aiteil[5] ag osnaich agus ag ochanaich mar gu’m biodh deireadh an t-saoghail dlùth. Cha ’n e sin an dòigh idir air cùisean a cheartachadh. Is e a’ ghairm a tha tighinn thugainn an diugh, “ Bithidh misneachail agus bithibh gaisgeil air son ar sluaigh agus air son bhailtean ar Dé agus deanadh Iehobhah an ni a tha maith ’na shùilean.”[6] Tha Dia a’ toirt cothrom d’a shluagh anns na làithean so air dearbhadh a thoirt do’n t-saoghal gur h-iadsan salann na talmhainn[7]; tha e mar fhiachaibh air buill na h-eaglais eiseimpleir a thoirt do dhaoine eile le am faighidinn agus an ciùine, eiseimpleir a thaobh ùmhlachd do lagh Dhé, agus ùmhlachd do na cumhachdan a tha air an òrduchadh le Dia.

Tha na làithean so deuchainneach gun teagamh, cho deuchainneach ’s gur còir dhuinn uile dol air ar glùinean gu tric a dh’ùrnuigh ri Dia as leth ar dùthcha, ach ciod air bith a thig asda cha ruig sinn a leas eagal a bhi oirnn gu’n cuir so crìoch air Breatunn. Tha cridhe agus anam Bhreatuinn na ’s làidire na gu’n cuir an influenza so crìoch oirre. Cha’n’eil taobh sam bith agam-sa ris na Bolshevics, ach cha mhò a tha e furasda dhomh éisdeachd le faighidin ri daoine a bhios a’ cur eagal nam bòchdan sin orm. Na daoine a bhios ag osnaich agus ag ochanaich mar gu’m biodh muinntir na dùthcha so cho maol no cho gealtach ’s gu’n leigeadh iad le Bolshevics á Russia no á Cluaidh an cur fo smàig an aghaidh an toile, tha na daoine sin tur aineolach air gné agus air danarrachd ar sluaigh. Tha a h-uile duilleag ann an eachdraidh ar dùthcha a’ teagasg gu bheil gaol aig Breatunnaich air saorsa nach ’eil aca air airgiod fhéin, ged is mòr an gaol air airgiod, air chor agus gu ’m faigh na Bolshevics an sùilean fhosgladh ma tha iad an dùil nach ’eil annta ach dròbh chaorach. Gheibh iad a mach nach e caoraich a tha aca idir ach coin-thairbh. Ciod air bith a dheanadh Eirionnaich no Albannaich b’ fheàrr le Iain Bull am bàs na gu’n strìochdadh e do chumhachd fo’n ghréin ach a thoil fhéin, agus le a thoil fhéin tha e a’ ciallachadh lagh na Pàrlamaid a chuir e fhéin air chois. Tha toil agus cridhe ar sluaigh-ne làidir agus ruighinn, cho làidir agus nach leig Pàpa no Bolshevic a leas feuchainn ri cuing a chur air an amhaich an aghaidh an toile.

Faodar, mata, earbsa a chur ann am muinntir na dùthcha gu’n giùlain iad iad féin gu misneachail agus ga glic aig an àm so, agus gu’m faigh iad dòigh air chor-eigin air cùisean a réiteachadh gu laghail agus gu cothromach. Agus gus leasan a thoirt do luchd-na-h-ochanaich a bhios a’ bruadar air na Bolshevics anns an oidhche, agus bho nach cluinnear aon fhacal fad finn foinneach an latha ach “ Mo chreach, mo chreach, cha robh an dùthaich riamh ’na leithid so de shuidheachadh,” bu mhaith leam naigheachd bheag innseadh dhaibh, còmhradh a bha eadar dà choimhearsnach air maduinn Sàbaid an àm a’ chogaidh. Tha an naigheachd air a h-innseadh le I. P. Struthers nach maireann, ministear a bha ann an Grianaig.

B’e ainm fir dhiubh Uilleam agus ainm an fhir eile Anndra. B’ ann de ‘n t-seòrsa a bhios ag osnaich agus ag ochanaich a bha Uilleam ; an seòrsa a bhios a’ caoidh cor na dùthcha, no cor na h-eaglais, no cor an t-saoghail, gun sgur. Bha e ’na dhuine gearanach mi-thoilichte, làidir ’na bheachd, is dùil aige nach robh ann an daoine eile ach daoine aineolach an coimeas ris fhéin. Bha Anndra ’na dhuine sàmhach ciallach a bhiodh a’ tomhas a b[h]riathran, duine leis nach bu toil ràbhart cainnte.

Maduinn Sàbaid a bha iad a’ seanchas thairis air a’ ghàrradh a bha eadar na tighean aca thuirt Uilleam, “ Tha mi an dùil nach robh àm riamh ann an eachdraidh na dùthcha cho cunnartach ’s a tha againn an dràsd.”

“ Cha ’n ’eil e gun chunnart gun teagamh,” fhreagair Anndra.

“ Gun chunnart,” ars’ Uilleam, “tha mi ag ràdh riut nach robh àm eile riamh ann cho cunnartach ris.”

“ Laithean sòluimte gun teagamh,” ars’ Anndra.

“ Cho sòluimte,” fhreagair Uilleam gu cas, “’s nach robh làithean cho sòluimte riu ann an eachdraidh an t-saoghail uile. Ciod air bith a their thusa is e sin a their a h-uile duine glic, agus is e sin a tha na paipearan-naigheachd ag ràdh, nach robh làithean mar so ann bho thoiseach an t-saoghail.”

“ A bheil cuimhne agad ciod a thachair anns an Fhraing air a’ cheathramh là fichead de August, 1572,” ars’ Anndra.

Chuir so stad beag air ochanaich Uilleam ; “ cha ’n urrainn mi a ràdh gu bheil,” ars’ esan.

“Sin agad, mata, an là ris an abràr là an Naoimh Bartolemus, an là air an robh ceithir mile de na Huguenots air am mort. Agus a bheil fhios agad ciod a thachair anns an Spainnt air a’ cheud là de ’n cheitein ann an 1545? No ciod a thachair an Russia air an dara là de April, 1512? No am Peru ann an 1544? No an Guatemala ann an 1524? No an Afghanistan ann an 1725? No an Tibet ann an 1318? An aithne dhuit aon ni a thachair anns an Asia eadar 550 agus 1100? No aon ni a thachair ann an China fad dà mhìle bliadhna roimh bhreith Chriosd, no fad mìle bliadhna ’n a dhéidh?”

“ An aithne dhuit fhéin,” ars’ Uilleam gu frionasach, “ ciod a thachair anns na dùthchannan sin anns na bliadhnachan sin?”

“ Cha ’n aithne gu dearbh,” ars’ Anndra, “ ach gus am bi barrachd eòlais agam air eachdraidh an t-saoghail na tha agam cha bu mhaith leam a bhi cleachdadh nam briathran a bhios tusa a’ cleachdadh, “nach fhacas agus nach cualas riamh leithid nan làithean so.”

Chuir so an fhearg air Uilleam agus is e a thubhairt e, “ Mur h-aithne dhomh eachdraidh an t-saoghail tha eòlas agam air a’ Bhìobull.”

“ An aithne dh[ui]t, mata,” ars’ Anndra, ciod a thachair ann an 2348 roimh bhreith Chriosd, no ann an 538?”

“ Cha ’n ’eil cuimhne agam,” ars’ Uilleam

“ Theagamh nach ’eil,” ars’ Anndra; ann an 2348 B.C. thàinig an tuil air an t-saoghal, agus ann an 538 B.C. thuirt Babilon mòr. Ach bidh cuimhne agad ciod a thachair ann an 70 an déidh breith Chriosd?

Mar dhuine as am biodh na fiaclan ’gan tarruing fhreagair Uilleam, “ Cha ’n urrainn mi a ràdh gu bheil.”

“ B’e sin a’ bhliadhna anns an robh Ierusalem agus an teampull air an leigeadh gu làr le saighdearan na Ròimhe, a’ bhliadhna anns an robh an fhàistneachd a rinn Criosd air a coimhlionadh, “ anns an àm sin bithidh àmhghar mòr ann, amhuil nach robh ann o thùs an domhain gus a nis, agus nach mò a bhitheas a chaoidh.”

Cha do chòrd so idir ri Uilleam ; “ ma tha mise ’g ad thuigsinn,” ars’ esan, “ tha thu a’ ciallachadh nach ’eil an t-àm so idir cunnartach.”

“ Cha d’ thubhairt mise dad de ’n t-seòrsa sin,” ars’ Anndra, “ is e na thubhairt mis gu’m bu chòir dhuinn le chéile ar briathran a thomhas, agus an tuilleadh eòlais a bhi againn air eachdraidh an t-saoghail m’ an tòisich sinn air a ràdh mu na laithean so nach robh an leithid riamh ann no làithean cho cunnartach riu. Dh’ fhaodainn-sa a ràdh gu bheil an càl anns a’ ghàrradh agad fhéin a’ sealltuinn gu maith ach cha ’n ionnan sin agus na’n abrainn nach robh càl riamh air an t-saoghal cho mhaith ris.”

“ Co a bha bruidhinn air càl?” ars’ Uilleam ; “ cha b’ ann air càl a bha mise a’ bruidhinn.”

Bha Anndra a’ dol a ràdh rud-eigin eile, ach chuimhnich e air an fhacal ud a labhair an duine glic, agus dh’ fhan e sàmhach, ‘Ged phronnadh tu amadan ann an soitheach pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair cha dealaich amaideachd ris.’

Tùs: [An t-Urr. Dòmhnall MacLaomainn], Life & Work [Na Duilleagan Gàidhlig], Air. 6 (1926), 21–22

‘Barbers Bolshevise Britain’: Cartùn le John R. Mason a lorg mi anns an Dundee Courier (12 Cèitean 1926): dè nan tigeadh na gruagairean a-mach air stailc?!

~~~

1 Bha an t-Urramach Dòmhnall MacLaomainn (Donald Lamont, 1874–1958), à Tiriodh, na mhinistear ann am Blàr Athaill eadar 1908 agus 1946. Bhiodh e a’ deasachadh nan duilleagan Gàidhlig ann an Life & Work, iris Eaglais na h-Alba bho 1907 gu 1951. Sgrìobh Ruairidh MacLeòid gum b’ e ‘[a]rguably the greatest Gaelic prose writer of all time’. RMcL, ‘Lamont, Donald’, Derick S. Thomson, deas., The Companion to Gaelic Scotland (Glaschu: Gairm Publications, 1994), td. 146. Tha an tagairt siud feumach air tòrr a bharrachd deasbad. Tha mi gu math measail air a chuid sgrìobhaidh ghnàthasaich eirmsich, ach chan eil teagamh san alt seo cò an taobh air an robh e!

2 Mar eisimpleir, anns an Dundee Courier: ‘The conception of a general strike is purely Bolshevik or destructive’ (11 Cèitean 1926); ‘That [an stailc choitcheann no ’stailc co-fhaireachdainn’] is not bargaining, collective or otherwise; it is merely Bolshevik brutality’ (12 Cèitean 1926); ‘The feeling is widespread that the peaceful triumph of Britain over the Bolshevik plan of revolution by general strike means a decisive back-set for the subversive movement throughout the world and that Britain has performed a great international as well as national service’ (19 Cèitean 1926). Ann an da-rìribh, cha robh Pàrtaidh Comannach Bhreatainn Mhòir – ged a bha am pàrtaidh san Ruis air sgur a chleachdadh an ainm ‘Boilseabhach’ bliadhnaichean roimhe – comasach air brath a ghabhail air an t-suidheachadh agus cha robh iad cho buadhach. Faic Keith Laybourn, The General Strike of 1926 (Manchester: Manchester University Press, 1993), tdd 11–12.

3 Bhiodh e inntinneach Breatannachd MhicLaomainn, agus a chuid poileataigs san fharsaingeachd, a rannsachadh barrachd. ‘S cinnteach gun do dh’fhàg an Cogadh Mòr làrach air, àm de chruadal nàiseanta agus gràdh-dùthcha ro-eudmhor. Tha fios againn gum b’ e seaplain a bha ann am MacLaomainn san arm fad ’some months during the war 1914–1918′, mar a tha e fhèin ag innse ann an nòtaichean ann an duilleag-thoisich lethbhreac de Gaelic Supplement of Life and Work Magazine. 1907–1911. A bheil e airidh air a’ chàineadh a bha aig Iain MacMhuirich ann an 1898: ‘tha minnistearan feachd air an cur a mach leis gach buidhinn a guidhe beannachadh Dhe air an ni a thoirmisg E anns a h-uile cuma anns an gabh briathran a chur’?

4 Ach, tha stèisean-trèana ann am Blàr Athaill agus bhiodh an t-seirbheis rèile air a briseadh gu h-ìre. Tha aon chunntas beag ann, mar eisimpleir, air mar a fhuair sgoilearan Àrd-sgoil Bhaile a’ Chloichridh, cuidh dhiubh à Blàr Athaill, seachad air trioblaidean an sgoil a ruigsinn. ‘Pitlochry Pupils and Strike’, Dundee Evening Telegraph (14 Cèitean 1926). ‘S dòcha nach fhaighte na pàipearan-naidheachd mar a b’ àbhaist, nach tigeadh luchd-turais, agus gum biodh duilgheadasan eile ann le bathar.

5 Craobh-aiteil (juniper tree). .I. a bhith a’ leigeil thairis dòchas cleas Eliah ann an 1 Rìgh:19:4: ‘Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean’.

6 2 Samuel 10:12

7 Mata 5:13: ‘“Is sibhse salann na talmhainn, ach ma tha an salann air a bhlas a chall, ciamar a thèid a dhèanamh saillte a‑rithist? Chan eil e feumail tuilleadh airson rud sam bith, ach airson a bhith air a thilgeil a‑mach agus air a shaltairt fo chasan dhaoine.”’

T. MacAilpein (2021)

Sgrìobh beachd