Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

Miner At Work
Mèinneadair-guail – chan ann an Canada, ach ann am Breatann – mu 1915. Tùs na deilbh-chamara an seo.

 

Sgrìobh mi na bu tràithe mu na ‘Yahie miners’ ann an Ceap Breatainn. Ann am beagan fhaclan, ’s e mèinneadairean sealach no ràitheil a bha annta; Gàidheil à sgìrean dùthchail san eilean, nach robh stèidhichte sna bailtean-mèinneadaireachd agus a bha, mar sin, buailteach stailcean a bhriseadh. Bhruidhneadh iad mu bhith a’ tilleadh dhachaigh, agus b’ e siud a b’ adhbhar gun cante ‘Yahie miners’ riutha. Tha e coltach gun robh tùs na h-abairt anns na 1860/70an ach tha an abairt a’ nochdadh ann am foillseachaidhean fada às dèidh sin san 20mh linn.

Seo a-nis eisimpleir sgoinneil de dh’òran le Gàidheal, Somhairle Peutan, a dh’obraich ann am Méinnean Bhictoria, Ceap Breatainn. Chaidh fhoillseachadh sa phàipear-naidheachd Teachdaire nan Gàidheal ann an 1925, agus tha am facal-toisich ag innse gun robh am Peutanach ag obair ‘bho chionn beagan bhliadhnaichean’. Chan eil fianais sam bith san òran gum briseadh Somhairle stailc, no nach gabhadh e ann an aonadh. A dh’aindeoin sin, b’ urrainnear a ràdh gur dòcha gu bheil e a’ riochdachadh nan ‘Yahie miners’ agus a’ cur an cèill an t-seòrsa seallaidh a bhiodh aca.

’S ann à ‘Broad Cove’ a bha e. Tha mi a’ dèanamh dheth gum b’ e ‘Broad Cove’ no An Còbh Leathann ann an Ceap Breatainn fhèin a bha seo, seach baile leis an aon ainm air tìr-mòr Alba Nuaidh. Gheibhear lorg air ‘Broad Cove Beach’ ann an àrd-tìr Cheap Breatainn, agus tha mi an dùil gum b’ ann an siud a bha baile-fearainn nam Peutanach (faic am mapa gu h-ìseal). Chaidh Somhairle agus Ailean, a charaid – cha chreid mi – a dh’obair ann am Méinnean Bhictoria còrr is ceud mìle air falbh.

An Còbh Leathann - Ceap Breatainn

Ann an òran beag aotrom tha Somhairle a’ toirt seachad pìosan fiosrachaidh uabhasach inntinneach. Shiubhail iad gu math fada a shireadh obair, agus cha robh Ailean soirbheachail – a’ sealltainn cho mì-chinnteach ’s a bha am margadh-obrach. Bha Somhairle an urra ri pùmpa agus dh’fheumaidh e cuibhle a thionndadh. Ciamar a bha e ag obrachadh? Am b’ ann fon talamh a bha e mas e agus gun robh e ga ‘chumail gun mo bhathadh’? Bha e ag obair còmhla ri Èireannach, agus tha fios againn gun robh grunn diofar shluaghan anns na mèinnean. Ach cha do thuig e ‘’sheorsa canain’ – Gàidhlig na h-Èireann no blas a chuid Beurla?

Chuidich a bhràthair Alasdair e le a bhith a’ toirt dha brògan-obrach, ach b’ ann a bha iad cuagach agus ga chiùrradh. Tha e ag ionndrainn a theaghlaich agus na coimhearsnachd aige – an e a’ chiad turas aige a bha seo air falbh? Bha an cultar ’s an dòigh-beatha eadar-dhealaichte: b’ fheudar dha obair air Là na Sàbaid, agus tha e a’ gabhail iongnadh mu na daoine a bha ann – cho eadar-dhealaichte ’s a bha iad, no cho lìonmhor? Cha do mhair Somhairle ann fada idir: dìreach trì seachdainean a rèir an fhacail-thoisich! Tha na rannan a’ cur air shùilean dhuinn gun robh e aonaranach ’s gun robh e doirbh dha an dà chuid a bhith cofhurtail ann am baile gnìomhachail, agus an dubh-chosnadh fhèin fhulang. ’S dòcha nach robh a sgeulachd cho annasach sin am measg Ghàidheal dùthchail Cheap Breatainn, gu sònraichte an òigridh. Cho luath ’s a b’ urrainn dha, chaidh e dhachaigh – cleas ‘Yahie miners’ eile, agus eu-coltach ri luchd-obrach eile aig nach robh an roghainn falbh.

Ma tha fiosrachadh aig duine sam bith mu Shomhairle agus Alasdair Peutan, Ailean mac Aonaghais ’ic Sheumais, no mu Ghàidheil a’ Chòbh Leathainn bhiodh ùidh agam a leughadh. Agus cumaidh mi mo shùilean air fàire airson tuilleadh bàrdachd-mhèinneadaireachd.

~~~

Oran le Somhairle Peutan

Chaidh Somhairle agus Ailean MacAonghais ic Sheumais bho chionn beagan bhliadhnaichean airson oibair [sic] a Broad Cove gu Victoria Mines aig Low Point. B’ fheudar do dh’ Ailean tilleadh dhachaidh gun obair. Fhuair Somhairle air beisd de phump. Bha ’n obair cruaidh ’s cha d’fhan e aice ach mu thri seachduinnean. Mu’n d’ thainig na tri seachduinnean gu’n ceann rinn Somhairle ’n t-oran so.

’S e cuidhle mo dhunach i,
’Ga tionndadh ’s nach urrainn mi,
Tha piob agus pump aisde,
’Ga ’m chumail gun mo bhathadh.

Di-luain ’n uair rinn mi toiseachadh,
’Se Eirionnach ’bha comhla rium;
Cha tuiginn guth dhe chomhradh,
Cha do chleachd mi ’sheorsa canain.
’Se cuidhle, &c.

Ged fhuair mi an nasgaidh iad,
Na brogan a bh’ aig Alasdair;
Cha’n fhaiceadh tu’s am factoraidh,
Gach fasan bh’ air na sailean.

Gu’r robh ’n te dheas is cuaig oirre,
An te chearr cha ’n i bu shuarraiche;
An car a chuir i m’ chruachan,
Bi’dh mi truadh gu la mo bhais leis.

Ged a bha mi pianail,
Fad na seachduinn ’g a mo rialadh [= riaghladh] aca;
Gu ’r h-e ’n rud a liath mi,
Cur ’gam iarraidh air an t-Sabaid.

’S mor a ghabh mi dh’ ioghnadh,
’Nuair chunnaic mi na daoine bh’ ann;
Cha b’ ionnan iad s na laoich,
A bh’ anns an tir a rinn mi fhageil [sic]

’S ioma latha bronach,
Bha mise ’n so gun chompanach;
A cuimhneachadh mo theaghlaich,
’Am Broad Cove a rinn mi ’m fagail.

Gu’r h-e Broad Cove nan oganach, –
Bu mhath iad ’an so comhla rium; –
Ma theid mi dh’an taigh osda,
’S mi gu’n ol ann ’ur deoch slainte.

N. B. – ’Se brathair da ’bh’ ann an Alasdair.

 

~~~

Tùs: Teachdaire nan Gaidheal, 1:12 (AN NOLLAIG, 1925), 7.

Buidheachas a-rithist do Thasglannan Alba Nuaidh (Nova Scotia Archives) airson ìomhaighean den Teachdaire a chur air an làraich aca.

 

2 thoughts on “Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

  1. Cha chreip mi nach e An Camus Leathann ann an Siorramachd Inbhir Nis a th’ann! Tha cuimhn’ aig Annag ni’n Iain Alaisdair ‘ic Aonghais Ailein (na Bancaichean) air pìos beag dhen òran seo.

    'S toil

Leave a reply to An Deasaiche Sguir dhen fhreagairt