‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

Colbh an Dr Clark ann am Forward (22 Cèitean 1920). Bho àm gu àm bu mhath leam tùs ann am Beurla a roinn a tha dha-rìribh inntinneach dhomh agus a tha a’ cur ri ar tuigse air eachdraidh na radaigeachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha na colbhan seo leis an Dr Gavin Brown Clark (1846–1930), gun … Leugh an corr ‘Socialist Memories’, An Dr. G. B. Clark (1920)

‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

Anns a' phost mu dheireadh, 'An t-Ar-am-mach Rùiseach' a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b' ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a' cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar … Leugh an corr ‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)

‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

  bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno — Krakatoa poilitigeach chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii; sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg ach chuir do mhórchumhachd fo’n … Leugh an corr ‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)

Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).

‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)