Còmhradh air Rèabhlaid an Iuchair san Fhraing (1830)

Louis-Phillipe a’ fàgail a’ Phalais Royal a’ dèanamh air Hôtel de Ville, 31 Iuchar 1830, le Horace Vernet. Tùs na deilbh an seo. Dùisgidh aon sgeul sgeul eile. Anns a’ bhloga mu dheireadh, thug sinn sùil air iomradh tràth air a’ ‘cho-fhlaitheachd’ no ‘a’ phoblachd’ ann an tùsan Gàidhlig. Nochd siud ann an còmhradh gu … Leugh an corr Còmhradh air Rèabhlaid an Iuchair san Fhraing (1830)

CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

Losgadh a’ charbaid rìoghail aig Rìgh Louis Philippe air beulaibh Chateau d’Eau ri linn Rèabhlaid 1848 san Fhraing. Leac-gràbhal làmh-dhathte le Nathaniel Currier, 1848. Tùs na deilbh an seo. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Aig ceann an fhaclair aige, a dh’fhoillsicheadh ann an 1815, sgrìobh Pàdraig … Leugh an corr CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

’Eòin agus Féidh’ (1920)

Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)

Rèabhlaid na Frainge 1789-1799: Cunntasan Gàidhlig bhon 19mh Linn

Dh’atharraich Rèabhlaid Mhòr na Frainge eachdraidh na Roinn-Eòrpa, agus eachdraidh an t-saoghail. Tha a mac-talla, mar gum b’ eadh, ri cluinntinn chun an latha an-diugh. Anns na bliadhnaichean 1848 agus 1849 bha deagh adhbhar aig Gàidheil sgrìobhadh mu deidhinn air sgàth ’s gun robh an Fhraing agus an Roinn-Eòrpa nam boil le rèabhlaidean ùra, a … Leugh an corr Rèabhlaid na Frainge 1789-1799: Cunntasan Gàidhlig bhon 19mh Linn

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Air 23 Cèitean 1794, chuir Eanraig Dundas (‘An t-Aintighearna Mòr’, 1742-1811), Rùnaire na Stàite airson Cogadh, litir gu Tighearna an t-Seula Dhìomhair, Marquess Stafford (1721-1803). Na broinn, thug e seachad am fiosrachadh as ùire bho Alba mu na bha na h-ùghdarrasan air faighinn a-mach mu ghnìomhan radaigeach. Tha e a’ bruidhinn mu Charaidean nan Daoine, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

  Chòrdadh e rium glan ‘Còirichean an Duine’ no Rights of Man (1791/1792), le Tòmas Paine (1737-1809), a leughadh ann an Gàidhlig. No, gu dearbh, sìon sam bith leis an t-sàr rèabhlaideach dheamocratach seo. B’ fhada bho chuala mi gun deach Gàidhlig a chur air Rights of Man – no, aig a’ char as lugha, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh tòrr mu na ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Aramach 1820 air Galltachd na h-Alba ri Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd. Mar as àbhaist, air sgàth gainnead de dh’fhianais agus ro-bheachdan mun sgaradh bhunaiteach eadar an dà àite, tha e ri thuigse san litreachas nach robh cuid no gnothach … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)