‘Am Freiceadan Dearg’ (Le Guardie Rosse), a bhiodh a’ dìon nam factaraidhean glacte, gan sealltainn fhèin airson dealbh, 1920. Tùs na deilbh-chamara an seo. Bha ceist orm, sa bhratha-bhloga mu dheireadh, an rachadh agam air rudeigin co-aimsireil a lorg ann an Gàidhlig mun Bhiennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) – 1919-1920 – san Eadailt. Lorg, gu … Leugh an corr Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)
Tag: Guth na Bliadhna
‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)
Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh. Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns … Leugh an corr ‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)
‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)
Anns a' phost mu dheireadh, 'An t-Ar-am-mach Rùiseach' a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b' ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a' cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar … Leugh an corr ‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)
‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)
Mar is fhaide a mhaireas an cogadh is ann is soilleire tha e fàs gur e an t-Ar-am-mach Rùiseach an t-aon nì tha sruthadh am mach bhuaithe sin as am faodamaid uaill a thoirt, agus anns am faodamaid móran earbsa a chur. Aig an là an diugh, se an gniomh mór ud (an t-Ar-am-mach Rùiseach), … Leugh an corr ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)




