Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)

Airson an deicheamh ceann-bliadhna de referendum na neo-eisimeileachd a chomharrachadh, bha mi ag iarraidh sùil a thoirt air ais air tùsan a’ ghluasaid nàiseanta. Gu h-ìseal, gheibhear iomradh uabhasach tràth air ‘Féin-riaghladh na h-Alba’ ann an Gàidhlig. Nochd e ann an Tìm an Òbain air 17 Sultain 1887 – .i. 137 bliadhna air ais bhon … Leugh an corr Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)

Tolstoy ann an Gàidhlig (1902, 1904)

'Portraid de Lev Nikolayevich Tolstoy' (1887), ola air canabhas le Ilya Repin. Tùs na deilbh an seo. ’S aithne dhomh gun deach Gàidhlig a chur air co-dhiù dà sgeulachd ghoirid leis an sgrìobhadair Ruiseanach Leo Tolstoy (1828–1910). Ann an 1924, dh’fhoillsicheadh Far am bi Gràdh, Bidh Dia, eadar-theangachadh le Eòin G. MacFhionghain. Cha d’ fhuair … Leugh an corr Tolstoy ann an Gàidhlig (1902, 1904)

Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bha mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)