B’ ann deich bliadhna air ais bhon latha an-diugh, 18 Sultain 2014, a bha an referendum airson neo-eisimeileachd Albannach. Bha mise a’ fuireach an uair sin ann an Dùn Èideann, far Rathad an Ear. Anns na làithean agus seachdainean ron bhòt mhòr, bha daoine nam boil. Tha cuimhne ’am, turas, a bhith a’ gabhail sgrìob … Leugh an corr Deich Bliadhna Air Ais (2024)
Tag: Dùn Èideann
Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?
Chòrdadh e rium glan ‘Còirichean an Duine’ no Rights of Man (1791/1792), le Tòmas Paine (1737-1809), a leughadh ann an Gàidhlig. No, gu dearbh, sìon sam bith leis an t-sàr rèabhlaideach dheamocratach seo. B’ fhada bho chuala mi gun deach Gàidhlig a chur air Rights of Man – no, aig a’ char as lugha, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (2): An robh Tòmas Paine ann an Gàidhlig?
Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)
Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh tòrr mu na ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Aramach 1820 air Galltachd na h-Alba ri Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd. Mar as àbhaist, air sgàth gainnead de dh’fhianais agus ro-bheachdan mun sgaradh bhunaiteach eadar an dà àite, tha e ri thuigse san litreachas nach robh cuid no gnothach … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)
Na Cairtich (Chartists) an Sasainn ’s an Alba (1848)
THA aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn; ach tha anabàrr de mhì-riaghailt air feadh iomad aon de na bailtean mora. ’An Lunnainn, ’an Dun-eidean ’s an iomad àite eile tha buidheannan lìonmhor de’n t-seòrsa ris an abair iad Chartists a’ cruinneachadh gun stad a sìor éigheach an aghaidh … Leugh an corr Na Cairtich (Chartists) an Sasainn ’s an Alba (1848)




