Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

  Sgrìobh mi na bu tràithe mu na ‘Yahie miners’ ann an Ceap Breatainn. Ann am beagan fhaclan, ’s e mèinneadairean sealach no ràitheil a bha annta; Gàidheil à sgìrean dùthchail san eilean, nach robh stèidhichte sna bailtean-mèinneadaireachd agus a bha, mar sin, buailteach stailcean a bhriseadh. Bhruidhneadh iad mu bhith a’ tilleadh dhachaigh, agus … Leugh an corr Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn

Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925

 ’S e an latha an-diugh – 11 Ògmhios – Là Uilleim Davis, no Là-cuimhneachaidh Uilleim Davis do Mhèinneadairean (William Davis Miners’ Memorial Day) a tha air a chumail air feadh Cheap Breatainn agus ann an cuid de choimhearsnachdan mèinneadaireachd ann an tìr-mòr Alba Nuaidh. Ged nach bi tachartasan ann am-bliadhna air sgàth a’ choròna-bhìorais – … Leugh an corr Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925

Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn

Chan fhaca mi fhathast facal Gàidhlig air strike-breaker, blackleg no scab. (1) Chan eil teagamh, ge-tà, nach do chuir Gàidheil eòlas math air stailcean, gu sònraichte san 19mh linn air adhart, agus air suidheachaidhean nuair a bhiodh buidheann de dhaoine a’ feuchainn ri stailc a bhriseadh — .i. a’ gabhail àite an luchd-stailc, no a’ … Leugh an corr Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn