Sgrìobh mi na bu tràithe mu na ‘Yahie miners’ ann an Ceap Breatainn. Ann am beagan fhaclan, ’s e mèinneadairean sealach no ràitheil a bha annta; Gàidheil à sgìrean dùthchail san eilean, nach robh stèidhichte sna bailtean-mèinneadaireachd agus a bha, mar sin, buailteach stailcean a bhriseadh. Bhruidhneadh iad mu bhith a’ tilleadh dhachaigh, agus … Leugh an corr Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn
Tag: Canada
Eachdraidh Dhubh ann am Mac-Talla, is Eile
An ìomhaigh as tràithe as aithne dhuinn de dh’Albannach-Nuadh Dubh. Gearradair fiodha gun ainm ann an Shelburne, Alba Nuadh, 1788. [Rabhadh: tha am brath-bloga seo a’ toirt tuairisgeul air fòirneart an aghaidh dhaoine Dubha, a’ gabhail a-steach murt is ciùrradh sna Stàitean.] A’ coiseachd tro nàbachdan ann an ceann a deas Ghlaschu an-diugh, bha mi … Leugh an corr Eachdraidh Dhubh ann am Mac-Talla, is Eile
Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn
Chan fhaca mi fhathast facal Gàidhlig air strike-breaker, blackleg no scab. (1) Chan eil teagamh, ge-tà, nach do chuir Gàidheil eòlas math air stailcean, gu sònraichte san 19mh linn air adhart, agus air suidheachaidhean nuair a bhiodh buidheann de dhaoine a’ feuchainn ri stailc a bhriseadh — .i. a’ gabhail àite an luchd-stailc, no a’ … Leugh an corr Briseadairean-stailce: ‘Yahie Miners’ ann an Ceap Breatainn



