CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

Losgadh a’ charbaid rìoghail aig Rìgh Louis Philippe air beulaibh Chateau d’Eau ri linn Rèabhlaid 1848 san Fhraing. Leac-gràbhal làmh-dhathte le Nathaniel Currier, 1848. Tùs na deilbh an seo. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Aig ceann an fhaclair aige, a dh’fhoillsicheadh ann an 1815, sgrìobh Pàdraig … Leugh an corr CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

An t-seachdain sa chaidh, thug mi seachad òraid air Aonghas MacEanraig do Chomann Gàidhlig Ghlaschu. Tè dhe na ceistean san robh ùidh agam ’s e dè an gnothach a bh’ aig MacEanraig ri foillseachaidhean nàiseantach na b’ anmoiche na bheatha. Bho litrichean a tha air mhaireann, eadar 1923 agus 1925, tha fios agam gun robh … Leugh an corr ‘Nàiseantachd is Pàirteachd’ (1929) le Liam Mac Giolla Ìosa

’Eòin agus Féidh’ (1920)

Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)

‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh. Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns … Leugh an corr ‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig