Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail! ’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha … Leugh an corr Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)
Tag: Alba (Pàipear-naidheachd)
Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)
Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)
Faisisteachd san Eadailt (1921)
Lèintean-dubha san Ròimh, tràth sna 1920an. Chrìochnaich Il Biennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) san Eadailt ceud bliadhna air ais, anns an t-Sultain 1920. Chan eil mi air cunntas a lorg air ann an Gàidhlig gu ruige seo, ach tha mi an tòir air. Ghabh suas ri leth-mhillean neach-obrach thairis air an chuid fhactaraidhean ann … Leugh an corr Faisisteachd san Eadailt (1921)
’Eòin agus Féidh’ (1920)
Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)
Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)
Tha sgeulachd a’ Mhorair Leverhulme mar uachdaran air Leòdhas (bhon Chèitean 1918) agus air na Hearadh (bho anmoch san 1919), agus an strì a bha aige ri coitearan Leòdhasach, ainmeil agus air a deagh chnuasachadh ann an corra leabhar. An seo, tha dà alt againn bhon phàipear-naidheachd Alba tràth ann an 1920 air an oidhirp … Leugh an corr Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)
‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)
Bha mi a’ leughadh tro na nòtaichean is lethbhreacan a rinn mi aig an leabharlann bho chionn treis – nuair a bha e comasach dhuinn a dhol ann – nuair a dh’amais mi air na pìosan naidheachd seo a chaidh fhoillseachadh ceud bliadhna air ais. Tha mi a-nis gan sgaoileadh a-rithist air an dearbh cheann-là: … Leugh an corr ‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)
‘Iain Mac Mhurchaidh: 1818-1903’, le Lachlann MacBheathain (1920)
Rinn Iain MacMhuirich no MacMhurchaidh (John Murdoch, 1818-1903) dlùth-cheangal eadar a' Ghàidhlig agus iomairtean airson ceartas sòisealta 'na latha. Ach càite an leughar na sgrìobh e sa chànan? Càite a bheil am beachdachadh 's an sgrùdadh air a bheatha 'na chànan fhèin? Seo co-dhiù cunntas luachmhor air le fear - Lachlann MacBheathain - a bha … Leugh an corr ‘Iain Mac Mhurchaidh: 1818-1903’, le Lachlann MacBheathain (1920)







