THA aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn; ach tha anabàrr de mhì-riaghailt air feadh iomad aon de na bailtean mora. ’An Lunnainn, ’an Dun-eidean ’s an iomad àite eile tha buidheannan lìonmhor de’n t-seòrsa ris an abair iad Chartists a’ cruinneachadh gun stad a sìor éigheach an aghaidh … Leugh an corr Na Cairtich (Chartists) an Sasainn ’s an Alba (1848)
Ceannsachadh Chomann Pharis (An Gaidheal, 1871)
Tha cuisean a dol air aghart ’s an Fhraing n’ as fhearr na bha duil aig moran. Ghlac feachd an luchd riaghlaidh Paris; agus chaidh moran de ’n luchd-ceannairc a mharbhadh, agus ro mhoran diu a ghlacadh. Rinn na daoine coirbte sin moran dochainn do n bhaile-mhor, mus an do chuireadh sios iad. Mhort iad … Leugh an corr Ceannsachadh Chomann Pharis (An Gaidheal, 1871)
‘A Réir an Lagh’ (1968), le Seann Saighdear
Anns a’ bhliadhna naoi ceud deug agus a h-ochd deug an toiseach a’ mhìos Mhàigh, bha mi anns a’ Fhraing ann an réiseamaid Ghaidhealach anns a’ chóigeamh roinn deug Albanach, de’n arm Bhreatannach. Bha mi air m’fhàgail a-mach ás an trainns an tùras so airson ionnsachadh “Lewis gun.” Air an la-arna-mhàireach an déidh m’fhàgail a-mach … Leugh an corr ‘A Réir an Lagh’ (1968), le Seann Saighdear
‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill
Bho àm gu àm do’n bhaile mhór Bha na fir òg’ a’ triall, ’Nan dùthaich féin bha iad gun chòir Le miannan bha gun chiall. An clobhsaichean dubh, salach, fuar’ Bha iomadh aon diubh tàmh, Ma dh’ fhaoidte, shuas air staidhrichean, Le mosaiche a’ cnàmh. Am baile mór — an saoghal mór — Bha … Leugh an corr ‘Leasain a’ Chogaidh’ (1918), le T.D. MacDhòmhnaill
‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil
Thàinig saighdear spaideil don sgoil an-dè le dheise, ’s le bhutain ’s le bhonaid — gille gasda. Tharraing e dealbh dhomh air tursan do thìrean cèin, ciùirtean air mo chorraig ’s dòigh-beatha eireachdail — dealbh cho soilleir ris a’ ghrèin. Ach cha tug e diog fhathast air marbhadh, air peilear chuireadh às do ghillean … Leugh an corr ‘Deise Mheallta’ (1991), le Flòraidh NicPhàil
‘Dà Dhàn le Brecht’, Eadar-theangaichte le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan (1979)
Carragh-cuimhne Saighdear Neo-aithnichte an Revolution (Das Grabmal des Unbekannten Soldaten der Revolution, le Bertolt Brecht. Eadar-th. le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan.) Tha saighdear neo-aithnichte an revolution air tuiteam. Chunnaic mi a charragh-cuimhne ann an aisling. Bha i air mòintich. Bha i ’na dà chnap cloiche Bha i gun sgrìobhadh oirre. Ach thòisich aon chlach … Leugh an corr ‘Dà Dhàn le Brecht’, Eadar-theangaichte le Iain MacDhòmhnaill agus Mairead Ryan (1979)
‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)
Anns a' phost mu dheireadh, 'An t-Ar-am-mach Rùiseach' a chaidh fhoillseachadh as t-Earrach 1918, tha fear de na h-altan as tràithe againn ann an Gàidhlig air Rèabhlaid na Ruise. Ge-tà, cha b' ann air tachartasan an Dàmhair 1917 no air sòisealachd fhèin a bha ùghdar Guth na Bliadhna a' cnuasachadh, ach air co-rèiteachadh Brest-Litovsk eadar … Leugh an corr ‘An t-Soibheid’ is Eile (Guth na Bliadhna, 1919-1920)
‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)
Mar is fhaide a mhaireas an cogadh is ann is soilleire tha e fàs gur e an t-Ar-am-mach Rùiseach an t-aon nì tha sruthadh am mach bhuaithe sin as am faodamaid uaill a thoirt, agus anns am faodamaid móran earbsa a chur. Aig an là an diugh, se an gniomh mór ud (an t-Ar-am-mach Rùiseach), … Leugh an corr ‘An t-Ar-am-mach Rùiseach agus na Cumhachdan Sladach’ (Guth na Bliadhna, 1918)
‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)
bhrùchd thu air an talamh mar bholcàno — Krakatoa poilitigeach chuir thu air chrith leth an t-saoghail le do dhéineas a’ leigeadh dheachdairean fa d’ chomhair mar chuilbh Phompeii; sgeith thu ar-a-mach thairis air Eòrpa mar shruthan dòthach làbha a’ sgaoileadh dùil na saorsa mar thòth gharg a’ phronnaisg ach chuir do mhórchumhachd fo’n … Leugh an corr ‘Marbhrann’ le Fearghas MacFhionnlaigh (1977)
Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).
Dhomhsa, b’ e an strì an aghaidh a’ chogaidh a bu chudromaiche do na sòisealaich. Bha mi a’ cur taic ris a’ ghluasad ghnìomhachail, ach dh’fheumte seasamh ri uabhas a’ chogaidh an toiseach: bha sinn a’ guidhe agus beò an dòchas gun rachadh againn air iomairt a chruthachadh a chuireadh stad air. Thug strì Iain … Leugh an corr Glaschu agus Rèabhlaid na Ruise. Sealladh Harry McShane (1978).










