‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

‘Saothar Fear nDomhain’ (1917 [1912]), Caibideil a h-Aon. Eadar-theangachadh le Liam Ó Rinn air Peadar Kropotkin.

Pìos ann an Gàidhlig na h-Èireann a tha seo. Rinn Liam Ó Rinn (1886-1943), à Baile Átha Cliath, na h-uiread airson Gàidhlig Èireannach a chur air sgrìobhaidhean chan e a-mhàin ann am Beurla ach ann an cànanan eile. B' esan an rinn an tionndadh Gàidhlig de Bhunreacht Shaorstáit Éireann (1922), agus de Bhunreacht na hÉireann(1937) a … Leugh an corr ‘Saothar Fear nDomhain’ (1917 [1912]), Caibideil a h-Aon. Eadar-theangachadh le Liam Ó Rinn air Peadar Kropotkin.

‘Na Figheadairean Sileiseach’ (1844) le Heinrich Heine, Eadar-theang. le Niall B. MacFhionghain

  Die Schlesischen Weber / Na Figheadairean Sileseach Le Heinrich Heine (1797-1856), Eadar-theangaichte bho Ghearmailtis le Niall B. MacFhionghain (1925- ) Is doilleir na sùilean aca gun deòir, Tha iad ’nan suidhe aig a’ bheairt, am fiaclan nochta, A Ghearmailt tha sinn a’ figheadh do mharbhfhaisg, Tha sinn a’ figheadh a-steach innte a’ mhallachd thrì-fillte, … Leugh an corr ‘Na Figheadairean Sileiseach’ (1844) le Heinrich Heine, Eadar-theang. le Niall B. MacFhionghain

Na Gàidheil agus Tràilleachd an Aimeireaga a Tuath, leis an Urr. Alasdair MacGriogair (1849)

Cunntas goirid air mar a ghabh na Gàidheil pàirt ann an tràilleachd ann an Aimeireaga a Tuath san 18mh agus 19mh linn. Chaidh fir às a’ Ghàidhealtachd do na h-Innseachan an Iar, leithid Iameuga, airson planntachasan a ruith. Faisg air an àm a chuireadh às do thràilleachd ann an Ìmpireachd Bhreatainn, ann an 1833, thog … Leugh an corr Na Gàidheil agus Tràilleachd an Aimeireaga a Tuath, leis an Urr. Alasdair MacGriogair (1849)

Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

Rinn am Bàrd an t-òran a leanas nuair a bha an “Land League” aig àirde anns a’ Ghaidhealtachd Air fonn: “Gun chrodh gun aighean.” Séisd: Ged tha sinn gun chrodh gun aighean Gun chrodh-laoigh gun chaoraich againn, Ged tha sinn gun chrodh gun aighean, Gheibh sinn fhathast croitean grinn. Gheibh sinn fhathast beagan chaorach, Beagan … Leugh an corr Òran mun ‘Land League’, le Donnchadh MacCoinnich (Bàrd Cheann Loch Iù) (mu na 1880an [1970])

‘Iain Mac Mhurchaidh: 1818-1903’, le Lachlann MacBheathain (1920)

Rinn Iain MacMhuirich no MacMhurchaidh (John Murdoch, 1818-1903) dlùth-cheangal eadar a' Ghàidhlig agus iomairtean airson ceartas sòisealta 'na latha. Ach càite an leughar na sgrìobh e sa chànan? Càite a bheil am beachdachadh 's an sgrùdadh air a bheatha 'na chànan fhèin? Seo co-dhiù cunntas luachmhor air le fear - Lachlann MacBheathain - a bha … Leugh an corr ‘Iain Mac Mhurchaidh: 1818-1903’, le Lachlann MacBheathain (1920)

Còir-bhòtaidh nam Ban air a’ Ghàidhealtachd gu 1914 (Tweets)

Chan eil an seo ach nòtaichean air na tha sgoilearan air faighinn a-mach mun iomairt airson cothrom bhòtaidh a bhith aig boireannaich, air a' Ghàidhealtachd ron Chogadh Mhòr. Gu ruige seo, tha e dùbhlannach mòran a lorg ann an Gàidhlig air a' chuspair bhon àm fhèin. Ach, tha fios againn gun deach bruidhinn air ann … Leugh an corr Còir-bhòtaidh nam Ban air a’ Ghàidhealtachd gu 1914 (Tweets)

Aimhreit nan Nabhaidhean (Navvies) ann an Stonehaven, 5 Faoilleach 1848

'S e bliadhna air leth lasanta a bha ann an 1848 air feadh na Roinn Eòrpa, mar sin 's beag an t-iongnadh gu bheil Fear-tathaich nam Beann - nach do ruith ach eadar 1848 agus 1850 - loma-làn sgeulachdan de strì agus aimhreit. Fiù 's ged a b' e foillseachadh sòlaimte spioradail a bha fa-near … Leugh an corr Aimhreit nan Nabhaidhean (Navvies) ann an Stonehaven, 5 Faoilleach 1848

Aimhreit-arain Ghlaschu, 6 Màrt 1848

Am-bliadhna, tha sinn a' comharrachadh a' cheudamh ceann-bliadhna de 'Bhlàr Cheàrnag Sheòrais' (31 Faoilleach 1919). Tha an tachartas sin, agus mar a chaidh a cheannsachadh le saighdearan agus tancaichean, a-nis a' samhlachadh 'Shrath Chluaidh Dearg' agus air a dhol na phàirt bhunaitich de sgeulachd na làimh-chlì ann an Alba. Ach tha tachartasan eile den aon … Leugh an corr Aimhreit-arain Ghlaschu, 6 Màrt 1848