‘Am Freiceadan Dearg’ (Le Guardie Rosse), a bhiodh a’ dìon nam factaraidhean glacte, gan sealltainn fhèin airson dealbh, 1920. Tùs na deilbh-chamara an seo. Bha ceist orm, sa bhratha-bhloga mu dheireadh, an rachadh agam air rudeigin co-aimsireil a lorg ann an Gàidhlig mun Bhiennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) – 1919-1920 – san Eadailt. Lorg, gu … Leugh an corr Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)
Faisisteachd san Eadailt (1921)
Lèintean-dubha san Ròimh, tràth sna 1920an. Chrìochnaich Il Biennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) san Eadailt ceud bliadhna air ais, anns an t-Sultain 1920. Chan eil mi air cunntas a lorg air ann an Gàidhlig gu ruige seo, ach tha mi an tòir air. Ghabh suas ri leth-mhillean neach-obrach thairis air an chuid fhactaraidhean ann … Leugh an corr Faisisteachd san Eadailt (1921)
’Eòin agus Féidh’ (1920)
Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)
Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)
Tha dà chunntas againn an seo, bho sheallaidhean gu tur eadar-dhealaichte, air an òraid a thug Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean, 1879-1923) seachad ann an Steòrnabhagh – ceud bliadhna air ais an-diugh, 4 Lùnastal 1920. Dh’fhaodadh nach eil fios aig mòran gun do thadhail an sòisealach Albannach a b’ ainmeile air an eilean no air … Leugh an corr Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)
Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)
Tha sgeulachd a’ Mhorair Leverhulme mar uachdaran air Leòdhas (bhon Chèitean 1918) agus air na Hearadh (bho anmoch san 1919), agus an strì a bha aige ri coitearan Leòdhasach, ainmeil agus air a deagh chnuasachadh ann an corra leabhar. An seo, tha dà alt againn bhon phàipear-naidheachd Alba tràth ann an 1920 air an oidhirp … Leugh an corr Toirt a-Mach Chol is Ghriais (1920)
‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)
Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh. Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns … Leugh an corr ‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)
Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)
Sa bhrath-bhloga mu dheireadh, sgrìobh mi gun robh alt sa phàipear-naidheachd Alba a-mach air saighdearan Albannach rè Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e eisimpleir eile a tha ann den cholbh ‘Sgeula à Èirinn’, agus nochd e anns a’ chiad àireamh de dh’Alba nuair a chaidh a chur air chois às ùr san Fhaoilleach … Leugh an corr Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)
‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)
Bha mi a’ leughadh tro na nòtaichean is lethbhreacan a rinn mi aig an leabharlann bho chionn treis – nuair a bha e comasach dhuinn a dhol ann – nuair a dh’amais mi air na pìosan naidheachd seo a chaidh fhoillseachadh ceud bliadhna air ais. Tha mi a-nis gan sgaoileadh a-rithist air an dearbh cheann-là: … Leugh an corr ‘An Cogadh an Éirinn’ (1920)
Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn
Sgrìobh mi na bu tràithe mu na ‘Yahie miners’ ann an Ceap Breatainn. Ann am beagan fhaclan, ’s e mèinneadairean sealach no ràitheil a bha annta; Gàidheil à sgìrean dùthchail san eilean, nach robh stèidhichte sna bailtean-mèinneadaireachd agus a bha, mar sin, buailteach stailcean a bhriseadh. Bhruidhneadh iad mu bhith a’ tilleadh dhachaigh, agus … Leugh an corr Òran mu Mhéinnean Bhictoria, Ceap Breatainn
Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925
’S e an latha an-diugh – 11 Ògmhios – Là Uilleim Davis, no Là-cuimhneachaidh Uilleim Davis do Mhèinneadairean (William Davis Miners’ Memorial Day) a tha air a chumail air feadh Cheap Breatainn agus ann an cuid de choimhearsnachdan mèinneadaireachd ann an tìr-mòr Alba Nuaidh. Ged nach bi tachartasan ann am-bliadhna air sgàth a’ choròna-bhìorais – … Leugh an corr Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925










