
25.5.2024 — Thòisicheadh air duilleag ùr, an Loidhne-ama, airson cunntas a chumail air prìomh thachartasan, agus tachartasan inntinneach, ann an eachdraidh radaigeach nan Gàidheal. Thèid seo ùrachadh bho àm gu àm, agus feuchaidh mi ri ceangal a dhèanamh ri tùsan air a’ bhloga no ri sgoilearachd air a’ chuspair.
6.3.2024 — Tha mi ag atharrachadh corra rud air a’ bhloga. An rud as motha a tha air m’ inntinn ’s e a bhith a’ cuimseachadh air sgrìobhaidhean Aonghais MhicEanraig. An lùib a bhith a’ rannsachadh a chuid obrach, cuiridh mi tòrr a bharrachd thar-sgrìobhaidhean dhe na h-aistean is eile aige air duilleag fa leth.
