Mun Bhloga

Tòmas air Stailc UCUHalò! Is mise Tòmas MacAilpein agus seo am bloga agam. Tha A’ Cheàrdach ag amas air tùsan Gàidhlig a thrusadh a tha a-mach air eachdraidh radaigeach agus eachdraidh a’ chlas-obrach san fharsaingeachd. Bho àm gu àm, bidh mi a’ dèanamh eadar-theangachaidhean cuideachd, agus bidh mi a’ cur gu feum thùsan ann am Beurla agus Gàidhlig na h-Èireann.

Tha làn fhios agam nach eil ach àireamh bheag de dhaoine ann a bhios comasach air am bloga seo a leughadh, agus ’s e glè bheag dhiubh sin aig am biodh ùidh ann! Ach, chan eil sin gu diofar. Tha e cudromach gum bi barrachd dhaoine a’ sgrìobhadh ’s a’ leughadh ann an Gàidhlig. Agus, tha e a’ còrdadh rium glan a bhith a’ cnuasachadh air eachdraidh, poileataigs agus cànan. Tha e an-còmhnaidh togarrach rudan ùra a lorg.

’S e am plana a th’ agam a bhith a’ foillseachadh cruinneachadh dhe na tùsan, altan agus nòtaichean bhon bhloga. Tha mi ag obair an-dràsta gus cur ris na tha agam agus na beàrnan a lìonadh. Agus, tha a bhith a’ sgrìobhadh an seo na chuideachadh ann a bhith ag obair air pròiseactan eile.

Ma tha beachd no ceist agad, bhiodh e fìor mhath cluinntinn bhuat.

Tòmas

Glaschu, 3.8.21

Ceanglaichean: Naidheachd / Tabhartas / Loidhne-ama / Pròiseact A.M.E.