Loidhne-ama

Cunntas a ghabhas ùrachadh de thachartasan cudromach no inntinneach ann an eachdraidh a’ chlas-obrach air a’ Ghàidhealtachd bhon 18mh linn chun an latha an-diugh.

1881

17 Cèitean 1881 – Stèidhicheadh an Skye Vigilance Committee aig coinneamh ann an Taigh-òsta Fleming, Sràid na Drochaid, ann an Glaschu. Chuireadh an comataidh air bhonn gus taic a chur ri croitearan Bhaltois san Eilean Sgitheanach a bh’ ann an còmhstri ris an uachdaran aca, an Caiptean Uilleam Friseal. Às don Fhrisealach am màl àrdachadh gu mòr, dhiùl na croitearan a phàigheadh agus bhagair esan an cur a-mach. Bhon uair sin, sheasadh an Comataidh còirichean chroitearan san fharsaingeachd san Eilean agus bha ceanglaichean aca ri Conradh na Talún (Comann Èireannach an Fhearainn). (MacPhail, TCW, td. 33).

22 Lùnastal 1881 – Fhuair Achd Lagh Fearainn na h-Èireann aonta rìoghail. Thug an t-achd còirichean ùra don tuath ann an Èirinn: màl cothromach, a rachadh a mheas le cùirt-fhearainn seach le uachdarain; tèarainteachd gabhaltais (security of tenure), a’ ciallachadh nach gabhadh gabhaltach cur a-mach nam biodh e air am màl a phàigheadh; agus saorsa reic, a dh’fhàg gum b’ urrainn do neach gabhaltas a reic do neach eile, gun chead fhaighinn bhon uachdaran. ’S iadsan na ‘Three Fs’ (Free sale, fixity of tenure, and fair rent). Bha an reachdas seo aig riaghaltas Libearalach Uilleim Ghladstone ag amas air aimhreit an fhearainn a shocrachadh ann an Èirinn, agus a bhith a’ lagachadh cumhachd Chonradh na Talún (Comann Èireannach an Fhearainn). Thug e buaidh mhòr air lèirsinn gluasad nan croitearan ann an Alba.

Goirid ro Fhèill Màrtainn, 11 Samhain 1881 – Chaidh buidheann de dh’fhir òga às a’ Bhràigh, mic nan gabhaltach (tenants) gu oifis a’ bhàillidh ann am Port Rìgh, Alasdair MacDhòmhnaill. Da rèir-san, ‘most of [them] had been fishing at Kinsale in Ireland and had imbibed Irish notions’. Thug iad dha athchuinge leis an ainm de cha mhòr a h-uile gabhaltach à bailtean a’ Bhràighe ag iarraidh ionaltradh Bheinn Lì dhaibh fhèin agus gun an còrr màil a phàigheadh air a shon. (MacPhail, TCW, td. 38). #BràighePhortRìgh

8 Dùbhlachd 1881 – Latha togail a’ mhàil ann am Port Rìgh. Cha do phàigh gabhaltaich (tenants) a’ Bhràighe am màl ach thadhail buidheann de dh’fhir òga às an sgìre a bhruidhinn ’s a ghearan ris a’ bhàillidh, Alasdair MacDhòmhnaill. Thill iad dhachaigh le Cailean Pìobaire air an ceann. (MacPhail, TCW, td. 39). #BràighePhortRìgh

1882

7 Gearran 1882 – Coinneamh nan croitearan ann an Eaglais Ghleann Dail, san Eilean Sgitheanach, airson an gearanan a thogail mun bhàillidh agus mu an uachdarain. ‘This meeting, which Alexander MacKenzie of Inverness called the start of a revolutionary movement, was unprecedented and marked a new stage in the revolt of the crofters against “landlordism”.’ (MacPhail, TCW, td. 55). #GleannDail

23 Màrt 1882 – Bailtean ann an Gleann Dail a’ cur a-steach athchuingean len cuid ghearanan aig àm togail a’ mhàil. Ach, ron sin, chuireadh dà shanas suas aig oifis-phuist Ghleann Dail. Bha aonan dhiubh a’ bagairt fòirneart air beatha is seilbh croiteir sam bith ann an Sgianaidean a phàigheadh am màl. Bha am fear eile nas measarra ach a’ maoidheadh, às leth Mhìolabhaig is Bhorradail, gun ruaigte stoc an uachdarain, an Dr Màrtainn, far Bhatairsteinn mura gluaiseadh e fhèin iad ro Dhòmhnach Caingheis (Whitsunday). (MacPhail, TCW, tdd 55–56). #GleannDail

7 Giblean 1882 – Sgrios bàirlinn faisg air Gead an Tàilleir, Bràigh Phort Rìgh. Dh’iarr am bàillidh, Alasdair MacDhòmhnaill, air Aonghas MacGilleMhàrtainn, am maor-siorraim, bàirlinn a thoirt do liosta de ghabhaltaich anns a’ Bhràigh nach robh a’ pàigheadh am màl. Thaghadh gabhaltaich a bha air am meas mar cheannardan na h-aimhreite: Dòmhnall MacNeacail, Somharile/Samuel MacNeacail, Iain MacNeacail, Iain MacGillEathain, Seumas MacMhathain, uile às a’ Bhaile Mheadhanach; banntrach C. MhicNeacail agus Uilleam MacNeacail, à Gead an t-Sailleir; banntrach F. NicFhionghain, banntrach Nèill Bhochanain, Iain Stiùbhart, agus Dòmhnall MacCuinn à Peighinn a’ Chorrain. Chaidh am maor-siorraim, MacGilleMhàrtainn, ann an cuideachd a’ mhaoir-ghruinnd, Tormod Peutan, agus saothraiche à Port Rìgh, Eòghann Robasdan, a bha gu bhith na shùil-fhianais. Chaidh stad a chur orra le gràisg mus do ràinig iad Gead an t-Sailleir. Thug Dòmhnall MacNeacail na pàipearan bàirlinn agus chaidh an losgadh le fàd lasrach. Cha do ghoirticheadh MacGilleMhàrtainn no Peutan, ach airson a bhith air am mallachadh. Ach fhuair an Robasdanach, a bha air a mheas mar nàdar de bhrathadair an tòir air airgead, deagh dhochann le clachan is clodan. B’ fheudar dhaibh an casan a thoirt leotha air ais a Phort Rìgh. (MacPhail, TCW, tdd 40–41).  #BràighePhortRìgh

19 Giblean 1882 – Ràinig 40 de phoileas à Glaschu agus deichear de phoileas à Siorrachd Inbhir Nis Bàgh Phort Rìgh air bàta-smùide aig 1.30m. Chaidh am bàta, an Clansman, air tìr aig muir-tràigh agus b’ fheudar dhaibh an luchd-siubhail aiseag chun a’ chala. B’ e an t-amas a bh’ aig a’ phoileas ruaig maidne a dhèanamh air bailtean a’ Bhràighe gun dàil. (MacPhail, TCW, tdd 42–43). #BràighePhortrìgh

19 Giblean 1882 – Blàr a’ Chumhaing. Às dèidh mar a chaidh bàirlinn a sgrios air 7 Giblean, leig am bàillidh seachad aig an àm a bhith a’ dol an tòir air a’ phrìomh fheadhainn nach robh a’ pàigheadh màl agus thug e an aire dhaibhsan a sgrios a’ bhàirlinn agus a thug ionnsaigh orrasan a liubhair a’ bhàirlinn. B’ e am maighstir-sgoile sa Bhaile Mheadhanach, Coinneach MacFhionghain, a thug an liosta dhiubh don bhàilidh. B’ iadsan: Alasdair MacFhionnlaigh, Dòmhnall MacNeacail, Seumas MacNeacail, Calum MacFhionnlaigh agus Peadar MacDhòmhnaill, uile às a’ Bhaile Mheadhanach. Dh’iarradh air poileas à Glaschu agus Inbhir Nis a thighinn airson an cur an grèim, is iad an dùil ri fòirneart. Ged a bha muinntir a’ Bhràighe làn-deònach cur an aghaidh poileas sam bith a thigeadh, cha robh iad deiseil dhaibh air an latha. Ràinig am poileas Gead an t-Sailleir aig glasadh an latha, mu 6 uairean, agus cha robh duine air an cois fhathast. An uair sin, ghrad-chuir iad an còignear fo chasaid an grèim sa Bhaile Mheadhanach gun cus trioblaid. B’ ann nuair a bha am poileas a’ toirt nam fear a Phort Rìgh a chuireadh ‘Blàr a’ Chumhaing’  (The Battle of the Braes, mar a chanas iad sa Bheurla). Dh’fheuch grunn daoine, gu sònraichte boireannaich, ris na fir a shaoradh. Thug iad ionnsaigh air a’ phoileas aig a’ Chumhang sa Bhràigh (faisg air Gead an t-Sailleir, tha càrn-cuimhne ann san latha an-diugh). Thilg muinntir an àite clachan is clodan air a’ phoileas, agus ghoirticheadh seachdnar bhoireannach is nighean. Mar a tha MacPhail ag aithris, dh’èigheadh ‘Càite a bheil fir Pheighinn a’ Chorrain?’ – is iad ag iarraidh gun dèanadh muinntir an ath bhaile cobhair orra an aghaidh a’ phoileis. Ach, bha iad fhathast gun èirigh no ’s dòcha nach d’ fhuair iad fios ann an àm, agus cha tàinig iad. Fhuair am poileas às leis a’ chòignear ann an grèim. Ach, chaidh an tachartas a sgaoileadh air feadh na dùthcha, ri ùine a’ tarraing aire agus co-fhaireachdainn do dh’adhbhar nan croitearan. (MacPhail, TCW, tdd 42–45). N.B. ’S e ‘Am Bràighe’ agus chan e ‘Am Bràigh’ a th’ air an sgìre, a rèir fiosraiche à Camas Tianabhaig: [mrɛə] i.e. Am Bràighe SSPNS 1968.03 (ainmean-aite.scot). #BràighePhortRìgh

11 Cèitean 1882 – Cùis-chùirte fir a’ Bhràighe ann an Cùirt an Siorraim Inbhir Nis. Bha na croitearan air an dìon le Coinneach MacDhòmhnaill, Clèireach-baile Inbhir Nis. Chaidh aig an Dòmhnallach air a’ chasaid air sgrios na bàirlinn a bhith air a tilgeil a-mach, agus chaidh na fir fhaighinn ciontach airson dochann le binnean nach robh ro chruaidh: eadar ceala-deug no mìos ann am prìosan, no 20 tasdan no £2.10 tasdan. A-rithist, chaidh an triail a mheas mar bhuaidh do na croitearan am measg an luchd-taic. (MacPhail, TCW, tdd 45–46). #BràighePhortRìgh

Ògmhios 1882 – Fhuair urrasairean na h-oighreachd san robh Bhatairsteinn bann-cùirte an aghaidh chroitearan ann am Mìolabhaig agus Borradail bho bhith a’ cumail stoc air ionaltradh Bhatairsteinn. Ach, cha b’ urrainn dhaibh am bann-cùirte a chur an gnìomh. (MacPhail, TCW, td. 57). #GleannDail

2 Sultain 1882 – Dh’fheuch maor-rìgh (messenger at arms), Alasdair MacDhòmhnaill eile à Inbhir Nis, ri sumanadh a thoirt do mhuinntir a’ Bhràighe airson an cuid sprèidh a chumail air Beinn Lì gun chead agus gun phàigheadh. Tha e coltach gun robh iad air a bhith a’ dèanamh a leithid fad mhìosan. Bha Cùirt an t-Seisein air bann-cùirte a ghairm an aghaidh croitearan a’ Bhràighe airson seo. Chaidh aig a’ mhaor-rìgh ris an sumanadh a thoirt seachad don mhòr-chuid de mhuinntir Ghead an t-Sailleir ach, an uair sin, thàinig na daoine a-mach nan gràisg airson stad a chur air. Thilgeadh clachan air cuideachd a’ mhaoir-rìgh agus b’ fheudar dha a shlat oifigeil a bhriseadh, a’ ciallachadh gun deach a bhacadh bho bhith a’ coileanadh a dhleastanasan laghail. (MacPhail, TCW, tdd 47–48). #BràighePhortRìgh

13 Sultain 1882 – Bhagair fir à Mìolabhaig air seann chìobairean a chaidh fhastadh gus sprèidh is caoraich Mhìolabhaig a chumail far ionaltradh Bhatairsteinn. (MacPhail, TCW, td. 58). #GleannDail

25 Sultain 1882 – Choinnich am Morair Dòmhnallach fhèin ri croitearan Bhràighe Phort Rìgh, ann an cuideachd a bhàilidh, Alasdair MacDhòmhnaill, airson tighinn gu rèite mu ionaltradh Bheinn Lì. Cha ghabhadh e gnothach ri rianachd na h-oighreachd, mar a b’ àbhaist. Bha na croitearan reusanta agus deònach a bhith a’ co-rèiteachadh air màl a phàigheadh air Beinn Lì. Ach, cha robh am Morair Dòmhnallach ach a’ tabhann màl de £100 fad ’s a bha na croitearan a’ tairgsinn £45 a phàigheadh eadar trì bailtean. Dh’fhàilig air a’ chòmhradh eatarra. (MacPhail, TCW, td. 49). #BràighePhortRìgh

24 Dàmhair 1882 – Dh’fheuchadh ri sumanadh a thoirt do mhuinntir a’ Bhràighe a-rithist airson a bhith a’ cumail stoc air Beinn Lì, mar a thachair air 2 Sultain. An turas sa bha buidheann de 11 phoileas ann, a bharrachd air luchd-naidheachd. Mar a thachair roimhe, chuir muinntir an àite stad orra a bhith a’ ruigsinn a’ Bhaile Mheadhanaich agus a’ cur a-mach sumanadh. (MacPhail, TCW, td. 50). #BràighePhortRìgh

9 Samhain 1882 – Chaidh mu 50 duine bho bhailtean Ghleann Dail gu Bhatairsteinn às dèidh don stoc aca a bhith air a chlìoradh far ionaltradh Bhatairsteinn an latha roimhe leis na cìobairean Dòmhnall MacDhòmhnaill agus Dòmhnall MacNeacail. Thug cuid dhiubh ionnsaigh orra agus ruith iad ceithir mìle tro Ghleann Dail. (MacPhail, TCW, td. 59). #GleannDail

27 Samhain 1882 – Co-chòrdadh Bheinn Lì. Bha oidhirp eile gu bhith ann sumanadh a chur a-mach, ’s dòcha le barrachd poileis. Ach, air an latha seo choinnich am bàillidh, Alasdair MacDhòmhnaill, ris na croitearan agus às dèidh coinneamh gu math fada, dh’aontaich iad a bhith a’ pàigheadh £74.15 airson Beinn Lì. Ghabh am Morair Dòmhnallach ris, agus e fo uallach mòr poileataigeach crìoch a chur air a’ chonnspaid. Fhuair croitearan a’ Bhràighe na bha iad ag iarraidh mu dheireadh thall. Ach, bha duilgheadasan aig a’ bhàillidh toirt air na croitearan an cùl-fhiachan (arrears) a phàigheadh, agus ann an 1884 ghabh croitearan a’ Bhràighe pàirt anns an stailc-mhàil a sgaoil air feadh an Eilein Sgitheanaich. Ann an 1887, dh’ìslich Coimisean nan Croitearan màl muinntir a’ Bhràighe, chuir iad às do an cùl-fhiachan, agus ghabh iad taobh an croitearan air Beinn Lì. (MacPhail, TCW, tdd 51–52). #BràighePhortRìgh

1883

17 Faoilleach 1883 – Dh’fheuch maor-rìgh (messenger-at-arms) agus 14 poileas ri sumanadh a thoirt do chuid de chroitearan Ghleann Dail airson a bhith a’ cumail stoc air Bhatairsteinn. Thug gràisg mhòr de dh’òigridh Ghleann Dail ionnsaigh orra. (MacPhail, TCW, td. 59). #GleannDail

20 Faoilleach 1883 – Ràinig am bàta-smùide an Dunara Castle Loch Dhùn Bheagain. Air bòrd, bha, a rèir aithris, 50 poileas a bha gu bhith air an cleachdadh an aghaidh croitearan Ghleann Dail. Chaidh grunn daoine gu cala Dhùn Bheagain airson aghaidh a thoirt orra, is iad armaichte le maidean. Dh’fhalbh am poileas agus dh’fhalaich poileas ionadail ann an Caisteal Dhùn Bheagain. (MacPhail, TCW, td. 59). #GleannDail

30 Faoilleach 1883 – Coinneamh mhòr de cheathrar de mhinistearan na h-Eaglais Shaoir agus croitearan Ghleann Dail ann an Loidse Hamara. Dh’aslaich na ministearan air na croitearan a bhith sìtheil agus a bhith a’ toirt ùmhlachd don lagh. Dh’aontaich na croitearan. Às dèidh sin, thàinig an seirbhiseach-catharra Calum MacNèill air tìr bhon bhàta-gunna, an Jackal. A’ bruidhinn ris na croitearan ann an Eaglais Shaor Ghleann Dail, chaidh aige air na croitearan fo chasaid ìmpeachadh gu bhith a’ gèilleadh agus cùirt a sheasamh ann an Dùn Èideann. (MacPhail, TCW, td. 60). #GleannDail

13 Màrt 1883 – A’ chiad choinneamh de Chomann an Fhearainn (an Highland Land Law Reform Association) ann an Lunnainn. B’ e an Dr Gavin B. Clark a bha anns a’ chathair. (James Hunter, ‘The Politics of Highland Land Reform, 1873–1895’, Scottish Historical Review 53:155 (1974), 50).

15 Màrt 1883 – Sheas ceathrar chroitearan à Gleann Dail cùirt ann an Dùn Èideann agus ainmichte airson a bhith a’ briseadh bann-cùirte agus airson dìmeas cùirte. B’ iadsan Iain Mac a’ Phearsain, Iain Moireasdan, Dòmhnall MacLeòid, agus Calum MacMhathain. Chaidh am faighinn ciontach agus bha aca ri dà mhìos a chur seachad anns a’ phrìosan. (MacPhail, TCW, td. 60). #GleannDail

15 Cèitean 1883 – Fhuair ‘Martairean Ghleann Dail’ a-mach à Prìosan a’ Chalton, ann an Dùn Èideann. Bha Iain Mac a’ Phearsain, Iain Moireasdan agus Dòmhnall MacLeòid nan ceannardan air na croitearan ann an Gleann Dail a ghabh thairis air ionaltradh Bhatairsteinn. Nuair a thill iad a Phort Rìgh bha fàilte mhòr romhpa le trì teintean-aighir agus brataichean. (MacPhail, TCW, td. 61). #GleannDail

19 Cèitean 1883 – Ràinig ‘Martairean Ghleann Dail’ Gleann Dail a-rithist. Air an dearbh latha, thug fear dhiubh, Iain Mac a’ Phearsain, fianais seachad aig a’ chiad èisteachd de Choimisean Napier a choinnich anns an Eaglais Shaoir. (MacPhail, TCW, td. 61). #GleannDail

An Lùnastal 1883 – Rùn Bhaile nam Frisealach. Choinnich grunn chroitearan a bha ri iasgach air an taobh an ear ann am Baile nam Frisealach (Fraserburgh). Chuir iad romhpa a bhith a’ gabhail ann an Comann an Fhearainn (HLLRA) agus meòir ionadail a stèidheachadh nuair a thilleadh iad dhachaigh. (MacPhail, TCW, td. 58; Hunter, ‘Politics of Highland Land Reform’, 51; Oban Times (25 Lùnastal 1883).

5 Dùbhlachd 1883 – Chaidh a’ chiad mheur de Chomann an Fhearainn (an Highland Land Law Reform Association) a stèidheachadh air a’ Ghàidhealtachd ann an Gleann Dail. (Thòisich an Comann ann an Lunnainn air 13 Màrt). Sgrìobh an t-Òbanach dà mhìos às dèidh sin gun robh ‘branch societies of this new mode of agitating crofter grievances are now in full swing in most parts of Skye’. (James Hunter, ‘The Politics of Highland Land Reform, 1873–1895’, Scottish Historical Review 53:155 (1974), 52). #GleannDail