Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

    Sa bhrath-bhloga mu dheireadh, sgrìobh mi gun robh alt sa phàipear-naidheachd Alba a-mach air saighdearan Albannach rè Cogadh Neo-eisimeileachd na h-Èireann. ’S e eisimpleir eile a tha ann den cholbh ‘Sgeula à Èirinn’, agus nochd e anns a’ chiad àireamh de dh’Alba nuair a chaidh a chur air chois às ùr san Fhaoilleach … Leugh an corr Saighdearan Albannach ann an Èirinn (Am Faoilleach, 1920)

Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925

 ’S e an latha an-diugh – 11 Ògmhios – Là Uilleim Davis, no Là-cuimhneachaidh Uilleim Davis do Mhèinneadairean (William Davis Miners’ Memorial Day) a tha air a chumail air feadh Cheap Breatainn agus ann an cuid de choimhearsnachdan mèinneadaireachd ann an tìr-mòr Alba Nuaidh. Ged nach bi tachartasan ann am-bliadhna air sgàth a’ choròna-bhìorais – … Leugh an corr Stailc Mèinneadairean Cheap Breatainn 1925

Eachdraidh Dhubh ann am Mac-Talla, is Eile

An ìomhaigh as tràithe as aithne dhuinn de dh’Albannach-Nuadh Dubh. Gearradair fiodha gun ainm ann an Shelburne, Alba Nuadh, 1788. [Rabhadh: tha am brath-bloga seo a’ toirt tuairisgeul air fòirneart an aghaidh dhaoine Dubha, a’ gabhail a-steach murt is ciùrradh sna Stàitean.] A’ coiseachd tro nàbachdan ann an ceann a deas Ghlaschu an-diugh, bha mi … Leugh an corr Eachdraidh Dhubh ann am Mac-Talla, is Eile

Rèabhlaid na Frainge 1789-1799: Cunntasan Gàidhlig bhon 19mh Linn

Dh’atharraich Rèabhlaid Mhòr na Frainge eachdraidh na Roinn-Eòrpa, agus eachdraidh an t-saoghail. Tha a mac-talla, mar gum b’ eadh, ri cluinntinn chun an latha an-diugh. Anns na bliadhnaichean 1848 agus 1849 bha deagh adhbhar aig Gàidheil sgrìobhadh mu deidhinn air sgàth ’s gun robh an Fhraing agus an Roinn-Eòrpa nam boil le rèabhlaidean ùra, a … Leugh an corr Rèabhlaid na Frainge 1789-1799: Cunntasan Gàidhlig bhon 19mh Linn

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Air 23 Cèitean 1794, chuir Eanraig Dundas (‘An t-Aintighearna Mòr’, 1742-1811), Rùnaire na Stàite airson Cogadh, litir gu Tighearna an t-Seula Dhìomhair, Marquess Stafford (1721-1803). Na broinn, thug e seachad am fiosrachadh as ùire bho Alba mu na bha na h-ùghdarrasan air faighinn a-mach mu ghnìomhan radaigeach. Tha e a’ bruidhinn mu Charaidean nan Daoine, … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (3): Pàipear Sgaoilte am Measg nan Dìon-fheachdan (Giblean 1794)

Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh tòrr mu na ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Aramach 1820 air Galltachd na h-Alba ri Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd. Mar as àbhaist, air sgàth gainnead de dh’fhianais agus ro-bheachdan mun sgaradh bhunaiteach eadar an dà àite, tha e ri thuigse san litreachas nach robh cuid no gnothach … Leugh an corr Radaigeachd nan 1790an air a’ Ghàidhealtachd (1): Gairm Dìlseachd, le Comann Gàidhealach na h-Alba (1793)

Aramach 1820: An Dà-cheudamh Ceann-bliadhna

Mura b’ e an coròna-bhìoras, bhithinn fhìn coltach ri iomadh duine eile airson dol gu tachartasan a’ comharrachadh Aramach 1820, agus tadhal air cuid de na h-àitichean faisg orm co-cheangailte ris. Faodaidh sinn, ge-tà, leughadh mu na thachair dà cheud bliadhna air ais. A bharrachd air an eachdraidh ainmeil aig Peter Berresford Ellis agus Seumas … Leugh an corr Aramach 1820: An Dà-cheudamh Ceann-bliadhna

‘In Memoriam’ (Rèabhlaid na h-Ungaire, 1956), le Tormod Burns (1964)

IN MEMORIAM Le TORMOD BURNS THACHAIR rud-eiginn air a’ chóigeamh là deug de ’n Dàmhair sa’ bhliadhna 1956, a bhrosnaich aire an t-saoghail gu léir, agus a bhrosnaich truas an t-saoghail shaoir beagan an déidh sin, nuair a ghabh na Ruiseanaich gnothach mór ris. B’ e so oidhirp a’ chinnich Ungaraich a bhriseadh na slabhraidhean … Leugh an corr ‘In Memoriam’ (Rèabhlaid na h-Ungaire, 1956), le Tormod Burns (1964)

‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig

Alt cumhachdach, dàna anns a bheil an t-ùghdar, an naidheachdair Aonghas MacEanraig, a' cur an aghaidh Ìmpireachd Bhreatainn, agus ìmpireileas san fharsaingeachd. Tha e ag argamaid gum bu chòir do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann - a tha iad fhèin is an cuid strìthean gan ceangal gu follaiseach - diùltadh gabhail anns an arm … Leugh an corr ‘Cogadh no Sìth’ (1912), le Aonghas MacEanraig