Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Eanraig MacIlleBhàin ('Fionn', 1852–1913) san deise Ghàidhealaich, mar a bhiodh air aig iomadh tachartas. Tùs na deilbh: The Celtic Review 9:36 (1914), 332. Rinneadh iomradh air Eanraig 'Fionn' MacIlleBhàin san dol seachad anns a' bhloga mu dheireadh agus sinn a' coimhead air gnè ùr de radaigeachd a bha mar chuspair òraid am measg Gàidheil Ghlaschu. … Leugh an corr Eanraig MacIlleBhàin air Gaisge nan Gàidheal (5 Màrt 1886)

Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)

(Clì) Talla na h-Àithne (an t-Athenaeum) mar a tha e an-diugh ann an Àite Nelson Mandela. Tùs na deilbh: Lost Glasgow. (Deas) Ceithir de na deich riaghailtean a bha aig Céilidh nan Gàidheal. A' sealltainn an àite-coinneachaidh aca ann an Talla na h-Àithne, agus cho cudromach 's a bha labhairt na Gàidhlig sna coinneamhan. Bho … Leugh an corr Comannachd ann an Céilidh nan Gàidheal (Glaschu, 1896)

Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

Bliadhna mhath ùr! Buaidh is piseach leis a’ chlas-obrach air feadh an t-saoghail! ’S e leabhar tùsaireach ann an eachdraidh clas-obrach agus eachdraidh shòisealach na h-Alba a bh’ ann an The History of the Working Classes in Scotland [HWCS] le Thomas Johnston. Leis gun tàinig e a-mach ceud bliadhna air ais ann an 1920 bha … Leugh an corr Beachdan air ‘The History of the Working Classes in Scotland’ le Thomas Johnston (1920)

Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gandhi a’ gabhail pàirt ann an ‘Caismeachd an t-Salainn’ (1930) – iomairt eas-ùmhlachd chatharra na b’ anmoiche na an gluasad fo phrosbaig san alt seo. Tùs na deilbh an seo. A’ leughadh mun strì airson neo-eisimileachd Èireannach bho 1919 air adhart, bhuail e orm cho tric ’s a bha èiginnean eile ann an Ìmpireachd Bhreatainn … Leugh an corr Gandhi agus Neo-cho-obrachadh sna h-Ìnnseachan (1921)

Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)

‘Am Freiceadan Dearg’ (Le Guardie Rosse), a bhiodh a’ dìon nam factaraidhean glacte, gan sealltainn fhèin airson dealbh, 1920. Tùs na deilbh-chamara an seo. Bha ceist orm, sa bhratha-bhloga mu dheireadh, an rachadh agam air rudeigin co-aimsireil a lorg ann an Gàidhlig mun Bhiennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) – 1919-1920 – san Eadailt. Lorg, gu … Leugh an corr Gluasad an Luchd-obrach san Eadailt (1920)

Faisisteachd san Eadailt (1921)

Lèintean-dubha san Ròimh, tràth sna 1920an. Chrìochnaich Il Biennio Rosso (An Dà Bhliadhna Dhearg) san Eadailt ceud bliadhna air ais, anns an t-Sultain 1920. Chan eil mi air cunntas a lorg air ann an Gàidhlig gu ruige seo, ach tha mi an tòir air. Ghabh suas ri leth-mhillean neach-obrach thairis air an chuid fhactaraidhean ann … Leugh an corr Faisisteachd san Eadailt (1921)

’Eòin agus Féidh’ (1920)

Edwin Landseer, ‘Deer-stalking in the Highlands’ (mu 1828). Tùs na deilbh an seo. Tha na cunntasan-bheachd a’ sealltainn mòr-chuid leantainneach airson neo-eisimeileachd Albannach agus an ceudad mean air mhean a’ fàs. Aig an ìre-sa, tha 55% de dhaoine deònach cùl a chur ris an Aonadh, agus ’s dòcha an ceann mhìosan gun ruig e 60%. … Leugh an corr ’Eòin agus Féidh’ (1920)

Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)

Tha dà chunntas againn an seo, bho sheallaidhean gu tur eadar-dhealaichte, air an òraid a thug Iain Mòr MacGillEathain (John Maclean, 1879-1923) seachad ann an Steòrnabhagh – ceud bliadhna air ais an-diugh, 4 Lùnastal 1920. Dh’fhaodadh nach eil fios aig mòran gun do thadhail an sòisealach Albannach a b’ ainmeile air an eilean no air … Leugh an corr Iain Mòr MacGillEathain ann an Leòdhas (1920)

‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)

Air fhoillseachadh ceud bliadhna air ais – as t-samhradh 1920 – ann an Guth na Bliadhna, tha an t-alt gun urra ‘Na Mithean agus Earras’ a’ beachdachadh gu dàna mun ghluasad eadar-nàiseanta airson cur às do chalpachas agus mun t-‘Saoghal Nodha’ a thig às a dhèidh. Leughar gu bheil dùil mhòr ri atharrachadh susbainteach anns … Leugh an corr ‘Na Mithean agus Earras’ (An Samhradh, 1920)