Le dìchioll math o là gu là, Ag obair tràth is anamoch ’S a’ cur ma seach gach peighinn bhàn, An àithn’ a dh’fhàg mo sheanamhair; An uair bhiodh càch a’ pasgadh làmh, ’S a’ cànran taobh a’ ghealbhain, Bha mise dèanadach a ghnàth; Is shàbhail mi suim airgid. An uair bhiodh geòcairean ri … Leugh an corr ‘Aoir nam Bolsheviks’ le Dòmhnall MacDhòmhnaill (ro 1919)
Author: An Deasaiche
‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)
Bithear a’ dèanamh gàirdeachas ri 6-7 Samhain 1917 gu bràth tuilleadh mar bhriseadh-latha do shaorsa nan tràillean-tuarastail — là-breith an t-saoghail ùir ag èirigh a-mach à sprùilleach an t-seann chomainn-shòisealta a bha bonntaichte air spùilleadh, aintighearnas agus air murt coitcheann. Le bhith a’ tighinn còmhla an latha ud agus a’ dì-shealbhachadh uachdarain is calpairean ìmpireachd … Leugh an corr ‘Air adhart leis an Rèabhlaid!’ le Iain Mòr MacGillEathain (1919)

