Còmhradh air Rèabhlaid an Iuchair san Fhraing (1830)

Louis-Phillipe a’ fàgail a’ Phalais Royal a’ dèanamh air Hôtel de Ville, 31 Iuchar 1830, le Horace Vernet. Tùs na deilbh an seo. Dùisgidh aon sgeul sgeul eile. Anns a’ bhloga mu dheireadh, thug sinn sùil air iomradh tràth air a’ ‘cho-fhlaitheachd’ no ‘a’ phoblachd’ ann an tùsan Gàidhlig. Nochd siud ann an còmhradh gu … Leugh an corr Còmhradh air Rèabhlaid an Iuchair san Fhraing (1830)

CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

Losgadh a’ charbaid rìoghail aig Rìgh Louis Philippe air beulaibh Chateau d’Eau ri linn Rèabhlaid 1848 san Fhraing. Leac-gràbhal làmh-dhathte le Nathaniel Currier, 1848. Tùs na deilbh an seo. Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Aig ceann an fhaclair aige, a dh’fhoillsicheadh ann an 1815, sgrìobh Pàdraig … Leugh an corr CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)

Òraid Chalgacuis (1813)

Ìmpireachd agus frith-ìmpireileas bho sheann eachdraidh chun an latha an-diugh. Meòrachadh air tionndadh Gàidhlig de dh’Òraid Chalgacuis (AD 98) a rinn Pàdraig MacPhàrlain ann an 1813. A rèir an eachdraiche Ròmanaich Tacitus (mu AD 56–mu 120), chuireadh blàr mòr eadar na Ròmanaich agus treubhan de Chailleanaich (Caledonii), mu AD 83, àiteigin ann an ceann a … Leugh an corr Òraid Chalgacuis (1813)

Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)

Airson an deicheamh ceann-bliadhna de referendum na neo-eisimeileachd a chomharrachadh, bha mi ag iarraidh sùil a thoirt air ais air tùsan a’ ghluasaid nàiseanta. Gu h-ìseal, gheibhear iomradh uabhasach tràth air ‘Féin-riaghladh na h-Alba’ ann an Gàidhlig. Nochd e ann an Tìm an Òbain air 17 Sultain 1887 – .i. 137 bliadhna air ais bhon … Leugh an corr Féin-Riaghladh na h-Alba (1887)

Tolstoy ann an Gàidhlig (1902, 1904)

'Portraid de Lev Nikolayevich Tolstoy' (1887), ola air canabhas le Ilya Repin. Tùs na deilbh an seo. ’S aithne dhomh gun deach Gàidhlig a chur air co-dhiù dà sgeulachd ghoirid leis an sgrìobhadair Ruiseanach Leo Tolstoy (1828–1910). Ann an 1924, dh’fhoillsicheadh Far am bi Gràdh, Bidh Dia, eadar-theangachadh le Eòin G. MacFhionghain. Cha d’ fhuair … Leugh an corr Tolstoy ann an Gàidhlig (1902, 1904)

Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain (1891, 1903)

Seann Bhaile Ghàsa (‘The Old Town of Gaza’ (1863–1863) le Francis Frith). Tùs na deilbh an seo. Chithear an seo Mosc Mòr Ghàsa, no Mosc Mòr Omari, am mosc as sine anns a’ Phalastain. Chaidh a sgrios le arm Iosrael san Dùbhlachd 2023. Gàsa bhrèagha nan liosan, nan tràighean, nan sràidean beòthail làn cultair is … Leugh an corr Na h-Iùdhaich, an Gluasad Sionach agus a’ Phalastain (1891, 1903)

Òran air Fuadach a’ Bharra Bhric (1840) [1890]

Am Barra Breac, no 'Barbreck', mar a tha e a' nochdadh air Mapa na Suirbhidh Òrdanais (Argyllshire, Sheet CXII. Six-inch to the mile. Foillsichte 1875). Faic am mapa gu h-ìseal airson am Barra Breac fhaicinn ann an co-theacsa Earra-Ghàidheal. Tha e doirbh mòran de dh’iomradh a lorg air fuadach a’ Bharra Bhric, air taobh Loch … Leugh an corr Òran air Fuadach a’ Bharra Bhric (1840) [1890]