
Dùisgidh aon sgeul sgeul eile. Anns a’ bhloga mu dheireadh, thug sinn sùil air iomradh tràth air a’ ‘cho-fhlaitheachd’ no ‘a’ phoblachd’ ann an tùsan Gàidhlig. Nochd siud ann an còmhradh gu math goirid a dh’fhoillsich Pàdraig MacPhàrlain ann an 1815. B’ e eachdraidh charraideach, rèabhlaideach na Frainge a thug air na Gàidheil aghaidh a thoirt air poblachdas – fiù ’s ged nach biodh iad, an toiseach, ach ga chàineadh.
Mar a dh’innis mi roimhe, bha sreath de rèabhlaidean agus aramachan anns an Fhraing tron 19mh linn. Agus bha poblachdas aig cridhe a h-uile aon dhiubh.
An seo, tha còmhradh gu math nas fhaide againn leis an Urramach Tormod MacLeòid, a nochd ann an An Teachdaire Gaelach san Lùnastal 1830. Tha an Leòdach a’ sgaoileadh naidheachd mu Rèabhlaid an Iuchair (Révolution de Juillet), 26–29 Iuchar air a’ bhliadhna sin, ann an seanchas eadar na caractaran ficseanail aige, Pàra Mòr, Fionnlagh Pìobaire agus am Maighstir-sgoile.
B’ e a thachair, mar a tha mi a’ mìneachadh anns na bun-nòtaichean, gun robh còmhstri eadar an rìgh, Teàrlach X (1757–1836), agus a’ phàrlamaid gu sònraichte às dèidh taghadh 1827. Bha Teàrlach X ann an da-rìribh ag iarraidh a chumhachd fhèin a neartachadh ach chùm na buidhnean libearalach ceann a’ mhaide ris. Sgaoil e a’ phàrlamaid ann an 1830 ach bha an toradh anns an ath thaghadh fiù ’s na bu mhiosa dha. An uair sin, chleachd e fòirneart na stàite an aghaidh nan dùbhlanach.
‘Dhùisg so corruich na rioghachd’, mar a thuirt am Maighstir-sgoile, ‘agus dh’ éirich iad mar aon duine na aghaidh’.
Bha cothroman aig Teàrlach X tighinn gu rèite air choireigin ach cha ghèilleadh e. Agus, am measg aimhreit is sabaid air na sràidean, thagh an luchd-poileataigs rìgh eile – a cho-ogha, Louis Philippe I (1773–1850) – a gheall a bhith a’ dìon a’ bhun-reachd ùir libearalaich.


Cleas an aintighearna Shiridhich, Bashar al-Assad, a chaill cumhachd na bu tràithe air a’ mhìos seo, san Dùbhlachd 2024, bha e iongantach cho luath ’s a thuit neart agus ùghdarras rìgh na Frainge às a chèile.
O cheann mhìos cò a b’àirde na e thairis air aon de na rioghachdaibh is cumhachdaich air thalamh, a’cur a mach a chabhluichean a smachdachadh rioghachdan eile; bratach gheal a theaghlaich a’ snàmh air na mìlltibh turaid; agus dà cheud mìle saighdear fo mhionnan a bhi dìleas da. Tha ’n duine ceudna an diugh gun mhùr gun rioghachd, gun chùirteir gun daoine. A bhratach air a tasgaidh—agus bratach nan tri dathan a’ mireadh sa ghaoith-

Bhiomaid an dùil, ’s dòcha, gun cronaicheadh an t-Urr. MacLeòid na Frangaich airson cuidhteas fhaighinn an rìgh dligheach aca. Ach, ’s ann a tha ùghdar a’ chòmhraidh a’ coireachadh Theàrlaich X airson na thachair ris. Tha am Maighstir-sgoile ag ràdh gum b’ e ‘Amaideachd, agus droch comhairle’ a b’ adhbhar do a thuiteam. Tha e cuideachd a’ cleachdadh faclan molaidh airson an rìgh ùir, Louis Philippe I: ‘duine tuigseach, tapaidh, agus saighdear foghainteach’. Agus, tha an aon character ùghdarrasail fiù ’s a’ cumail a-mach gu bheil Breatann ag aithneachadh ‘gu bheil còir aig gach rioghachd air a h-uachdaran féin a thaghadh, agus air a laghanna féin a dheanamh’.
Ann an da-rìribh, bha crìochan soilleir aig an Leòdach air a leithid de chòir – agus, ’s e monarcachd bhun-reachdail le riochdachadh fìor chuingealaichte, mar a bha aig Breatann, a bha e an-còmhnaidh a’ dìon. ’S bochd nach do mhair An Teachdaire Gaelach bliadhna eile. Dh’fhaodadh am Maighstir-sgoile a bhith air innse dhuinn mu Aramach an Ògmhios 1832 ann am Paris, nuair a chuir na poblachdaich baracaidean suas an aghaidh Louis Philippe I! B’ ann mun aramach seo a tha Les Misérables (1862), le Victor Hugo. Tha e cudromach a ràdh gun robh cuid mhath de Fhrangaich, gu sònraichte am measg nan clasaichean ìochdarach cho math ri oileanaich is eile, ag iarraidh a dhol tòrr nas fhaide ann an 1830 na an co-rèiteachadh a thug Louis Philippe I a-steach mar rìgh air taobh nam bùirdeasach. Bha iadsan ag iarraidh prionnsapalan na Rèabhlaid – liberté, egalité is fraternité – a stèidheachadh gu ceart ann an siostam ùr gun rìghrean.
Tha e inntinneach cuideachd cho mì-chinnteach ’s a tha caractaran a’ chòmhraidh mun àm ri teachd. Am feuchadh Teàrlach X, no a shliochd, ri tilleadh le arm cleas nan Seumasach? An tigeadh mac Napoleon san eadraiginn? Am biodh cogadh ann a-rithist eadar Breatann agus an Fhraing? Feumaidh sinn cur nar cuimhne fhìn nach robh cùrsa na h-eachdraidh stèidhichte agus gum b’ urrainn do chùisean a bhith gu tur eadar-dhealaichte – mar eisimpleir, nam biodh beagan a bharrachd taic (no cèill) aig Teàrlach X, no mura biodh Napoleon II air bàsachadh leis a’ chaitheamh aig 21.
Gheibh sinn a-mach mu thuiteam Louis Philippe I fhèin, agus stèidheachadh na Dàrna Poblachd ann an 1848, anns an ath bhloga.
Tha ‘Còmhradh nan Cnoc’ a’ tòiseachadh gun tarraing sam bith air tachartasan mòra eachdraidheil. Cha do gheàrr mi sìon a-mach thoradh tha an còmhradh, mar as àbhaist, èibhinn agus a’ toirt boillsgeadh no dhà dhuinn air eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd. Ged a bha turasachd air tòiseachadh sa cheàrnaidh mu dheireadh an 18mh linn, bha i fhathast àraid, annasach do mhòran sgìrean. An seo, chì sinn Pàra Mòr a’ frithealadh air luchd-turais Sasannach – creag-eòlaiche agus lus-eòlaiche (no bith-eòlaiche). Tha iad còir agus fialaidh, ach tha e doirbh a sheachnadh san ìomhaigheachd, agus Pàra Mòr a’ giùlan poca trom chlachan às dèidh nan daoine-uaisle, gu bheil inbhe ìseal aig muinntir an àite an taca ris na coigrich. Tha an cuid dhòighean cuideachd anabarrach coimheach. Leughaidh sinn mu Ghàidheal a’ feuchainn cheapairean airson a’ chiad turais!
***
CÒMHRADH NAN CNOC.
Pàra mòr a dlùthachadh ri doras na ceàrdach, le maileid air a dhruim. Am Maighstir-sgoile, Fionnladh Pìobaire agus an Gobhainn, a’ gàireachdaich san dorus.
Pàra. Gun neartaich am Freasdal ur n-aobhar-ghàire, m’as mis e, a dhaoin’ uaisle. Ciod so a dhùisg ur cridhealas?
Fionn. Tha sachd ort a Phàruig—an iad cearcan fraoich no coilich dhubha a tha thu’n diugh a’ giùlan an déigh nan Sasunnach?
Pàra. Tog do d’ sgeig Fhionnlaidh. Ciod air bith a tha sa mhàileid, nam biodh i ortsa ’si Pìobaireachd bu lugha bhiodh air t-aire. Ach cuiridh mi mo sgìos anns a cheardaich ged a rachadh na Sasunnaich chaol air bàinidh. An do mhothaich sibh iad a’gabhail an rathaid.
Fionn. Chunnaic sinn dithis chaola chruaidh a’ dol seachad, ad gheal chonlaich air fear dhiubh co leathann ri guit,[1] stiall de ribein fad uaine aisde, agus òrd beag ladhrach[2] na laimh.
Pàra. Ord an rosaid[3]; is eòlach air mi; is oil leam nach robh tri òirlich dheth far nach abair mi; is mis a dhiùbhail[4] air a cheart òrd ladhrach sin.
Maigh. Ach, da rìreadh ciod a th’agad sa mhàileid?
Pàra. Ma ta, Ge nàr ri innse, a leithid de uallaich a bhi air dronnaig[5] Criosduidh air bith, tha sachd chlach—
Maigh. Ciod an seorsa chlach a th’ann?
Pàra. Chuir thu ceist orm. Cha deach sinn seachad air creig eadar so agus Sron-an-t-shìthein as nach d’ thug fear an ùird bhig spealg; agus an déigh dha amharc orra tre ghloine bhig chruinn, chuireadh e ’n sin ri shròin iad, agus cha ’n fhòghnadh sin leis gun a theang’ a chuir orra; bheireadh e’n sin gloine bheag a mach, agus an dèigh dha boinne spiorad làidir a dhòrtadh oirre thilgeadh e uaith iad, no sparradh e sa mhàileid iad mar bhuaileadh e na cheann. Is mòr m’ eagal gu bheil an dearg chuthach air an òganach bhochd—ged is laghach e—
Fionn. Cha bu tu fein mòran a b’fhearr ’nuair a leig thu leithid de eallaich ort; ach ciod e nach dean daoin’ air son an airgid.
Pàra. Cuist[6] Fhionnlaidh mhìn, chunnaic mi do phluicean fein an impis sgàineadh air son duais is lugha.
Maigh. C’àit an do chruinnich sibh na clachan?
Pàra. Cha ’n ’eil amar aibhne, no sgrìodan, no sgàirneach, no càrn nach rannsaich fear an ùird; agus marbhaisg air fear Dhun-fhad, ’s e thug dhuinn an cnap is mugha th’air mo ghiùlan a Torr an Fhomhair. Gun teagamh tha ’n cuthach air fear an ùird’, ach do rireadh ’s glan e air a shon sin.
Maigh. Bha coslach duine chiallach maille ris, fear an aodainn dheirg. Tha mi deanamh dheth gur Domhnullach a bh’ann, bha bad fraoich ’na bhoineid.
Pàra. Fraoch! Cha’n’eil seorsa fraoich no raineach, no seileisteir, no lus a thig a mach a’ talamh nach ’eil aig an fhear ud na shac. Tha’m fear ud mu na lusan, mar tha fear an ùird mu na clachan. Cha’n’eil fios cò is glice dhiubh; an saoil thu’n teid am fear beag sin seachad air seilcheig no dearc-luachrach, no losgann, no am meanbh-chreutair is tàire, gun an togail, agus a ghloine bheag a chur riu. An saoil thu nach d’ rinn e fionna builg,[7] an là roimhe, air nathair, agus nach ’eil craicionn na béisde aige na leabhar co cùramach ’s ge bu litir o leannan a bhiodh ann.
Fionn. Coma sin a Phàruig, cha’n’eil teagamh nach robh pailteas de bhiadh agus de dheoch agaibh sa mhonadh, agus chumadh sin thusa ceart.
Pàra. Mar ith iad ach mar chunnaic mis iad a’ deanamh, cha ’n ìoghnadh leam ge nach bi mòran feòl’ orra. Cha robh greim bìdh nan cuideachd a b’ aithrigh air an ainm; ach leòban beaga tana de chruithneachd,[8] agus sliseag fheola eatorra co tana ri paipeir; agus an t-ìm, (mu ’se ìm a bh’ann) mar gu’m biodh glaodh ann gan cumail ri chéile. Chunnaic mi là a dh’ ithinn làn cumain[9] diubh. Cha’n’eil cuimhn’ agam c’ ainm a bh’ orra, ach thus’, Fhionnlaidh tha co tric an cuideachda dhaoin’ uaisle, cha’n ’eil teagamh agam nach aithne dhuit an ainm.
Fionn. An e Sanndaich* a bha ac’ orra?[10]
Pàra. Tha thu ceart; ge nach iad a shanndaichinn agus an t-ocras orm; ach coma, bha na fleasgaich laghach, (amaideach ’s mar tha iad,) gle shuairce mu na leòban beag’ an fheadh’s a mhair iad.
Maigh. Coma cò dhiubh a Phàruig, amaideach ’s mar bha iad, theagamh gu’m bu chlann righrean a bh’annta. Bha mi ’g innse dh’ Fhionnladh an so m’ an d thainig thu, m’an Fhràngach ghlas liotach[11] a bha’n so an uraidh; agus a ghabh bàigh co mòr air Fionnladh air son a phìobaireachd: gu bheil athair a nis na righ air an Fhraing, agus gur e fein oighre a chrùin.[12]
Pàra. Fheudail, a dh’ fhearaibh an e so an Diùchd Airtearach, na c’ainm so eile bh’air?
Maigh. Tha Diùchd Charteris, mac do Dhiùchd Orleans, a tha nis an ionad an righ.
Pàra. Cia mar thainig so m’an cuairt? Nach stad thu Eobhainn Ghobha, le d’ bhuilg[13] agus le d’ ùird, gus an innis am Maighstir sgoile a naigheachd. Nach bochd nach biodh àite suidhe agad sa cheardaich so, air am feudadh daoine suidhe, ach gàd cruaidh aimh-leathain iarruinn[14] is gann a b’ urrainn do chirc seasamh air. ’So fhir mo chridhe, innis duinn ciod a thachair o chionn ghoirid san Fhraing.
Maigh. Ni mi sin, ach feumaidh mi dol treis air m’ais ann an eachdruidh na dùthcha sin.
Pàra. Ruig Noah, ma thogras tu.
Maigh. Tha cuimhn’ agad gu bheil a nis seachd bliadhna deug thar fhichead, o chuir muinntir na Fràinge an righ aca gu bàs, agus an d’fhògradh a theaghlach a nall do dh’ Albuinn, far an d’ fhuair iad aoigheachd ann an Dun-eudain air chostas na Dùthcha so.[15] An déigh mòran de mhort agus de mharbhadh nam measg fein, fhuair an saighdear ainmeil sin, Bonaparte lamh an uachdar, agus chuir e’n Fhràing fo an-tighearnas dha fein.
Pàra. An Gille! ’se a fhuair a chroit.
Maigh. Coma sin, cha robh e toilichte leatha. Bha a shannt neo-chriochnach; dhùisg so corruich na h-Eorpa na aghaidh, agus an déigh aibhnichean fola bhi air an dòrtadh chuireadh fa dheireadh as a ghreim e, agus dh’ fhògradh do Eilean Elba e. Ghairmeadh an sin an seann teaghlach rioghail air an ais; an déigh dhoibh bhi bliadhn’ air fhichead nam fògraichean san Dùthaich so. Ach cha b’fhad a mheal iad an t-àrdachadh; fhuair Gille nan car a mach à Elba; thug e’n Fhràing air; dh’ éirich an t-arm leis; agus ghrad thilg e an righ as a dhìollaid, m’an robh e fad an seilbh. Bha’n tuasaid a rìs air bonn. Chruinnich maithean na h-Eòrp am feachd r’a chéile, agus thugadh blàr iomraideach Waterloo, a thilg Bonaparte bun os ceann, a chuir air an fhògradh dheireannach e do Eilean St. Helena, as nach do phill e; agus chuireadh an seann righ a rìs suas.
Pàra. Nach ann ac’ a bha ’m falach fead air a chéile’ mach ’sa stigh, ’sa stigh ’sa mach. Ciod a nis a chuir ceann gun bhuaidh[16] an treas uair air fògradh?
Maigh. Amaideachd, agus droch comhairle.
Pàra. ’S minic a chaidh iad an caramh a chéile; ach cluinneamaid mar dh’éirich dha.
Maigh. An uair a ghairmeadh an righ a stigh fa dheireadh, chaidh bann-cordaidh a dheanamh eadar e fein agus a rioghachd; leis an robh e air a shocrachadh eatorra gu’n robh àrd-chomhairle ri bhi aca san Fhraing, mar tha againn san rioghachd so. Anns a chùmhnant so bha e air a shocrachadh gu’n robh saor chomas aig an t-sluagh an luchd-comhairleachaidh fein a thaghadh; daoin’ as an robh iad earbsach, agus a shocraicheadh o àm gu h-àm a chìs a bha ri bhi air a togail.[17] Thuit e mach nach robh roghainn na Dùthcha taitneach do’n righ, agus d’a chùirteirean.[18] Chuir e dhachaidh iad, agus dh’ iarr e iad a dheanamh roghainn de mhuinntir eile. Ma bha a cheud bhuidheann neo-thaitneach, chual e gun robh an ath-roghainn na b’ fhaid’ air taobh nan daoine, agus uime sin cha do cheadaich e dhoibh cruinneachadh idir; agus air eagal gu’m brosnaicheadh paipeirean naigheachd, agus leabhraichean eile an sluagh gu ceannairc, chuir e cosg air clò-bhualadh; agus dh’ àithn e nach rachadh leabhar a chur a mach ach iadsan a rachadh a rannsachadh leis fein agus le ’chùirteiribh. Dhùisg so corruich na rioghachd, agus dh’ éirich iad mar aon duine na aghaidh, agus b’ éiginn do righ Tearlach X. teicheadh.[19]
Pàra. C’ainm so a thuirt sibh a bh’air?
Maigh. Tha Tearlach.
Pàra. Tubaist air ainm gun bhuaidh. Nach mi-shealbhar an t-ainm sin do righribh. Nach e Tearlach a bha air an righ a chaidh a dhì-cheannadh an Sasunn; agus tha fhios againn gur e Tearlach a bha air an fhògarach bhochd a bha ’nar measg fein.
Fionn. Air t-athais a Phàruig; théid neart thar ceart, agus is ann mar sin a dh’ éirich do Phrionnsa mo ghaoil, agus thainig an dà là air an dùthaich ’nuair a bhiodh a chridh’ agadsa fògarach bochd a ràdh ris.
Pàra. Tha mi ’g iarraidh maitheanais, fhir mo chridhe; nach do chaill m’athair fein a cheann ’na aobhar; ach cluinneamaid crioch a ghnothaich m’an Fhràing. Ciod an seorsa righ a thug iad a stigh a nis?
Maigh. Tha duine tuigseach, tapaidh, agus saighdear foghainteach.[20] Bha esan mar an ceudna car tamuill na fhògarach san dùthaich so; ach chum se e fein suas le sgoil fhosgladh anns an do theagaisg e òigridh. agus anns an d’thug e mòr thoileachadh dhoibhsan a chuir an clann fo a chùram.
Pàra. Nach ann air a thainig an dà latha. Ach cha ’n ’eil fios agam an gabhadh e gu maith a chur na chuimhne gun robh e na Mhaighstir sgoile.
Maigh. An àite sin ’s ann a tha e deanamh uaill as; agus mar chomharadh air sin tha a dhealbh aige air a tharruing, le ’sgoileirean m’an cuairt da, anns a cheart deise bha air san àm.

Pàra. ’S maith an comharadh sin air-san, ach innis so dhomh, c’ àit an d’thug Tearlach a theich, a cheann fodha?
Maigh. Cha’n’eil mi ro chinnteach, tha cuid ag ràdh gun deachaidh e dh’ America.[21]
Pàra. Ma ta, cha’n’eil teagamh agam, chi mi gach aon a chailleas croit no baile, a ghoideas mult no bhuaileas Gàidseir gun d’thoir iad America orra, agus c’arson nach rachadh esan ann cuideachd o’n a chaill e ghreim? A’bheil teaghlach aige?
Maigh. Tha, mac agus oghachan.
Pàra. Air m’ fhocalsa cha’n’eil an obair seachad fathast. Gleus do phìob Fhionnlaidh, agus bi nunn; is feuch an dùisg thu as a leth, na Gaedheil Fhrangach[22] ar an robh an Teachdaire a’ labhairt san àireamh fa dheireadh. Bi nunn agus tog fàilt a Phrionns’ òig, ged a tha eagal ormsa gur e ’m port a b’ fhearr a fhreagradh dhoibh, Cha till mi tuilleadh. Ach innsibh so dhomh, c’ àit’ a’ bheil Boni òg?[23] M’as mac mar an t-athair e, bithidh a làmh sa chaonnaig; ach is suarach sin mar d’théid sinn fein san eadraiginn. Tha na seoladairean tuasaideach, agus o’s ann diubh a tha ’m fear a tha’n tràs air an sdiùir,[24] ’s mòr m’ eagal nach cumar casg air.
Maigh. Na biodh cùram ort, tha e fein glic, agus tha comhairlichean maith aige. Cha do chuir Breatunn sgios a chogaidh fa dheireadh fhathast as a cnamhaibh; agus tha fhios aice gu bheil còir aig gach rioghachd air a h-uachdaran féin a thaghadh, agus air a laghanna féin a dheanamh. Agus a nis fheara, nach cealgach an saoghal so féin, ’so an ceathramh uair a bha cheart duine so na fhògarach. O cheann mhìos cò a b’àirde na e thairis air aon de na rioghachdaibh is cumhachdaich air thalamh, a’cur a mach a chabhluichean a smachdachadh rioghachdan eile[25]; bratach gheal a theaghlaich a’ snàmh air na mìlltibh turaid; agus dà cheud mìle saighdear fo mhionnan a bhi dìleas da. Tha ’n duine ceudna an diugh gun mhùr gun rioghachd, gun chùirteir gun daoine. A bhratach air a tasgaidh—agus bratach nan tri dathan a’ mireadh sa ghaoith-
Pàra. Sin agadsa sin; am fear nach amhairc roimhe amhaircidh e na dhéigh. Thig a nall Fhionnlaidh, agus tog orm an sachd chlach so. Slan leis a Mhaighstir sgoile; tha mi fada a’ d’ chomain; agus air do shons’ Eoghainn Ghobha, séid do bhuilg, agus buail t-iarunn gus am bi thu sgìth. Leanaidh mise na Sasunnaich.
T. O.
Tùs: T. O. [An t-Urr. Tormod MacLeòid], ‘Còmhradh nan Cnoc’, An Teachdaire Gaelach XVI (Ceud Mhios an Fhogharaidh, 1830), 86–90.
An tar-sgrìobhadh agus nòtaichean le T. MacAilpein (2024).
[1] guit = winnowing-fan
[2] òrd beag ladhrach = a small claw hammer
[3] Ord an rosaid = cursed hammer! (rosad = mì-fhortan, donas, mallachd)
[4] a dhiùbhail = a dhìobhail; call, creach, .i. ‘is mise a dh’fhuiling air sgàth an dearbh ùird ladhraich sin’.
[5] dronna(i)g = Ridge of the back (Dwelly)
[6] Cuist = ist
[7] fionna builg = fionnadh-builg (Earra-Ghàidheal), fionnadh-balgain; Mode of skinning a carcase by a cut round the neck and without cutting down the breast or belly (Dwelly).
[8] leòb(an) = sliseag(an), .i. cha robh aca ach ‘sliseagan beagan tana de dh’aran’.
[9] cuma(i)n = peile, bugaid.
[10] [Nòta an ùghdair:] * Sandwich
[11] m’an Fhràngach ghlas liotach = mun Fhrangach a bha bàn (no glaisneulach) na chraiceann, agus a bhruidhinn le liot (lisp) no gag (stammer).
[12] Tha am Maighstir-sgoile a-mach air Prince Ferdinand Philippe, Diùc Orléans (1810–1842). ’S e Diùc Chartres an tiotal a bha aige nuair a bha an teaghlach aige air fògradh bhon Fhraing. Ghabh e cuairt air Sasainn agus Alba ann an 1819, dìreach mar a tha an Còmhradh seo ag innse. B’ e athair Louis Philippe I (1773–1850) a bha na Rìgh air na Frangaich (seach na Rìgh na Frainge) eadar 1830 agus 1848. Gu mì-fhortanach, bhàsaich e ann an tubaist nuair a bha e 31 bhliadhna a dh’aois, nuair a chailleadh smachd air eich a’ charbaid fhosgailte aige, agus a thuit e a-mach. Chan fhaca e deireadh rìoghachadh athar ann a 1848.
[13] le d’ bhuilg = le do bhuilg-shèididh, bellows
[14] gàd cruaidh aimh-leathain iarruinn = bàr cruaidh aimhleathan (caol) iarainn, .i. a hard narrow iron bar.
[15] Chaidh Louis XVI a dhì-cheannadh le guillotine ann am Place de la Révolution, Paris, air 21 Faoilleach 1793 ri linn Rèabhlaid na Frainge. Dh’fhuirich cuid de theaghlach Louis XVI, às dèidh dhaibh teicheadh bhon Fhraing, ann an Dùn Èideann. Mar eisimpleir, bha am bràthair a b’ òige aig Louis XVI, Teàrlach, Comte d’Artois (1757–1836), ann an Lùchairt Holyrood eadar 1796 agus 1803, agus dh’fhuirich a dhithis mhac an sin cuideachd aig diofar amannan. ’S e Teàrlach X, Rìgh na Frainge eadar 1824 agus 1830, a bhiodh ann na b’ anmoiche. Ach, nuair a chaidh a chur far na rìgh-chathrach a-rithist ann an 1830, thill Teàrlach gu Lùchairt Holyrood san Dàmhair 1830 maille ri cuid mhath dhe a theaghlach. Dh’fhuirich iad ann an Dùn Èideann airson dà bhliadhna.
[16] ceann gun bhuaidh = neach mì-fhortanach
[17] Tha am Maighstir-sgoile a’ dèanamh dearmad air Louis XVIII sa gheàrr-chunntas seo. Bha Louis XVIII (1755–1824) na rìgh eadar 1814 agus 1824 – ach ri linn nan Ceud Là, nuair a thill Napoleon ann an 1815. B’ ann san rìoghachadh aigesan a rinneadh ‘bann-cordaidh […] eadar e fein agus a rioghachd’: La Charte constitutionnelle de 1814, no Cairt bhun-reachdail 1814, a stèidhich pàrlamaid le dà sheòmar cleas Pàrlamaid Bhreatainn, a dh’aithnich roghainn de chòirichean agus a chuingealaich cumhachdan an rìgh gu h-ìre. B’ e seo bun-stèidh poileataigs na Frainge gu Rèabhlaid 1830, nuair a rinneadh Charte de 1830 a thug tuilleadh chumhachdan do Sheòmar nan Teachdairean air chosg an rìgh.
[18] Tha an geàrr-chunntas a’ leum gu làithean deireannach Theàrlaich X, bràthair na b’ òige Louis XVIII. Cha robh Teàrlach X taiceil ri cuingealachadh cumhachdan an rìgh, mar a bha sgrìobhte ann an Cairt 1814. Thug e dùbhlan, ma-thà, don phàrlamaid, Seòmar nan Teachdairean. Chaill pàrtaidh an rìgh, na h-Ultra-rìoghairean, taghadh 1827 agus buidheann dùbhlanach na làimh-chlì a’ faighinn barrachd shuidheachan na pàrtaidhean eile gun mhòr-chuid uile gu lèir. Ach, chùm na h-Ultra-rìoghairean orra a’ riaghladh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhaibh le mion-riaghaltas – tha seo a’ cur nar cuimhne air staing mhòr phoileataigeach san Assemblée nationale ann an 2024 ! Dh’fheuch Teàrlach X ri neach-poileataigs fìor dhìleas dha, an Diùc Jules de Polignac, a sparradh air a’ phàrlamaid mar Phrìomh Mhinistear ann an 1829. Chuir mòr-chuid de bhuill na pàrlamaid an aghaidh seo, agus sa Chèitean 1830 sgaoil an rìgh a’ phàrlamaid, a’ gairm taghadh ùr. A-rithist, mar a tha am Maighstir-sgoile ag innse, bha an toradh fiù ’s na bu mhiosa don rìgh agus choisinn na Libearalaich a bha na aghaidh mòr-chuid làidir ann an Seòmar nan Teachdairean. An uair sin, chuir Teàrlach a-mach Òrdanasan an Iuchair sa bhliadhna sin a thug ionnsaigh air saorsa nam meadhanan, air còirichean poileataigeach a’ chlas mheadhanaich is eile. ’S e coup d’état a bha ann, ann an da-rìribh, an aghaidh a’ bhun-reachd.
[19] Thachair e gu math sgiobalta. Dh’fhoillsicheadh na h-Òrdanasan air 25 Iuchair 1830 agus leig Teàrlach X seachad an crùn air 2 Lùnastal 1830. Anns an eadar-àm, chleachd na h-ùghdarrasan fòirneart an aghaidh phàipearan-naidheachd nach robh taiceil ris an rìgh, bha aimhreitean air sràidean Pharis agus thogadh baracaidean. Loisg saighdearan air na daoine, ach cha b’ urrainn dhaibh smachd a chumail. Dh’fheuch buill Sheòmar nan Teachdairean ri ìmpidh a chur air an rìgh na h-Òrdanasan a chùl-ghairm. Nuair a dhiùlt e, thagh na buill-phàrlamaid fear eile mar rìgh nach buineadh ri còirichean bun-reachdail, b’ esan Louis Philippe d’Orléans. Thugadh rabhadh don rìgh gun robh muinntir Pharis a’ deiseileachadh gus ionnsaigh a thoirt air an lùchairt san robh e, Saint-Cloud. Thug e a chasan leis, agus b’ ann air èiginn a fhuair e a-mach. Thuig e nach robh e sàbhailte fiù ’s ann an Versaille agus gun robh cuid dhe na geàrdan nàiseanta a’ cosg an Trì-dhathaich. Chuir e ainm ri sgrìobhainn dìobraidh (abdication) ann an Château de Rambouillet, taobh a-muigh Pharis. Bha e a’ miannachadh gun rachadh an crùn do a ogha, Henri, duc de Bordeaux agus comte de Chambord (1820–1883), ach dh’aontaich na buill-phàrlamaid ri Louis Philippe aithneachadh mar an rìgh ùr.
[20] ’S e co-ogha Theàrlaich X a bha ann an Louis Philippe I (1773–1850). B’ e ‘Le Roi-Citoyen’ (An Rìgh-Saoranaich) a bha aig daoine air, leis gun do sheachain e cuid mhath den ghreadhnachas rìoghail agus bha e, gu dearbh fhèin, eòlach air a bhith na shaoranach ag obair ’s a’ cosnadh mar thidsear cruinn-eòlais, eachdraidh, matamataig is eile. Bha beachdan libearalach aige agus ghabh e ris a’ mhonarcachd bhun-reachdail a chaidh a stèidheachadh ann a 1830. Ach, anns na h-ochd bliadhna deud a bha e a’ rìoghachadh, ghluais e na b’ fhaide chun na làimh dheis agus b’ e luchd gnìomhachais is bancairean a chùm taic ris, cha b’ e na gnàth-dhaoine. Chaill e cumhachd ann an Rèabhlaid 1848 às dèidh don eaconamaidh a dhol bhuaithe agus gluasad ùr deamocratach èirigh suas. Às dèidh do Louis Philippe an crùn a leigeil dheth, chaidh an Dàrna Poblachd Fhrangach a stèidheachadh.
[21] Tha am Maighstir-sgoile ceàrr: b’ ann a Shasainn agus, an uair sin, gu Lùchairt Holyrood ann an Dùn Èideann a thàinig Teàrlach X san Dàmhair 1830. Ach, às dèidh dà bhliadhna an sin, chaidh an teaghleach gu Pràg, ann an Ìmpireachd na h-Ostaire. Fhuair e bàs leis a’ ghalar-àraidh (cholera) air 6 Samhain 1836 ann an Görz.
[22] Bhruidhneadh mu na Breatnaich, muinntir na Breatainn Bhig, anns an alt ‘Mu na Canmhuinnean a tha ’n dlù-chairdeas do’n Ghaelic’ ann an An Teachdaire Gaelach XV (MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRUIDH 1830), 57–59.
[23] Cha d’ fhuair Napoleon II (1811–1832), mac Napoleon fhèin, cothrom a làmh a chur sa chaonnaig. Shiubhail e leis a’ chaitheamh aig 21 bhliadhna a dh’aois. Ach, fhuair a cho-ogha, Louis-Napoléon Bonaparte (Napoleon III, 1808–1873), cothrom gu bhith na Ìmpire air an Fhraing bho 1852 gu 1870.
[24] Feumaidh ’s gu bheil Pàra Mòr a’ toirt iomradh air Rìgh Uilleam IV (1765–1837). Bha e air a bhith sa Chabhlach Rìoghail na òige, agus ’s e an ‘Rìgh-Seòladair’ a bha aig daoine mar fhar-ainm air. B’ e Diùc Wellington am Prìomh-Mhinistear aig àm an fhoillseachaidh (gu 16 Samhan 1830). Ach, b’ e Ceannard Arm Bhreatainn a bha ann-san, cha robh e sa Chabhlach.
[25] Mar eisimpleir, b’ ann ri linn Theàrlaich X a ghlac an Fhraing Algiers ann an ionnsaigh eadar 14 Ògmhios agus 5 Iuchair 1830.
