
Cuine a sgrìobh Gàidheil an toiseach, nan cànan fhèin, mun ‘phoblachd’ mar bhun-bheachd poileataigeach? Aig ceann an fhaclair aige, a dh’fhoillsicheadh ann an 1815, sgrìobh Pàdraig MacPhàrlain (1768–1832) còmhradh anns a bheil dithis a’ cabadaich, san dol seachad, mun taic a bha aig muinntir na Frainge ri poileataigs phoblachdach. An seo, tha mi a’ toirt sùil air a’ chòmhradh fhèin, a cho-theacsa eachdraidheil, agus air ciall an fhacail ‘co-fhlaitheachd’. Tha mi a’ crìochnachadh le cunntas nas fhaide air obair Phàdraig MhicPhàrlain.
| Seanchas eadar I. agus N. I. Maduinn mhath dhuit. N. Mar sinn duit féin. I. Cia mar tha thu’n duigh? [sic] N. Tha gu math, gun robh math agad. I. Cia mar tha thu féin? N. Tha mi gu ro-mhath. I. Ciod an naigheachd a th’ agad. N. Cha’neil naigheachd ùr agam. I. ’S ciatach an aimsir fhoghraidh sin. N. Seadh gu deimhin. I. A’bheil am bàrr dlù air bhi stigh far a’bheil thu chòmhnuidh. N. Tha e gu h-inbh bhig. I. A’bheil am bàrr math am bliadhna? N. Tha e ro-mhath. I. Bithidh gach ni saor a nis. N. Bithidh, gun teagamh. I. Cha bhi’n tuath gu math dheth. N. Cha bhi iad; ach bha’n latha féin aca. I. Tha na màil ro árd orra. N. Tha gu dearbh; ach tha cuid diubh a’ faotuinn meachainn. I. Tha feum ac’ air. N. A’ bheil thu cluinntinn a bheag de naigheachd ùr mu’n rìoghachd? I. Cha’neil mi. N. A’ bheil a bheag ùr as an Fhràing o chionn là no dha? I. Tha mi ’cluinntinn nach ’eil iad idir aon-sgeulach ’s an Fhràing fhathast. N. ’S mi-shealbhar an rioghachd i. I. ’Seadh, gun amharus. N. S truagh an cor anns bheil i. I. ’S truagh da rìreadh. N. Cha’neil iad toigheach m’an righ. I. Cha’n eil iad. N. B’fhearr leo riaghladh Co’-fhlaitheachd, seach Aon-fhlaitheachd. I. B’fhearr leo; ach ’s amaideach iad; cha léir dhoibh an leas. N. Dh’fhaodadh a Cho’-fhlaitheachd mu dheireadh a bh’ aca ciall a thoirt doibh. I. Dh’fhaodadh gun ag. N. ’S mithich dhomh a nis bhi falbh. I. Ciod e fàth do chabhaige? N. Bithidh mi anmoch. I. C’ uin a chi mi rithist thu? N. Chi, an ath-uair a thig mi’n choifhearsnachd so. I. ’S math leam t-fhaicinn. N. Oidhche mhath dhuit. I. Mar sin duitse. |
| A Dialogue between I. and N. J. Good morning to you. N. The same to you. J. How do you do to-day? N. Very well, I thank you. J. How do you do yourself? N. I am very well. J. What news have you got. N. I have nothing new. J. That is fine harvest weather. N. It is indeed. J. Is the crop near in where you live. N. It is nearly so. J. Is the crop good this year? N. It is very good. J. Every thing will be cheap now. N. Yes, indeed. J. The farmers will not be well off. N. They will not; but they had their own day. J. Their rents are very high. N. They are; but some of them are getting an abatement. J. They have need of it. N. Do you hear any thing new about the nation? J. I do not. N. Is there any news from France these few days? I. I hear they are not at all unanimous in France yet. N. It is an unfortunate kingdom. J. It is so. N. It is in a miserable condition. J. It is miserable indeed. N. They are not fond of the king. J. They are not. N. They would prefer a Republican government to a Monarchial one. J. They would; but they are foolish; they know not their interest. N. The last Republic they had might have taught them wisdom. J. Undoubtedly it might. N. It is time for me to be going. J. What is the cause of your haste? N. I will be late. J. When shall I see you again? N. You will see me the next time I come to this neighbourhood. J. I will be glad to see you. N. Good night, Sir. J. The same to you. |
Tùs: P. MacPharlain, Focalair Ùr Gaelig agus Beurla [A New and Copious Vocabulary etc.] (Dun-Eudainn: A. Constable agus A Chuideachd, 1815), tdd 149–150. Bu chòir don dà cholbh a bhith ri taobh a chèile. Faodar ruith a thoirt air an fhaclair air fad an seo.
~~~
Bhruidhinn mi anns a’ bhrath-bhloga mu dheireadh mu eadar-theangachadh a rinn Pàdraig MacPhàrlain air òraid Chalgacuis, a bha mar phàirt de Agricola le Tacitus. Nochd sin ann an leabhar sònraichte, Co’Chruinneachadh de dh’Orain agus de Luinneagaibh Thaghta Ghae’lach (1813). ’S ann ann an sin a gheibhear pàirt de thionndadh Gàidhlig Eòghainn MhicLachlainn air an Iiad am measg sheann òran Gàidhlig, cuid dhiubh a nochd ann an clò, saoilidh mi, airson a’ chiad turais.
Mar as motha a gheibh mi a-mach mu MhacPhàrlain ’s ann as inntinniche a tha e a’ fàs. Ach, mus can mi sìon a bharrachd mun duine, bheir sinn sùil air prìomh chuspair a’ bhloga seo ‘Seanchas eadar I. agus N.’
Tha an còmhradh goirid ri fhaighinn aig deireadh Focalair Ùr Gaelig agus Beurla, a dh’fhoillsich MacPhàrlain ann an 1815. Às dèidh inntridhean àbhaisteach an fhaclair, tha còmhradh a’ nochdadh gun dùil ris agus chuir na bha ann iongnadh orm. Tha e coltach gun robh MacPhàrlain ag iarraidh blasad a thoirt don leughadair air mar a ghabhadh a’ Ghàidhlig cleachdadh no litreachadh. Tha an còmhradh, ma-thà, le eadar-theangachadh Beurla ri a thaobh, a’ cur nar cuimhne air còmhraidhean oideachail a bhiodh ann do luchd-ionnsachaidh tòrr nas anmoiche. Ach, tha e cuideachd ann an dòigh nas sìmplidh a’ toirt ro-shealladh dhuinn air mar a ghabhadh an còmhradh cur gu feum ann an rosg Gàidhlig leis an Urr. Tormod MacLeòid ann an An Teachdaire Gaelach bho 1829.1
Ann an ‘Seanchas eadar I. agus N.’ – ’s dòcha eadar Iain agus Niall – chan eil cus aca ri ràdh an toiseach. Tha iad a’ beannachadh a chèile, a’ bruidhinn mun t-sìde, prìsean àiteachais agus buaidh a’ mhargaidh air tuathanaich. Agus, an uair sin, tha seo ann:
N. A’ bheil a bheag ùr as an Fhràing o chionn là no dha?
I. Tha mi ’cluinntinn nach ’eil iad idir aon-sgeulach ’s an Fhràing fhathast.
N. ’S mi-shealbhar an rioghachd i.
I. ’Seadh, gun amharus.
N. S truagh an cor anns bheil i.
I. ’S truagh da rìreadh.
N. Cha’neil iad toigheach m’an righ.
I. Cha’n eil iad.
N. B’fhearr leo riaghladh Co’-fhlaitheachd, seach Aon-fhlaitheachd.
I. B’fhearr leo; ach ’s amaideach iad; cha léir dhoibh an leas.
N. Dh’fhaodadh a Cho’-fhlaitheachd mu dheireadh a bh’ aca ciall a thoirt doibh.
I. Dh’fhaodadh gun ag.
Ged nach eil e fada, seo criomag anabarrach luachmhor air beachdachadh poileataigeach ann an rosg Gàidhlig – agus cho tràth san 19mh linn.
Cha robh a bheag aig ‘I[ain]’ ri ràdh mu naidheachdan na dùthcha, ach tha spionnadh a’ tighinn anns a’ chòmhradh nuair a thionndaidheas iad gu naidheachdan na Frainge. Tha buaireadh fhathast anns an dùthaich sin – chan eil iad ‘aon-sgeulach’ – agus chan eil cùisean air a bhith a’ dol gu math dhaibh car ùine. ’S e dùthaich mhì-fhortanach a tha innte. Chan eil iad, muinntir na Frainge, a’ cur taic ris an rìgh aca agus tha sin ag adhbhrachadh, tha e coltach, còmhstri. An àite a bhith air an riaghladh le rìgh, mar a bha Breatainn, ’s ann a tha iad ag iarraidh ‘Co’-fhlaitheachd’, siostam gun rìgh. Cha robh na Frangaich a’ tuigsinn na bha math dhaibh agus cha tigeadh crìoch air an cuid thrioblaidean. Nach robh cuimhne aca, tha ‘N[iall]’ a’ togail le mòr-iongnadh, cho dona ’s a bha ‘a Cho’-fhlaitheachd mu dheireadh a bh’ aca’?
Ciamar a mhìnicheas sinn seo agus carson a tha e cudromach?
Tha e annasach dhuinne gun nochdadh a leithid de phoileataigs ann am faclair! Ach, b’ ann a bha MacPhàrlain a’ gabhail a-steach beagan de ‘chùisean làitheil’ a dh’fhaodamaid a chreidsinn a bhitheadh air beul an t-sluaigh aig an àm, agus a bhitheadh ann an gnàth-chòmhradh.
An Co-theacsa eachdraidheil
Bho 1803 gu 1814, bha cogadh ann eadar Breatann agus an Fhraing, fo Napoleon. Leis gun deach an còmhradh seo fhoillseachadh ann an 1815, ’s urrainn dhuinn a bhith cinnteach gu bheil MacPhàrlain a-mach air Rìgh Louis XVIII (1755–1824), a bha air rìgh-chathair na Frainge eadar 1814 gu 1824. B’ e Louis XVIII a’ chiad rìgh anns an Ath-stèidheachadh Bhùrbonach. Thàinig e a-steach an toiseach, air 3 Cèitean 1814, às dèidh do Napoleon an Ìmpireachd a leigeil dheth ann an Giblean na bliadhna sin.

Gheall Louis XVIII a bhith a’ rìoghachadh mar rìgh bun-reachdail seach le làn-chumhachd (.i. air dòigh absolutist). Cha robh mòran taghadh aig daoine, ach tha e coltach gun do ghabh daoine ris agus iad seach searbh sgìth de chogadh.2 Ann an ùine ghoirid, ge-tà, chaill e taic bho dhiofar bhuidhnean dhen t-sluagh san Fhraing.3
From the outset, the new French monarchy faced many obstacles. Despite the French population’s war weariness, Napoleon remained broadly popular, notably among military veterans. Additionally, Louis XVIII’s early policies, such as disbanding the army and instituting taxes on alcohol and tobacco, were extremely unpopular among the lower classes. Within six months of taking the throne, even the elites were unhappy with the monarchy. Hearing rumors of the discontent in France and growing tensions at the Congress of Vienna over conflicting territorial claims, Napoleon saw an opportunity to reclaim his throne.
’S e a thachair an uair sin, tha fios, gun do thill Napoleon gu h-iongantach à eilean Elba, far an robh e air fhògradh, agus chruinnich na mìltean de shaighdearan air a chùlaibh ga sguabadh a-rithist gu cumhachd ann am Paris. Chuir mòran ghnàth-dhaoine taic ris, a bharrachd air Bonapartaich fhèin, libearalaich agus poblachdaich – duine sam bith a bha an aghaidh na monarcachd, ged nach robh iad idir air an aon ràmh gu poileataigeach. Ach, thàinig a h-uile rud a-nuas a-rithist aig Blàr Bhatarlù (18 Ògmhios 1815). Thathas ag ràdh gur e An Ceud Latha (Les Cent-Jours) aig Napoleon a bha seo: mu cheud latha bho a thilleadh bho Elba air 20 Màrt 1815 agus dàrna ath-stèidheachadh Louis XVIII air 8 Iuchar 1815.
Anns an Dàrna Ath-stèidheachadh, ma-thà, chaidh Louis XVIII a sparradh air na Frangaich a-rithist leis na Caidreabhaich (Allies) a thug buaidh air Napoleon. An turas sa, ge-tà, leigeadh srian le feachdan nan rìoghairean a rinn geur-leanmhainn air daoine a bha an amharas a bhith air taic a chur ris an Rèabhlaid no ri Napoleon. B’ e seo Rè an Uabhais Ghil (White Terror) a mhair eadar 1815 agus 1816 san Fhraing.4
When they arrived in France in 1815, the Allies found a divided nation. The brief episode of the Hundred Days had split the country between supporters of Napoleon and of Louis XVIII. In the wake of the emperor’s defeat at Waterloo, the country endured not just foreign invasion but also civil war, the so-called White Terror of royalists against fédérés.
Bha e cunnartach a bhith gu fosgailte an aghaidh an rìgh eadar an Lùnastal 1815 agus an t-Sultain 1816. A dh’aindeoin sin, bha aramachan ann am bailtean leithid Pharis, Lyon agus Grenoble nach do shoirbhich idir ach a thachair air sgàth cho mì-mheasail ’s a bha Louis XVIII. Fad na h-ùine, bha poblachdaich (a choimhead air ais gu Ciad Phoblachd na Rèabhlaid), Bonapartaich (a bha dìleas do Napoleon Bonaparte agus an riaghladh aige), agus libearalaich (a bhiodh deònach taic a chur ri monarcachd air bun-stèidh bhun-reachdail) uile ag eagrachadh gu dìomhair, agus a’ co-obrachadh, an aghaidh na monarcachd agus nan ultra-rìoghairean (ultra-royalists).5
Dh’fheuch an rìgh ri bhith a’ lasachadh smachd poileataigeach gus am biodh e na bu mheasail aig barrachd de mhuinntir na Frainge. B’ e a bhuil gun d’fhuair na libearalaich (poblachdaich nam measg) taic mhòr ann an Seòmar nan Teachdairean agus cheasnaich siud cumhachd is dligheachd na monarcachd. Thaobh an rìgh ri ceumannan aintighearnail a-rithist às dèidh do mhac a bhràthar, Diùc Berry, a bhith air a mhurt sa Ghearran 1820. Nuair a bhàsaich Louis XVIII ann an 1824, chaidh a bhràthair Charles X (1757–1836) a chrùnadh. Bha esan dubh an-aghaidh chòirichean libearalach, agus anabarrach mì-mheasail aig daoine. Sgap beachdan poblachdach is eile anns na bliadhnaichean seo.
Ann an 1830, às dèidh don rìgh Seòmar nan Teachdairean a leigeil mu sgaoil, na pàipearan a chaisgeadh, agus ionnsaighean eile a thoirt air saorsa an t-sluaigh, chaidh a chur far na rìgh-chathrach ann an Rèabhlaid an Iuchair. Bha aramach eile ann, Aramach an Ògmhios ann an 1832, an aghaidh Rìgh Louis Philippe – air a bheil Les Misérables, le Victor Hugo, stèidhiche – agus chaidh An Dàrna Poblachd a stèidheachadh, mu dheireadh thall, às dèidh don t-sluagh cuidhteas fhaighinn Louis Philippe ann an Rèabhlaid 1848.

A’ Cho-fhlaitheachd Fhrangach
Nuair a tha còmhradh Phàdraig MhicPhàrlain ag innse nach robh muinntir na Frainge ‘idir aon-sgeulach’ no ‘toigheach m’an righ’, bhiodh sin a’ freagairt glè mhath ris a’ Chiad Ath-stèidheachadh aig Louis XVIII eadar an t-Earrach 1814 agus am Màrt 1815 (gu sònraichte na b’ anmoiche san ùine sin). Chan eil e a’ freagairt ris A’ Cheud Latha aig Napoleon eadar am Màrt 1815 agus Iuchar 1815, nuair nach robh an rìgh ann! Ach, tha mi dhen bharail gur ann a tha MacPhàrlain a-mach air an Dàrna Ath-stèidheachadh aig Louis XVIII.
An t-iomradh as tràithe a tha mi air a lorg de dh’fhaclair MhicPhàrlain, anns a’ bheil an còmhradh seo, b’ ann ann an The Scots Magazine a bha e air 1 Sultain 1815 – agus e air a liostadh am measg fhoillseachaidhean ùra.6 Tha siud cha mhòr dà mhìos (bho 8 Iuchar 1815) às dèidh do Louis XVIII tilleadh gu cumhachd. Saoilidh mi gur e ùine gu leòr a tha sin a bhith a’ nochdadh ann an clò ann an leabhar dhen t-seòrsa sin, agus ’s e sgeul mòr a bhiodh ann an tachartasan na Frainge. (Dh’fhaodadh, ge-tà, gun deach an còmhradh a sgrìobhadh gu math na bu tràithe agus cha b’ ann chun na Sultaine a chaidh fhoillseachadh.)
Le bhith ag innse nach robh daoine ‘toigheach m’an righ’, ma-thà, dh’fhaodadh gun robh MacPhàrlain a-mach air a’ cheannsalachd (repression) phoileataigich san Fhraing, Rè an Uabhais Ghil, agus aramachan neo-tharbhach. Dh’fhaodadh gun robh e ag aithneachadh nach robh riamh meas mòr aig Frangaich air Louis XVIII (no air a theaghlach), gun robh e ann air sgàth neart arm nan Caidreabhach agus cha b’ ann air iarrtas nan daoine, agus gum facas dìreach bho chionn ghoirid na h-uiread den cho-chomann Fhrangach a’ cruinneachadh mu bhratach Napeolon.
Bu ‘truagh an cor anns bheil i’, gun teagamh, oir bha an Fhraing a’ sabaid an aghaidh a chèile. Agus, an àite a bhith a’ tòiseachadh air linn ùr dhòchasach a thaobh poileataigs is eaconomachd, b’ ann a thug an t-Ath-stèidheachadh Bùrbonach ionnsaigh air còirichean agus dìleab adhartach Rèabhlaid na Frainge (na bha air fhàgail dhi às dèidh Napoleon), b’ fheudar don Fhraing a bhith a’ pàigheadh airgead-dìolaidh do na Caidreabhaich agus a bhith a’ ceadachadh nam mìltean de an cuid shaighdearan a bhith stèidhichte san dùthaich gus am biodh an Roinn Eòrpa sàbhailte bho bhagairt rèabhlaideach sam bith.
Ach dè mu dheidhinn seo: ‘B’fhearr leo riaghladh Co’-fhlaitheachd, seach Aon-fhlaitheachd’?
Tha MacPhàrlain, tro charactaran a’ chòmhraidh aige, ag argamaid gum b’ fheàrr le Frangaich san fharsaingeachd ‘Co’-fhlaitheachd’, a tha e ag eadar-theangachadh mar ‘a Republican government’, na ‘Aon-fhlaitheachd’, air a mhìneachadh mar riaghaltas ‘Monarchial’, .i. monarcachd.
’S e tha ann an seo sìmplidheachadh agus coimeasgadh. Chunnaic sinn mar-thà gun robh earrann mhòr de mhuinntir na Frainge ann an diofar chlasaichean, cho fad ’s as aithne dhuinn, an aghaidh an rìgh ann an 1815. Ach cha b’ ionnan na poblachdaich (republicans), na Bonapartaich agus na libearalaich. Cuimhnich gun tug Napoleon Bonaparte ionnsaigh air a’ Chiad Phoblachd agus air còirichean Rèabhlaid na Frainge, ga ghairm fhèin na Ìmpire thairis air an t-sluagh. Bha na libearalaich na bu mheasarra agus sa chumantas deònach gabhail ri monarcachd na b’ adhartaiche na na bha ann. Air an làimh eile, dh’obraich na diofar bhuidhnean seo gu annasach dlùth ri chèile ri linn a’ Cheud Latha aig Napoleon agus ann am bliadhnaichean an Dàrna Ath-stèidheachaidh gus cur an aghaidh na monarcachd.7
Nuair a chanas ‘N[iall]’, ‘Dh’fhaodadh a Cho’-fhlaitheachd mu dheireadh a bh’ aca ciall a thoirt doibh’, gu bhith mionaideach bhiodh e a’ ciallachadh Ciad Phoblachd na Frainge, a mhair eadar 1792 agus 1804. Tha teans ann gun dèanadh e coimeasgadh suarach eadar siud agus an Ìmpireachd Fhrangach (1804–1814/15), leis nach b’ e gnàth-mhonarcachd a bha ann an sin na bu mhotha. Ach, bhiodh e furasta a chreidsinn gu bheil an còmhradh a’ tarraing ar n-aire gu Ciad Phoblach na Rèabhlaid agus gu Rìoghachadh an Uabhais (la Terreur) mar rabhadh.
Dh’fhaodadh gur e seo na tha MacPhàrlain ag ràdh ri leughadairean eadar na loidhnichean. Thug Breatann agus na Caidreabhaich buaidh air Napoleon dà thuras, an turas mu dheireadh aig Blàr Bhatarlù. Agus taing do shealbh! B’ ann a bha Napoleon na aintighearna a bha a’ sìor-chogadh ri dùthchannan eile, agus e ag iarraidh an saoghal a cheannsachadh. A-nis, tha cothrom aig na Frangaich air sìth agus soirbheachas. B’ urrainn dhaibh a bhith coltach ri Breatann agus monarcachd bhun-reachdail fhallain a bhith aca (fo cheannas nan uachdaran fearainn agus gun deamocrasaidh!), ach tha iad ga dhiùltadh. Tha na Frangaich, eu-coltach ris na Breatannaich, dìorrasach seach reusanta. Tha iad buailteach tilleadh gu aramach, agus a dhol an tòir air bruadaran amaideach mu ‘Phoblachd’. Dhèanadh siud cron orra fhèin ach tha e a’ fàgail gur e bagairt a bhios anns na Frangaich do shìth Eòrpach, agus fiù ’s do shìth nan ìochdaran ann am Breatann.
Seo a’ chiad turas as aithne dhomh gun deach cnuasachadh air poblachdas agus air a’ phoblachd ann an rosg Gàidhlig. ’S ann air an adhbhar sin a tha an teacsa cho inntinneach. Agus tha e a’ cur an cèill beachdan, ge be dè cho sgiobalta ’s a tha iad, a tha a’ tighinn a rèir dìlseachd don status quo Bhreatannach agus a’ diùltadh radaigeachd choimheach nam Frangach.
Brìgh an Fhacail ‘Co-fhlaitheachd’
Tha an còmhradh feumail cuideachd ann a bhith a’ soilleireachadh gu mionaideach dhuinn gun robh ‘Co’-fhlaitheachd’ a’ ciallachadh Poblachd, Republic aig an àm. ’S e sin a bha ann an CO + FLAITHEACHD (uachdaranachd, riaghaltas); dòigh air riaghladh leis na daoine seach le duine no buidheann thairis air na daoine.
An-diugh, dh’fhaodadh gun tuigeadh daoine sin ach ’s e as coltaiche gun aithnicheadh iad e mar ‘cho-fhlaitheas’, mar a gheibhear ann an Geamannan a’ Cho-fhlaitheis (The Commonwealth Games). Chan eil ann an siud ach buidheann de dhùthchannan càirdeil a tha ag obair còmhla airson amas co-roinnte – agus airson dìleab Ìmpireachd Bhreatainn a chumail a’ dol!
Ach, chì sinn ann an faclair MhicPhàrlain fhèin gun robh ‘Co’fhlaitheachd’ a’ ciallachadh na leanas aig an dearbh àm:8
Commonwealth, s. Co’-fhlaitheachd
Democracy, s. Co’-fhlaitheachd
Democratical, a. Co’-fhlaitheachdail
Republic, s. Co’-fhlaitheachd
Republican, s. Co’-fhlaitheachdach
Gu follaiseach, tha dlùth-cheangal aig an fhacal ri ‘deamocrasaidh’. Agus ’s e siud, agus chan e ‘republic’ am mìneachadh a gheibhear na bu tràithe ann am faclair Raibeirt MhicPhàrlain (1795): ‘Co’fhlaitheachd. democracy’; agus faclair Shaw (1780): ‘Comhfhlaithachd. Democracy’; agus ann am faclair Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair (1741):
Comhfhlaitheachd, Guibeirneoir,achd [sic] an Lamhuibh a Chumonto [.i. riaghaltas ann an làmhan nan cumantan] – A Democracy or Commonwealth
Mar a chithear anns an Oxford English Dictionary ‘The term [republic] is often (esp. in the 18th and 19th centuries) taken to imply a state with a democratic or representative constitution and without a hereditary nobility […]’.9
Tha atharrachaidhean poileataigeach na h-eachdraidh rim faicinn ann am mìneachaidhean nam faclairean. Tha e coltach gu bheil Mac Mhaighstir Alasdair a’ coimhead air ais gu Commonwealth Oliver Cromwell (1649–1660), ach ’s e Pàdraig MacPhàrlain a’ chiad duine a chleachd am facal Beurla ‘Republic’ mar mhìneachadh ann am faclair Gàidhlig, ’s cinnteach fo bhuaidh Poblachdan Aimeireaga agus na Frainge.
A’ leum air adhart chun an 20mh linn, sgrìobh an radaigeach Aonghas MacEanraig sreath ann an Guth na Bliadhna air an robh ‘A’ Cho-fhlaitheachd air a h-Uilinn’. Bha ceithir aistean ann uile gu lèir ann an Guth na Bliadhna XIV: 4 (An Geamhradh 1917), agus XV: 1–3 (An t- Earrach – Am Foghar 1918). Tha e ùidheil beachdachadh air brìgh an fhacail fo pheann sgrìobhadair a bha ann an da-rìribh ag iarraidh ‘co-fhlaitheachd’. Dh’fhaodadh a-rithist gu bheil cothlamadh againn de ‘phoblachd’ agus ‘deamocrasaidh’, an seo ann an seagh sòisealach. Ach, b’ e an t-eadar-theangachadh a thugadh air tè dhe na h-aistean ann an lèirmheas An Deo-gréine XIII: 4 (1918), 62: ‘Democracy on its elbow’ – ‘air a h-uilinn’ leis gun robh i eadar a cadal is a dùsgadh deiseil airson èirigh le cuideachadh, cleas na Fèinne nan uaimh.

Eàrr-Ràdh: Dìleab Phàdraig MhicPhàrlain
An-dràsta ’s a-rithist, bidh sinn a’ mothachadh do dh’ainm chuideigin a bhios a’ sìor-nochdadh ann an litreachas, gu tric air cùl ghnothaichean, ach nach eil a’ faighinn mòran cliù no cliù a mhaireas. Saoilidh mi gum b’ urrainnear Pàdraig MacPhàrlain (1768–1832) ainmeachadh nam measg-san airson toiseach an 19mh linn.
Seo na chaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn ann am Bibliotheca Scoto-Celtica (1832):10
Patrick M‘Farlane [a bha roimhe na ‘Schoolmaster at Appin’] is still living in Glasgow, labouring in the field of Gaelic translation. At present, he has a good number of manuscripts past him unpublished. The number of Gaelic works that have been printed under his care, is truly astonishing. He edited and emended the translation of Baxter’s Call to the Unconverted: translated a volume of Blair’s Sermons, printed in 1812: Bunyan’s Pilgrim’s Progress, in 1812, and 1819: a volume of Burder’s Village Sermons, 1821: Doddridge’s Rise and Progress of Religion in the Soul, 1811, and 1823: Doddridge’s One Thing Needful, 1811: Gilfillan on the Sanctification of the Sabbath, 1813: Gray’s Catechism on Baptism, 1813: M‘Gowan’s History of Joseph the son of Jacob, 1831: Willison’s Communicant’s Catechism, 1811: the Life of Andrew Dunn, 1829: besides one or two small tracts. M‘Farlane also published a Gaelic-English, and English-Gaelic, Vocabulary, in 1815: a collection of Poems, in 1813: he corrected the press of the New Testament of 1813: M‘Leod and Dewar’s Dictionary: the Gaelic Collection for the use of Schools: the Gaelic Messenger, and a number of other works.
Bhon liosta seo tuigidh sinn gun robh MacPhàrlain an sàs an ìre mhath anns a h-uile foillseachadh Gàidhlig cudromach aig toiseach an 19mh linn. B’ e eadar-theangair air grunn teacsaichean soisgeulach. Am fear a tha dha-rìribh a’ seasamh a-mach ’s e Pilgrim’s Progress le John Bunyan. Bha an leabhar seo cho prìseil am measg nan Gàidheal gum b’ ann tric a gheibhte e ri taobh a’ Bhìobaill ann an taighean air a’ Ghàidhealtachd aig nach robh leabhar sam bith eile. Ged a chaidh e tro iomadach eagran eile, agus ged a chaidh eadar-theangachadh le daoine eile, b’ e Pàdraig MacPhàrlain – agus chan e R[aibeart] MacPhàrlain, mar a tha aig Typographia Scoto-Gadelica (1915), td. 40 – a chuir Gàidhlig air Cuairt an Oilthirich; no Turas A Chriosduidh (1812) an toiseach. Abair euchd!11
Tha Dòmhnall Meek a’ mìneachadh gur e sàr eisimpleir a bha ann am MacPhàrlain air ròl a’ mhaighstir-sgoile ann an eadar-theangachadh soisgeulach Gàidhlig. Eu-coltach ris na ministearan a chuireadh Gàidhlig air teacsaichean nas àirde inbhe no a bhiodh a’ sgrìobhadh iad fhèin, bhiodh na maighstirean-sgoile ag obair air ‘more mundane tasks of translating catechisms and Puritan texts’. Ach, bha ùidhean na b’ fharsainge aig MacPhàrlain agus theann e ri obair shaoghalta cho math ri obair chràbhaidh.12
Because of his various excursions into Gaelic culture, MacFarlane had a particular sensitivity to Gaelic language levels. Once in print, his translation [of John Bunyan’s Pilgrim’s Progress] became a firm favourite in the Highlands and Islands. It went through thirteen editions in the course of the century, and has retained its pre-eminent place to the present day.
Agus, dh’ainmich An t-Urr. Calum MacGillFhinnein – a dh’eadar-theangaich e fhèin Pilgrim’s Progress ann an 1929 – tionndadh Phàdraig MhicPhàrlain dhen teacsa mar shàr eisimpleir de dh’obair nan ‘old masters’ a shoirbhich ann a bhith a’ tabhainn eadar-theangachadh do na Gàidheil ‘which seizes on the thought and spirit and clothes them in plain but graceful homespun, without sacrificing much of the genius and the flavour of the original’.13
An uair sin, a bharrachd air Co’Chruinneachadh de dh’Orain agus de Luinneagaibh Thaghta Ghae’lach (1813), mun do bhruidhinn sinn roimhe, agus Focalair Ùr Gaelig agus Beurla (1815),14 a tha fon phrosbaig sa bhrath-bhloga seo, cha tàinig e a-steach orm gun robh e an sàs ann an eagran ùr den Tiomnadh Nuadh, no gun robh làmh aige ann an Co’chruinneachadh, air a chur r’a chéile air iarrtas Comuinn Ard-Sheanadh Eagluis na h-Alba (1828) – leabhar a thug buaidh mhòr air rosg Gàidhlig, dhan do rinn e eadar-theangachaidhean. Agus, dè an gnothach a bha aige ri ‘the Gaelic Messenger’? Sin agad An Teachdaire Gae’lach (1829–1831), a’ chiad iris cheart, shusbainteach a bha againn ann an Gàidhlig, deasaichte leis an Urr. Tormod MacLeòid.
Mu dheireadh, tha connspaid spìosrach againn. Dh’fhoillsicheadh A Dictionary of the Gaelic Language, deasaichte leis an Urr. Tormod MacLeòid agus leis an Urr. Daniel Mac an Deòir (Dewar), ann an 1831. Tha e air fear dhe na faclairean Gàidhlig as motha san 19mh linn, le 32,000 ceann-facal anns an earrainn Gàidhlig-Beurla, 29,000 ceann-facal san earrainn Beurla-Gàidhlig, agus uaireannan mìneachaidhean nas fhaide do dh’fhaclan na bha àbhaisteach aig an àm. Tha Gillies agus Pike a’ sgrìobhadh:15
The quality of MacLeod’s and Dewar’s Dictionary of the Gaelic Language does great credit to its compilers, and its availability was a definite step forward for nineteenth-century Gaelic speakers. A second edition was published in 1832, only a year after the first, and a further twelve editions appeared between 1833 and 1910.
Tha fios again le cinnt gun robh làmh mhòr aig Pàdraig MacPhàrlain co-dhiù ann an dearbh-leughadh agus foillseachadh an fhaclair. Anns an Ro-ràdh, tha e air innse:16
This Dictionary has been superintended in its progress through the press by Mr. Patrick M‘Farlane of Glasgow, the well known translator of many valuable works into the Gaelic language. To his great attention in the correction of the press, and his minute acquaintance with provincial phraseology, this work in its present form is much indebted, and the compilers have great pleasure in acknowledging their obligations to him.
Tha Sheila Kidd a’ togail casaid, ge-tà, a nochd anns an iris The Highland Echo/Guth nan Gaidheal ann an 1877. Chùm siud a-mach nach robh gnothach sam bith aig MacLeòid agus Mac an Deòir ann an obair an fhaclair a bharrachd air a bhith a’ cur an ainmean ris. B’ e Pàdraig agus a mhac, Dòmhnall, a bha an urra ris.17
He [am foillsichear, W. R. McPhun] paid the Macfarlanes, father and son, for compiling the Gaelic Dictionary of MacLeod and Dewar, a compilation which cost their lives to the highly diligent scholars, the Macfarlanes. MacLeod and Dewar received £200 from Mr McPhun for allowing their names on the title-page as authors. It was rightly judged that the Dictionary would sell better with their names than with those of the Macfarlanes.
Tha e a-nis anabarrach doirbh seo a dhearbhadh. ’S aithne dhuinn, ge-tà, gun robh Pàdraig MacPhàrlain làn-chomasach air a leithid de phròiseact mòr a choileanadh – bha na sgilean deasachaidh is cànain aige, bha e air sreath de dh’obraichean fhoillseachadh, a bharrachd air deagh fhaclair na bu lugha, Focalair Ùr Gaelig agus Beurla ann an 1815. Aig an dearbh àm, a bheil e furasta a chreidsinn gun robh an t-Urr. Tormod MacLeòid comasach air faclair cho tomadach a dheasachadh nuair a bha e suas gu ugannan ann an sgrìobhadh is deasachadh air An Teachdaire Gae’lach eadar 1828 agus 1831, gun luaidh air a h-uile dleastanas eile aige mar mhinistear is eile? Bha uiread de dh’uallach air gum b’ fheudar dha crìoch a chur air An Teachdaire, agus rinn e gearan nach do chuir an t-Urr. Mac an Deòir sìon ris.18 An iad seo an dithis a bheireadh a-mach faclair mòr ann an 1831?
Ma tha a’ chasaid seo fìor, tha Pàdraig MacPhàrlain agus a mhac Dòmhnall airidh air barrachd spèis na choisinn iad gu ruige seo. Bha ‘Faclair MhicLeòid is Mhic an Deòir’ buadhach tron 19mh linn agus bha e mar phrìomh thùs aig Dwelly aig toiseach an 20mh linn.19 ’S dòcha gur e ‘Faclair MhicPhàrlain is MhicPhàrlain’ a bu chòir a bhith air!
San dùnadh, agus gus tilleadh gu prìomh chuspair a’ bhrath-bhloga, seo na gheibhear co-cheangailte ri ‘Co-fhlaitheachd’ anns an fhaclair:20
COMH-FHLAITHEACHD, s. f. ind.
COMH-FHLAITHE, or -AS, -EIS, s.m.
(Comh and Flaitheachd,) Democracy; a commonwealth, republicanism.
COMH-FHLAITHEACH, adj. Democratic, republican.
COMH-FHLATH, -AITH, -AITHEAN, s. m. (Comh and Flath,) A fellow-ruler, a demagogue.
Shiubhail Pàdraig dìreach bliadhna às dèidh don fhaclair tighinn a-mach san t-Samhain 1832 (cha do lorg mi ceann-là cinnteach):21
At Glasgow, aged 74, Mr. Patrick Macfarlane, the well known Gaelic scholar, in which, and in Celtic literature, during the last 50 years, the extent of his labour was astonishing.
T. MacAilpein (Samhain 2024)
~~~
- Air ‘còmhraidhean’ mar chruth litreachais Ghàidhlig san 19mh linn, faic: Sheila Kidd, deas., Còmhraidhean nan Cnoc: The Nineteenth-Century Gaelic Prose Dialogue (Glaschu: Scottish Gaelic Texts Society, 2016). ↩︎
- “The restored Bourbons were unpopular with the Parisian masses from the start. As early as 6 April 1814 (the day Napoleon abdicated), René de Chateaubriand’s sister described “the rabble” (la canaille) as “insolent and very brazen”; no one (she said) dared wear the white cockade in certain (unidentifed) Paris faubourgs (peripheral districts inhabited predominantly by artisans and workers), where posters announcing her brother’s pamphlet backing the monarchy were smeared with excrement.”
Michael Sibalis, ‘The Hundred Days and the Birth of Popular Bonapartism in Paris’ ann an Katherine Astbury agus Mark Philp, deas., Napoleon’s Hundred Days and the Politics of Legitimacy (Palgrave, 2018), td. 24. ↩︎ - Darcie Fontaine, Modern France and the World (Routledge, 2023), td. 72. ↩︎
- Christine Haynes, Our Friends the Enemies: The Occupation of France After Napoleon (2018), td. 248. ↩︎
- Tha mi a’ tarraing an seo agus anns a’ chòrr dhen earrainn air R. S. Alexander, Bonapartism and Revolutionary Tradition in France: The Fédérés of 1815 (Cambridge: Cambridge University Press, 1991), tdd 13–20. ↩︎
- ‘New Works Published in Edinburgh’, Scots Magazine (1 Sultain 1815). A’ mhìos às dèidh sin, tha sanas eile anns an London Courier and Evening Gazette (13 Dàmhair 1815), ag innse ‘This day is published in 8vo. price 7s 6d boards, A NEW and COPIOUS ENGLISH and GAELIC VOCABULARY […] Printed for the Author, and sold by Longman, Hurst, Rees, Orme and Brown, London; and A. Constable and Co. Edinburgh.’ ↩︎
- Alexander, ibid., tdd 13–14. ↩︎
- Gheibhear cuideachd san fhaclair ‘Ear-fhlaitheachd, s. Aristocracy’ (.i. iarlachd), agus mar a bhiomaid an dùil, ‘Aon-fhlaitheachd, s. Monarchy’. Tha an dà fhacal seo, le litreachadh beagan eadar-dhealaichte, a’ dol air ais gu faclair Mhic Mhaighstir Alasdair (1741). ↩︎
- Oxford English Dictionary, s.v. “republic (n.),” September 2024, https://doi.org/10.1093/OED/6722394228. ↩︎
- John Reid, deas., Bibliotheca Scoto-Celtica (Glaschu: John Reid & Co., 1832), tdd liv–lv. Gheibhear an leabhar an seo. ↩︎
- Ma bha Turas a’ Chrìostaidh dlùth do na Gàidheil, bha Pilgrim’s Progress dlùth do na radaigich ann an Sasainn (agus, tha mi an dùil, Alba). B’ e gluasad poballach a bha ann an soisgeulachd a chuir an cèill fìor iarrtasan nan daoine, a thug buaidh mhòr air radaigeachd. Seo beagan dhe na thuirt E.P. Thompson mu Bhunyan:
“And it is above all in Bunyan that we find the slumbering Radicalism which was preserved through the eighteenth century and which breaks out again and again in the nineteenth. Pilgrim’s Progress is, with Rights of Man, one of the two foundation texts of the English working-class movement: Bunyan and Paine, with Cobbett and Owen, contributed most to the stock of ideas and attitudes which make up the raw material of the movement from 1790–1850, Many thousands of youths found in Pilgrim’s Progress their first adventure story, and would have agreed with Thomas Cooper, the Chartist, that it was their ‘book of books’.” (The Making of the English Working Class (Middlesex: Penguin Books, 1963), td. 34.)
Saoil an tug an leabhar, agus eadar-theangachadh MhicPhàrlain fhèin (!), buaidh ‘radaigeach’ sam bith air na croitearan na b’ anmoiche a rachadh tron Eaglais Shaoir agus a dh’èireadh an aghaidh nan uachdaran? Tha seann lethbhreac de dh’eadar-theangachadh Chaluim MhicGillFhinnein agam. ↩︎ - Donald E. Meek, ‘John Bunyan in the Kilt: The Influence of Bunyan Texts on Religious Expression and Experience in the Scottish Highlands and Islands’, Scottish Studies, Vol. 37 (2014), 156. ↩︎
- M. Maclennan [1920] ann an T. Murchison, ‘prose, religious’, Derick S. Thomson, deas., The Companion to Gaelic Scotland (Glaschu: Gairm Publications, 1994), td. 243. ↩︎
- A’ toirt sùil air faclair MhicPhàrlain, tha Uilleam MacGillÌosa agus Lorna Pike a’ mìneachadh gum b’ esan ‘the first Gaelic lexicographer to explicitly consider the needs of learners when compiling his dictionary’. B’ ann ann am Focalair Ùr Gaelig agus Beurla (1815) a gheibhear mìrean-cainnte (parts of speech) airson a’ chiad turais. Tha earrann Beurla-Gàidhlig ann, anns a bheil 14,000 ceann-fhacal agus earrann Gàidhlig-Beurla anns a bheil 9,000 ceann-facal, a bharrachd air stiùireadh air mar a leughar a’ Ghàidhlig. Thuirt iad:
“His dictionary is typographically clearer and more obviously structured than its predecessors. He has chosen a vocabulary of everyday Gaelic, well suited to the published works of the time. In terms of the history of Gaelic lexicography, the most significant aspect of this work is the fact that MacFarlane saw his remit as explaining the language, where his predecessors aimed merely to record and preserve it.”
William Gillies agus Lorna Pike, ‘From Medieval Beginnings to 1911 [Gaelic Lexicography]’, ann an Iseabail Macleod agus J. Derrick McClure, deas., Scotland in Definition: A History of Scottish Dictionaries (Dùn Èideann: Birlinn, 2012), tdd 208–210. ↩︎ - Ibid., td. 218 ↩︎
- Rev. Dr Norman MacLeod agus Rev. Dr Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language, &c. (Glaschu: W.R. McPhun, 1831), td. vi. ↩︎
- Air a luaidh ann an Sheila Kidd, ‘Tormod MacLeòid: àrd-chonsal nan Gàidheal’ ann an Sheila Kidd, deas., Glasgow: Baile mòr nan Gàidheal (Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 2007), td. 124. ↩︎
- Mar a tha Kidd a’ mìneachadh ann an ibid., td. 125. ↩︎
- ‘Most of the works [.i. inntridhean] not marked are taken from MacLeod & Dewar’s Gaelic Dictionary […]’ ann an Edward Dwelly, The Illustrated Gaelic-English Dictionary (Glaschu: Gairm Publications, 1994 [1901–1911], td. viii. ↩︎
- MacLeod agus Dewar, ibid., td. 179. ↩︎
- Newcastle Journal (Disthairne 17 Samhain 1832). ↩︎

One thought on “CO-FHLAITHEACHD: Còmhradh mu Phoblachdas san Fhraing (1815)”